Back to recordings

Sgeulachd air Conall

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF077i08_078i01E SGEULACHD AIR CONALL


Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith


[Peggy Smith:] 'na(n) sìneadh. Dh'éirich 'ad 'na(n) suidhe 's bha 'ad ag éisteachd riuth'. Bha 'ad ann a' sin. Agus dh'fhoighneachd 'ad dha na gillean, "Dé tha sibh 'dol a dheanamh ris na h-igheannan?"
'S e buidseachd a bha a's na h-igheannan. "Nuas a' seo sibh," thuirt i, "'s gabhaibh an t-òran do Dhòmhnall [Dhuinne??]."
A-nuas 's a bha 'ad. Chan fhac' i sian riamh a' tighinn a-nuas á chraoibh cho luath ris an dà chat [dheug?]. Thàinig 'ad a-nall 's rinn 'ad guireachd mar [dheanadh cait na coin?] , fhios agad. Nì 'ad sin fhathast, cait, dar a bhios biadh na a leithid sin. Ach, "Uill, gabh thus a leithid seo do dh'òran do Dhòmhnall [Còirneal?]"
Rinn an cat, rinn e seòrsa do (Peigi a' crònan a' seo). Chluinneadh tu an cat fhathast,[?] 's e òran a bhios e 'gabhail ach cha thuig duine e an-dràsta ach corra, ma bhios seann fheadhainn ann thuigeadh 'ad òran nan cluinneadh 'ad.
"Tha sibh alright a-nis. Cha tig sian ribh tuillidh. 'S mise athair na h-igheannan. Agus chan eil agaibhs' ach pòsadh an té 's dòcha leatsa pòsadh 's an té 's dòchas leis-san pòsadh mar siud gus do phòs 'ad a h-uile gin dhiubh ach an té bochd. Bha i sin 'na ban-sgoilear do sgoil mór eagalach 's gun sgoil idir ann. 'S bha piuthar dhi, bha i uamhasach


[BREAK IN TAPE]


[John Shaw:] Dé an t-òran a bh' ann?


[PS:] 'S e O, Tha mo Chat air Chall.


[JS:] Sheadh.


[PS:] 'S e mo chat fhéin a bh' ann. O, tha mo chat air chall.


[JS:] Sheadh.


[PS:] (a' gabhail òran) 's an cat a bh' againn an-uiridh, dh'fhàg e Catrìona fo mhulad, mharbh agus na h-eòin bu mhuth' bhi ann, o, tha mo chat air chall. 'S e mo chat fhéin a bh' ann.


Thòisich 'ad, chaidh an cat air chall. Chunnaic esan a's a chadail an cat a thighinn dhachaigh.


(a' gabhail òran) 's bha na coillich dhubha 's na h-eòin bu mhuth a bhith ann


Bha na h-eòin seo 'gan dìth fhéin.


(a' gabhail òran) o, tha mo chat air chall. mise a-raoir 'nam chadal thu aig bruach mo leabadh, Dà [?] 's earball fada 's beul bu bhinn' a dheanadh meaghal.


Bha an cat an deoghaidh tighinn dhachaigh.


[JS:] Bha.


[PS:] Bha ise an deoghaidh bruadal leis.


[JS:] Bha.


[PS:] Théid mi ann ma tha sibh airson mi dhol ann.


[seems to start another story here 03:33]



Reference sources:
Na Beanntaichean Gorma | The Blue Mountains and Other Stories, ed. John Shaw (2007), p. 86; Cape Breton's Magazine, no. 21 (1978), p. 13

Peggy Smith
Loch Ainslidh an Iar | West Lake Ainslie 9 recordings Faic pròifil | view profile