Ma Thig Cat Seachad Ort, Faodaidh Tu Tilleadh Dhachaigh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF079i03_080i01 MA THIG CAT SEACHAD ORT, FAODAIDH TU TILLEADH DHACHAIGH
Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith
[Peggy Smith:] Bha caraidean, taigh aca, mar gun canadh tu, bonn beinneadh, tha fhios agad, àite réidh air beul siud.
[John Shaw:] Hm-hmm.
[PS:] Thog 'ad an taigh ann a' sin, caraid a bha seo. Bha mart aca is—'s o, làn do bhainne. Bha 'ad ann, 's thòisich feadhainn a' tighinn a dh'iarraidh bainne 's bheireadh a' bhean dhaibh can do bhainne. Thòisich is' air na—'cur na h-aghaidh, fhios agad, airson—[BREAK IN TAPE]—bha cat caol dubh a' tighinn a-staigh dh'ionns' an taigh, 's mu dheireadh, thòisich e air tighinn a-staigh.
[JS:] Hm-hmm.
[PS:] Bha uamhasach dàna. Shuidheadh e 'na laighe aig a' stòbh nuair a thigeadh a' fear seo dhachaigh—
[JS:] Sheadh.
[PS:]—an duine aice dhachaigh. Cha mhór gum biodh sìon aicese gus [itheadh?]. "Càit' a bheil, thu—am beòthach sin, càit' a bheil thu sin?"
"Tha e 'tighinn a-staigh, am beòthach ud, truaghair. Tha mi 'toirt dha a leòr do bhainne," thuirt ise. Cinnteach gur e sin a' rud a's coireach. "Falbhaidh e 's an can bhainne aige 'na bheul," thuirt ise dha—rud a bha buidseachd aice.
"Ach, uill, uill," thuirt esan, "nach e tha laghach, tha fhios. Tha e 'na dh'fhuireach aig a' stòbh 's e 'ga, 'ga imlich e fhéin, 'ga ghlanadh fhéin. Sin dìreach," thuirt esan, "mar a tha na cait, gun glanadh e e fhéin."
O, ghabh 'ad a' suipear 's a h-uile sìon 's chaidh an taigh a ghlasadh suas. Chaidh 'ad a chadal. Tràth 's a' mhadainn, dh'éirich 'ad, bha mart aig an dorus. Leig i am mart, mar siud, thàinig an cat a-staigh 's leig e ás an can aig an dorus. "Coimhead," thuirt ise, "tha làn do chan bhuaith' do bhainne."
"Ah!" Dh'fhàs esan mosach rith'.
[JS:] Hm-hmm.
[PS:] "Bitheadh nì sinn, dé—chan eil gnothach agadsa ris!"
"Chan eil," thuirt esan, "ach—"
"'S toigh leis am bainne," thuirt ise, "'s tha gu leòr againn ás-aonais a-nis."
O, bha e, bha i cho truagh 'son a' chait, fhios agad. Fhuair an cat a-mach ás an taigh agus dh'fhalbh ise 's fhuair i teans', 's thug i soitheach do bhainne 'mach. Dh'éibh i ris a' chat, tha fhios.
O, siud, o no 'ga thoirt leis dhachaigh. 'S e thoirt leis a rinn e 'na bheul 's can, tight 's a' can. Mach a thug e leis 's chan fhac' is' an còrr soidhn' air. Ach dar a bha i réidh leigeil a' mhart 's a' mhadainn, thug i 'staigh a' bhucaid bhainne 's bha i air a' bhòrd. Có thàinig a-staigh ach an cat? Cat caol dubh. 'S thàinig e 'staigh 's ghlan—bha i car fuar.
"Tha na cait," thuirt esan, "'s e Gilleasaich a th' annta 's tha 'ad eagalach dis."
"Ah, chan eil comas ac' air a' sin," thuirt i, "gharadh 'ad 'ad fhéin nuair a gheibh 'ad an teans'."
Chaidh i, chaidh an cat—dh'fhalbh i 's ghoirt i soitheach do bhainne bhlàth 's thug i 'nunn e 's thug i dha 'n chat e. Ann an dà mhionaid, cha robh boinne aig a' chat dha 'n bhainne.
"Ah, nach ann air a tha an t-acras," thuirt ise.
"Uill, tha, bho chionn seachdain," thuirt esan. "Thuirt mo mhàthair rium tric, 'A' rathad a tha thusa 'dol a shealgaireachd, ma thig squirrel seachad air a' rathad, cùm romhad air a' rathad 's bidh luck math ort. Ach, ma thig cat seachad ort, faodaidh tu tilleadh dhachaigh. Chan fhaigh thu sìon. Droch luck a th' ann an cat a dhol seachad. Ma bhios tu 'dol á stòr na ag iarraidh sìon á dh'àite sam bith, cat a dhol seachad ort, bi air thoiseach ort air a' rathad, faodaidh tu tilleadh dhachaigh.'"
