GF075i03 ÒRAN A' MHINISTEIR Beulaiche: Danaidh Ceit Sara | Dan K. MacLeod Bàrd: Rev. Duncan MacLeod 'S gur e cianail a dh'fhàg mi seo Eilean a' Fhraoich, Toirt bròn air mo chridhe, cuir sileadh 'nam shùil, M' fhalt air a liathadh, mo cheann air fàs maol, Cha till mise tuilleadh gu dùthaich mo ghaoil. Thàna mise Ceap Breatainn gun airgead, gun òr, Le còta dubh dhrògaid le briogais do chlò, Measg luibhean is creagan is lagan gu leòr, Gur air éiginn air tàmhadh a rinn mi mo bheò. 'S nuair a ràna mi 'n toiseach le m' bhean is le m' chlann, Dèanadh tuathanas mór le damh is le crann, Thog mi barran 'sa choillidh air mullach nan gleann, Far an geamhradh cho fada, bha na h-Innseanaich ann. 'S le solas na gealaich, le oidhcheannan fuar', Bidh stoirm air a' mhòin' le cathadh 's le fuachd, Bidh mise 'nam ònar ag obair cho cruaidh, Bidh mi càradh nam mogan, cur cas a's an tuaigh. Chan eil sinne cho diadhaidh ri na seann-daoine còir, Bhiodh a' coiseachd dha 'n t-searmon; bhiodh 'ad ann tràth gu leòr. Sàmhach 'nan inntinn nuair a ruigeadh 'ad ann, Gur e dust an dùthaich dh'fhàg sinne cho dall. 'S gu bheil cuid an-diugh 'san àite bidh an caran nan Gall, 'Ad a' cosgadh ri stòraidh bho 'n casan gu 'n ceann, Sìoda mu mhuilichinn 's an tombaca 'nam beul, Gur e fiaclan á stòr, tha 'ad a' cnàmhadh am biadh. 'S e cianail a dh'fhàg mi seo Eilean a' Fhraoich, Toirt bròn air mo chridhe, cuir sileadh 'nam shùil, M' fhalt air a liathadh, mo cheann air fàs maol, Cha till mise tuilleadh gu dùthaich mo ghaoil.