GF081i06_082i01 LAGHAISTE MÓR MAC IAIN GARAIDH Beulaiche: Dòmhaill Sheonaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie [Dan MacKenzie:] Cha tig an duine ud eile [BREAK IN TAPE]—fear roimhid 's a bhean 's bha aon ghille aca. Agus dh'eug 'athair òg. Studaig a mhàthair, dar a dh'eug e—cha robh e ach òg, bliadhna na dhà—gun cumadh i seachd bliadhna air na cìochan e—'deoghail nan cìochan. [Unidentified Speaker 1]: [Cluinn. cluinn?] [DMK:] Agus, alright, nuair a bha e seachd bliadhna air na cìochan, choimhead i air. Bha e 'coimhead gu math foghainneach. Studaig i an uair sin gun cumadh i seachd bliadhna eile e' 'deoghail nan cìochan. Bha e 'n uair sin fourteen. [Unidentified Speaker 1:] Feusag air an uair sin! [Unidentified Speaker 2:] Cha robh. [DMK:] Agus co-dhiù, dar a bha e fourteen, studaig i gun cumadh i e gus am biodh e bliadhn' air fhichead, twenty one. [Unidentified Speaker 2:] Ìos'. [DMK:] Air na cìochan. Alright. Dar a bha e bliadhn' air fhichead air na cìochan, tha teansa gu robh e gu math foghainneach a choimhead. 'S cha do dh'iarr i car riamh air. Cha do dh'iarr i car riamh air a dhèanamh. Ach, a' latha bha seo, bha i 'sileadh an uiste [uisge]. Thuirt i ris dar a bha e bliadhn' air fhichead, twenty one, "Theirig a-mach is geàrr ultach chonnadh dhomh. Cha do dh'iarr mi car riamh ort." Chaidh e 'mach 's thug e sùil a' siud 's a' seo, 's a' seo 's a' siud. Chuala e shuas ás a' bheinn ag éigheachd duine dha, "[Galang, galang?] come here, [galang?]." Bha 'ad a' draibheadh daimh, "[Galang, galang?]". Tha teansa gu robh e, gu robh e cho math gu ruith 's a bha e cho làidir—a-mach a thug e dha 'n bheinn. Bha dà phaidhir dhamh a's a' bheinn ceangailte ri maide mór do fhiodh chruaidh 's bha 'ad an deaghaidh stuck-adh. Dh'fhalbh e 's rug e air ceann a' mhaide. Thog e e 's chuir e air a mhuin e. Dhragh e 'nuas leis a' bheinn am maide, 's na damhan oirr'. [DMK:] Gheàrr e maide suas, splut e 's bhrist e 's fling e a-measg—lìon e an taigh le connadh. Dh'fhalbh e 's rug e air na ceithir dhamh. Gheàrr e 'ad 's mharbh e 'ad 's chaill e 'ad 's phronn e 'ad 's lìon e staigh le feòil. "Tha mis'," ars' esan, "a' falbh a choimhead 'son obair. Tha biadh 's, tha feòil 's connadh gu leòr agad gus an till mi." A-mach a dh'fhalbh e. Thachair a' rìgh ris. Agus, "Có thu?" ars' esan. "Mise," ars' esan, "Laghaiste Mór mac Iain Garaidh. Sin an t-ainm a th' orm." An do thuig thu siud? Cha chreid mi fear seo a's a' Ghàidhlig againn. Ach, tha diofar ann. [John Shaw:] Tha. [DMK:] Tha! Laghaiste Mór mac Iain Garaidh, that would be a giant, you know, a big giant. "Tha mi 'coimhead 'son cosnadh." "Uill," ars' esan, "tha mise 'coimhead airson seirbhiseach." "Alright." 'S dh'fhalbh e còmhla ris a' rìgh. Uill, thuirt e ris a' rìgh 's thuirt a' rìgh ris, "Feumadh tu bargan a dhèanadh rium, fad bliadhna. 