Bhiodh 'ad a' dol a dh'iasgach. Làithichean, gheobhadh 'ad supplies, làithichean eile, chan fhaigheadh 'ad sìon. Bha 'ad a' watch-adh a' chait.' Ach, chunna mise cat," thuirt esan, "a h-uile latha a tha mi 'tighinn dhachaigh, tha cat a' dol cros orm," thuirt esan, "mu ruig mi 'n t-àite. Cùmaidh mi romham," thuirt esan, "[?], na ma dh'fhaoidte gu faigh mi dà chearc-thomain. Sin na gheobh mi. Tha fhios a'm na tha an còrr dhiubh aige, aig a' chat. Ach, tha mi 'falbh an-diugh," thuirt esan, "is ma chì mise," thuirt esan, "ma chì mise cat, tha mi 'dol, tha mi 'dol a losgadh air. Tha mi 'dol 'ga thilgeil 'mach leis a' bhanc'," thuirt esan.
"Uill, carson a nì thu sin? Chan eil e 'dèanamh sìon ort."
"Tha droch luck ann an cat a dhol seachad air taigh [?]"
Thòisich 'ad air mar sin. Ach, dh'fhalbh e 's chuir e e fhéin air dòigh 's a h-uile sìon. 'S thàinig e gu ceann na beinneadh aige fhéin 's bha rathad a' dol suas dìreach 's bha rathad 's air gach taobh siud. Agus an cat—an cat ann a' sin. Thog e dive air. Bha e air [na h-eòin—[sgiath an t-eun?] air falbh. "Agus mura biodh thusa ann a' sin," thuirt e ris a' chat, "bha 'n t-eun ud agamsa, tha fhios."
"Uill, tha gu leòr eile ann," thuirt an cat, "do dh'eòin a' bharrachd air an té sin." Ach, dh'fhalbh e. Cha dug e sùil dé rathad a ghabh an cat. Ach, cha deachaidh e fad' sam bith dar a thàinig e gu dà rathad eile 's 'ad a' dealachadh is dà—an cat ann a' sin. Dh'fhalbh e 's thog e, thog e 'n gunna 's loisg e oirre. Mharbh e e. Mharbh e 'n cat.
'S an té, am boireannach a bha 'na suidh' a-staigh 's i deaghaidh biadh gu leòr a thoirt dha 's dha 'n a h-uile rud a bh' ann. Dé bha seo ach a' seanmhair 's i [marbh?]—i toirt leatha na—[torran?] a h-uile sìon.
A bheil thu 'tuigsinn?
[JS:] Tha.
[PS:] Tha fhios. Loisg esan oirre, tha fhios. Cha do mharbh e, cha do mharbh e idir i, ach leòn e i. Cha chuala sibh leithid do [cheilearadh?] riamh. Bha ise 'na seasamh aig an dorust. "Tha mo mhàthair," ars' ise, "air a marbhadh. Loisg a' fear ud oirre."
Uill, a-mach a bha 'n cat, fhios agad, agus chunnaic i 'n cat mór bha a-staigh roimhp'. "An do mharbh thu," thuirt ise, "an cat?"
"Mharbh."
Uill, 's e mo sheanmhair," thuirt ise, "a bha sin. 'S i bha 'gar cumail-ne beò," thuirt is'. Gheàrr i—gheàrr e leam, rug e oirre ann a' seo 's a sgòrnan. Bha greim aig' air a' sgòrnan oirre gus an dug e aiste sgòrnan. Agus mharbh e i. Uill, cha robh ach [?].
"Tha mi nist'," thuirt ise, "dol a choimhead dhut," thuirt i, "dé tha 'dol a dh'éirigh dhut 's ma nì thu leithid eile siud."
"Cha robh sìon a reusan aigesan air losgadh air a' chat," thuirt esan.
"Cha robh," thuirt an gille.
"'S e mo mhàthair," thuirt esan, "a bha sin. Agus cha robh sìon a reusan aig' air losgadh. Ach, tha mise 'dol a choimhead thusa dé 'm bàs a gheobh thusa ma mì thu leithid eile sin."
"Tha àite breagha ud 's feur bòidheach gorm an deaghaidh fàs," thuirt e.
Thàinig a dhà na trì 's greim ac' air. Bhreab 'ad e. Thòisich 'ad air fheannadh beò, air fheannadh beò. 'S e toirt air a 'oich, oich' gus a robh e—ciamar—gus a' robh e feannadh mu 'n chuairt ìnean a h-òrdag. Tha sin, tha seansa, goirt. "Oich, oich," thuirt e. Agus 's ann a bhite—'s e Griogaireach a bh' ann, a bhit' air taobh thall na léig 's mar sin, bha sinn air an taobh a deas, 's 'adsan air an taobh eile.
[JS:] Bha.
[PS:] Bha [e?] mu dheidhinn a' fear Griogaireach. O, cho tric 's a bhiodh 'ad a' bruidhinn air siud, fhios—
[JS:] 'S ann.
[PS:] B' ann air a h-uile fhireannach sin, dha 'n Griogaireach sin, siud dar a thuirt e, "oich, oich," ri ìnean, fhios agad, bha i goirt.
[JS:] Bha.
[PS:] "Oich, oich," mar sin. Ach, bha sin alright. Bha. O Dhia, mar a tha siud an deaghaidh dhol ás mo chuimhn'.