GF074i02 'ILLE DHUINN HÓ GÙ Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw [Séist:] 'Ille dhuinn, hó gù, Hi ri ri 'sna ho ro, 'Ille dhuinn, hó gù. 'Ille dhuinn a' chùil bhàin, 'S e do ghràdh rinn mo leòn. 'Ille dhuinn a' chùil ruaidh, 'S e do luaidh fhuair mi òg. Gur e mis' a tha fo ghruaim, Air taobh tuath Rudha Stòrr. Còmhl' ri còmhlan MhicDhùghaill, Iad gun smùid, iad gun cheòl. 'S truagh nach robh mise 's tu fhéin, Ann an àrd-bheinn a' cheò. Bhithinn sìnte riut oidhch', Dh'aindheoin éildear tha beò. Bhiodh mo làmh fo do cheann, Bhithinn an geall air do phòg. Bhiodh mo làmh fo d' cheann bhàn, Ged a gheàrtt' dhìom an dòrn. Chunna mi thu seachad suas, Le do thuaigh 'nad do dhòrn. A' togail taigh fichead troigh, Nam bu bheag bhiodh an còrr. Chan e similear a bhios ann, Ach bhios seann-stòbha mòr. Ach ma thilleas mis', a rùin, Gheibh thu crùn 'na do dhòrn. Gheibh thu sin is rud a 's fheàrr, Maraich'-iomaill làidir, òg.