'S ma bhristeas tu air a' bhargan, bheir mi seachd iallan ás do dhruim agus iall 'gad cheangal." [JS:] Hm-hmm. [DMK:] 'S an aon rud ris a' rìgh nam bristeadh e air a' bhargan—seachd iallan ás an druim, that's the flesh, ás a dhruim agus iall 'gad cheangal. "Alright." Thuirt a' rìgh ris a' làrna-mhàireach nuair a dh'éirich e, "Tha," ars' esan, "sabhal shuas ann a' shiud 's e làn do dh'arbhar. Agus feumaidh tu do breakfast a chosnadh ma faigh thu e." [JS:] Hm-hmm. [DMK:] Dh'fhalbh esan suas. Chan eil fhios a'm a' faca tusa riamh rud ris an canadh 'ad buailtean. [Unidentified Speaker 1:] O, bha sinn dìreach a' bruidhinn orra. [DMK:] A robh? Yeah, alright. Buailtean. [JS:] Sheadh. [DMK:] Agus rug e air 's a' chiad srac a thug e dha 'n—leig e 'nuas arbhar, arbhar a-nuas, poidhl' a-nuas, gu leòr—a' chiad buille a thug e dha 'n bhuailtean, bhrist e. [Unidentified Speaker 2:] Bha e cho làidir. [JS:] Bha. [DMK:] Agus bha dà chraoibh do ghiuthas a' fàs ann an gàradh a' rìgh, dà chraoibh mhór do ghiuthas. Dh'fhalbh e 'nunn 's dhragh e ás an talamh na dhà dhiubh. 'S cheangal e ri chéile 'ad. [DMK:] Thog e suas 'ad 's a' chiad srac a thug e, chaidh a' chraoibh a' roof an t-sabhail 's thuit an taobh—a' roof—a's an t-sabhal. Chum e roimh' air bualadh. Agus cha robh e fad sam bith phoidhleadh a-nuas an t-arbhar 's gus a robh e ullamh—o, cha robh e ach uair, mar uair na dhà ann. Dh'fhalbh e dhachaigh. "Tha siud ullamh," thuirt a' rìgh—thuirt e ris a' rìgh. Thuirt a' rìgh—bha a' rìgh a' coimhead air dé chaidh air n-adhart, "Uill," ars' esan, "cha leig thu leas an còrr a dhèanadh an-diugh. Gheobh thu do breakfast." Tha teansa gu robh an t-àm aige air biadh ithe. [DMK:] "Gheobh thu do bhiadh." [Unidentified Speaker 1:] Choisinn e 'bhiadh. [DMK:] Alright. Dh'fhalbh a' rìgh dha 'n fhear-chomhairle cho luath 's a b' urrainn dha 's dh'innis e mu dheidhinn an duine a fhuair e, seòrsa duin' a bh' ann. "Uill," ars' esan, "tha muileann-bleith a's an àite." Bha fhios aige cà ' robh e. "So, làrna-mhàireach, can thusa ris an coirc' a chur ann am poca, each a thoirt leis 's cairt na truck wagon." "Uill, bheir dhomh an iuchair," ars' esan, "tha sin alright." Thug e leis an iuchair 's dh'fhosgail e 'n dorus, chaidh e 'staigh 's thug e 'staigh an coirce. Chaith an coirce far a robh e 'dol 'ga bhleith. Dhùin e an dorust. Cha robh e fad sam bith 's gus an dàinig seachd deamhain bheaga a-staigh thro tholl na h-iuchrach. [Unidentified Speaker 1:] O, deamhain bheaga! [Cluinn?]. [DMK:] 'S thàinig an Deamhan mór as an deaghaidh. [Unidentified Speaker 3:] Through the same hole. [DMK:] Through the same hole. Agus, bha e 'breabadh nan deamhain mu 'n cuairt a' bleith a' choirce a' siud 's 'ad [?]. Alright. Dar a bha an coirce bleithte 's an gnothach ullamh, rug e air na seachd deamhain bheaga 's air an t-seachd deamhain—an Deamhan mhór—'s bhleith e as a' mhuileann—a-measg a' chéile. [Unidentified Speaker 3:] Dhia 's Mhuire Mhàthair. [DMK:] Bhleith e 'm measg a chéil' 'ad [uile?]