GF071I03_072I01 ORAN DO DH'EACHANN DÙGHLACH Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean Bàrd: Eàirdsidh Mac Iain 'ic Eachainn, Gilleasbuig Làraidh | Archie MacDougall [Joe Allan MacLean:] Is chaidh e ann, chaidh e ann null Bhadaig, e fhéin agus fear Aonghas MacDhòmhnaill a bh' ann, Aonghas MacChoinnich. Agus an té, bha i air a dhol a-null a Bhadaig. Dh'fhàs an, an fhairge gu math rough agus cha tigeadh Aonghas Dhòmhnaill còmhla ri Eachann Dùghallach a bh' anns a' bhàta. Ach start Eachann Dùghallach leis fhéin. Mu dhà uair feasgar, 's ann a chunnaic 'ad a' sealladh do ghillean a bhàta is do dh'Eachann air an uiste [uisge]. Chan fhacas riamh tuilleadh e. Chaidh e 'na ghrunn. Bha Eachann—bha Aonghas Dhòmhnaill air ag iarraidh air Alasdair, "Ceanglaidh sinn am bàta," thuirt Aonghais Dhòmhnaill, "ri steamer," ars' esan, "is gheobh sinn gu Iona," ars' esan. "Gheobh sinn sìos gu Christmas Island air an trèan'" thuirt e, "is bidh sinn sàbhailt'." Cha dèanadh Eachann Dùghallach seo ris. Chaidh an duine bochd a bhàthadh is nuair a chuala Gilleasbuig a bhràthair mar a bha, theann e air dèanamh òran dha. Ó chan eil cus feum 'san òran ach gun dèanadh e seòrsa do phast-time. [John Shaw:] Sheadh. [JAML:] Dh'fhaoidte g' 'eil a' fonn agad fhéin? Hug oirionn o, cha taobh mi chlann, On nach shaoilinn thu bhith ann. Air a chuala tu fonn gu math tric e? [John Shaw:] Cha chuala. [JAML:] 'S tìm dhomh teàrnadh air dàn dhuinn, Nuair a dh'fhàg sinn seòid thall. [Séist:] Hug oirionn o, cha taobh mi chlann, On nach saoilinn thu bhith ann, Hug oirionn o, cha taobh mi chlann. Gur a th' ann glé mhoch DiLuain, Nuair rinn thu gluasad bhuainn bho 'n chrann. Thu fhéin is Aonghas MacDhòmhnaill, An dithist bha còmhla thall. Gun deach e do chross an innis, Cha d' rinn thu an té [dhraghadh?] nall. Gur [ainneimh?] a dh'fhàs an fheasgar, 'S ann gun deach thu thar do 'n chal'. Dh'fhàg thu do bhràithrean gu tùrsach, Trom a ghruaidh a th' air fhear [theann?]. Ghabh Aonghas Pat is Aonghas Muideart, Dh'fhàg e thu 'nad aonar thall.