Cairistìona Bheag na Luathaidh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF076i06 CAIRISTÌONA BHEAG NA LUATHAIDH
Beulaiche: Calum Aonghais Mhurchaidh | Malcolm Morrison
Tar-Sgrìobhadh: Bun is Bàrr, Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)
[Malcolm Morrison:] Bha siod ann té ris an canadh iad Cairistìona Bheag na Luathaidh. Agus, bha i cho làidir 's gun doireadh i leatha dad sam bith—
[John Shaw:] Sheadh.
[MM:] —air, air a muin. Cha robh ach—bha 'ad 'n-còmhnaidh—Bha 'ad a' coimhead có bh' ac' air tighinn. Có tha seo a' tighinn ach Cairistìona Bheag na Luathaidh agus cruach-mòinich' aic' air a muin. Cha robh ach an t-eagal aca roimpe.
Thàinig a' fuamhair' ás a' choillidh latha bha seo, agus bha e 'dol a bhreith air Cairistìona Bheag 's e dol 'ga t—[...?] bha e dol a dhèanamh oirre. Cha robh ach rug Cairistìona Bheag air 's thilg i cros air a guaillean e 's air thilg i dhan, an dorrag a bha seo e—poll is uiste [uisge]. Bha e bàthadh ann a' shin.
Cha robh ach ceann latha no dhà, thàinig fear eile. Agus, bha e 'dol 'ga tilgeil ann dhan a' pholl. Rug i air 's thilg i seachad air a guaillean e 's chuir i dhan a' pholl e 's bha e bàithte 's bha 'n dithis aca ann a' shin, bàithte 'sa pholl.
Sin agad a's urrainn mi inns' dhut.
Notes (fieldnotes):
"FRAGMENT"