. It's about [stop?]. Studaig e 'n uair sin gun caidileadh e 's a' mhuileann, gun caidileadh e gus an làrna-mhàireach. Cha dàinig e a's a' mhadainn, 's dh'fhàs a' rìgh cho toilichte. Cha b' fhiach gun deachaidh a mharbhadh. Fhuair e deiseil an coirce 's ràinig e 'staigh. Uill, bha rìgh 'ga choimhead. "Uill, uill, uill, uill," ars' esan, a' rìgh, "cha leig thu leas an còrr a dhèanadh an-diugh," agus, "gus a-màireach." "Uill." ars' esan. "Glan." Chaidh e gu 'n fhear-chomhairle. Dh'innis e dha ás deoghaidh mar dh'éirich. "Uill," ars' esan, "tha banais a-nochd 's an ath-oidhch' a's an àite. Duine móra, big shots. Agus ruithidh thu shuas ud 's bidh thu ann. Bheir leat còmhla riut e. 'S canaidh tu ris sùil gheur a bhith aig' ort fad na h-oidhcheadh. Agus sin rud nach urrainn dha dhèanadh." Says the king was trying to get ahead of him. Sùil gheur. Dh'fhalbh 'ad. Bha esan cho math gu ruith 's a bha e cho làidir 's bha poidhle do dhaimh aig a' rìgh air pasadar. A-mach a thog e dha, 'ga ruith, 's rug e air na daimh 's bha e 'sgrìobadh asta na sùilean 's 'gan cur 'na phòca. Lìon e 'phòc' uile le sùilean. [Unidentified Speaker 1:] O, nach e bha 'n daor. [DMK:] Agus a-mach a thug e. Thuirt a' rìgh ris, "Cà' robh thu?" "Och," ors' esan, "cha robh mi ach air run." Chaidh 'ad a-staigh, chaidh 'ad a-staigh dha 'n taigh co-dhiù 's by God, chaidh esan a chur ann an rùm mór, bha a-huile rud ann. Dh'fhuirich esan an dàrna taobh. An ceann a h-uile treis, bheireadh e sùil air an rùm far a robh a' rìgh. Chaitheadh e sùil air! Do shùilean an dàmh air. [Unidentified Speaker 1:] Chaitheadh e sùilean an dàmh. [DMK:] Chaitheadh e sùilean an dàimh air! [Unidentified Speaker 1:] Mhuire, Mhuire, cho briagha 's a bha e. [DMK:] Agus, agus, "By God," chanadh 'ad an uair sin. My God, dé bha ceàrr orra? A leithid seo a' dol air n-aghaidh, nach robh éibhinn. Thuirt e, an ceann treis, thuirt a' rìgh, dh'aithnich e glé mhath dé bh' ann—sùil dàimh a bhith aige fairis na h-oidhch'. "Feumaidh sinn a bhith 'dol dhachaigh." Dh'fhablh 'ad. "Uill," ars' esan, "nuair a théid thu dhachaigh, bidh bean agad a' bruidhinn Latin nuair a théid thu dhachaigh." "Och," ars' esan, a' rìgh, "cha bhi, cha bhi, cha bhi." Cha robh Latin aice. Ruith esan cho luath 's a b' urrainn dha. Bha e cho math gu ruith 's a bha e air a h-uile rud eile. Ràinig e 'n taigh 's bha ise 'sa leabaidh 's "Éirich, éirich, [a sheann ghalathad?]!" [Unidentified Speaker 3:] Bha i [onais?]. [DMK:] "Chuir thu—chuir a' rìgh mis' air chabhag a dh'iarraidh pòg." [Unidentified Speaker 1:] Cuir. [DMK:] Dar a bha ise a' toirt a' phòg dhasan, kiss, chuir i 'mach a teanga. Gheàrr e dhith bàrr na teanga le 'fhiaclan. A-mach a thug e. Choinnich e a' rìgh. Dar a ràinig a' rìgh a-staigh, bha ise air meadhan an ùrlair 's i falbh, "Bh, bh, bh, bh, bh, bh, bh, bh, bh, bh!" Cha tuigeadh e guth. "Nach duirt mi riut-s' gum biodh i 'bruidhinn Laideann!" [Unidentified Speaker 1:] Gum biodh i 'bruidhinn na Laidinn. [DMK:] "Laideann! Bheil thu 'faicinn?" "Uill, tha. Tha i 'bruidhinn Laideann." An uair sin, làrna-mhàireach, dh'iarr e air obair. "Uill," ars' e, "chan eil car ann an-diugh." Chaidh a' fear-comhairle gu—chaidh a' rìgh gu 'n fhear-chomhairle. "Uill," ars' esan ris—a' fear-comhairle ris, "feumaidh gur e an Deamhan a tha siud. Can thusa ris a-màireach staidhir chasan caorach a bhuild-eadh ann an corner an t-sabhail dhut. [Unidentified Speaker 1:] Staidhir chasan caorach. [DMK:] Staidhir chasan caorach. Làrna-mhàireach, thuirt a' rìgh ris, "An obair a th' agam dhut an-diugh, 's e staidhir chasan caorach a bhuild-eadh ann an corner an t-sabhail." "O, seadh," ars' esan. 'Mach a thug e. Thug e leis tàirnean is uidheam. Bha uamhas do chaoraich aig a' rìgh ann am pasadar. A-mach a thug e. Thug e leis pocan, 's gheàrr e na casan far na caoraich. [Unidentified Speaker 3:] Dhia 's a Mhuire. [DMK:] Lìon e a dhà na trì phocannan dhiubh agus thàinig e dhachaigh. Chan e—chum e dha 'n t-sabhal. [Unidentified Speaker 1:] Tha seo math! [DMK:] Agus start e air nail-eadh nan casan chaorach ri chéile 's dhèanadh e suas ri chéile. Agus nuair a bha e ullamh, chaidh e dhachaigh. 'S thuirt e ris a' rìgh, "Tha, tha siud ulladh." Chaidh a' rìgh a choimhead. Dar a chaidh a' rìgh a-mach, cha chualas ás a' bheinn ach, "Baa, baa, baa, baa, baa!" aig na caoraich ag éigheachd. "Baa, baa." [Unidentified Speaker 1:] Cha robh casan idir orra. [DMK:] Cha robh casan idir orra. Thuirt a' rìgh, "Alright." Dar a chaidh e dha 'n t-sabhal far a [robh staidhir?] casan nan caorach. [indecipherable] a-nist. Chaidh e gu 'n fhear-chomhairle. Uill, thuirt a' fear-comhairle ris, "Chan eil an còrr phlànaichean agamsa. Feumaidh gur e duine eagalach a tha siud." Chaidh a' fear-comhairle dhachaigh 's dh'innis e dha, "Chan eil an còrr obrach agam dhut." Bhrist e air a' bhargan an uair sin. Rug e air a' rìgh, fhuair e sgian, 's gheàrr e seachd iallan ás a dhruim, agus iall 'gad cheangal. Agus thug e leis a phàigheadh. Agus, a-nis, an cuala tu [?] bruidhinn air Jake the Lantern? [JS:] Cha chuala. [DMK:] Cha chual' thu riamh Jake—uill, tha mi 'creidsinn gun cuala thusa bruidhinn— [Unidentified Speaker 1:] Chuala, chuala. [DMK:] Alright. Jake O' Lantern, dar a dh'fhalbh e far an t-saoghail seo, ràinig e ifrinn, an duine. Cha ghabhadh an Deamhan gnothach ris. Chaidh a bhleith ro 'n mhuileann. Bhleith e 'n Deamhan ro 'n mhuileann. Cha ghabhadh e gnothach idir, idir ris tilleadh dha 'n ifrinn. An deaghaidh a chur ro 'n mhuileann. [JS:] Sheadh. [DMK:] "Alright," ars' esan ris, an Deamhan ris, "Bi falbh. Bidh thu 'nad Jake O' Lantern air feadh an t-saoghail fad 's a bhios tu beò. Sin deireadh an naidheachd. [JS:] 'S e.