Sgeulachd Alasdair a' Phòin (Alasdair Mac a' Phì)
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF071i02 SGEULACHD ALASDAIR A' PHÒIN (ALASDAIR MAC A' PHÌ)
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
[Joe Allan MacLean:] A bheil thu deiseil?
[John Shaw:] Tha.
[JAML]: Bha siud ann reimhinn [roimhe] fear ris an canadh 'ad Alasdair a' Phòin, 's e Alasdair Mac a' Phì an t-ainm dòigheil a bh' air. Agus cha robh 'ad a' dèanamh dhan taigh aige ach goirid dha'n a' phòn. Sin an reusan a thug iad, a bha iad ag éigheach Alasdair Mac a' Phòin dha. Bhiodh e gu math tric ag iasgach 'sa phòn. Bha creag a-muigh a's an fhairge mu chairteal a mhìle bho'n chladach. Bhiodh e dol a-mach air a' chreig gu math tric a dh'iasgach agus lathaichean a dhèanadh e glé mhath agus lathaichean nach dhèanadh.
Ach bha e co-dhiù, casadh air toiseach a' gheamhraidh agus bha an t-sìde air fàs car fuar. Agus thuirt e ris a bhean, "Tha mise dol a-mach a-màireach gu’n chreig," ors' esan, "a dh'iasgach."
"B' fheàrr leam," ors' ise, "gun stadadh tu a dhol ann," ors' ise. "Tha iasg gu leòr againn a nì dhuinn gu spell do shamhradh," ors' ise. "Agus gu dé an reusan a th' agad a bhith dol ann?"
"O," ors' esan, "Feumaidh mi dhol a-mach a-màireach co-dhiù, airson 's gum bi—gun can mi gun robh mo là fo dheireadh a th' ann."
"Uill, alright," ors' ise.
Fhuair Alasdair deiseil agus dh'fhalbh e a-mach dha'n chreig agus bha an aon dorgh mór aige, dubhan mór laidir air, agus cheangaileadh e an dala ceann dheth ris a' chreig agus chaitheadh e a-mach an ceann eile dhen uiste [uisge], agus feuch an tigeadh iasg mór a cheapadh e.
Cheangail e an dorgh ris a' chreig agus chaith e a-mach an dubhan, agus by gosh, spell an déidh dheth sin a dhèanamh, dh'fhairich e an fhairge aig bonn na creige a deanamh uamhas noise, a lubadaich is a' leum. Bha e wondreigeadh gu dé bha siud, ach nochd creutair—beathach fiadhaich—a-nuas ás an uiste agus an dubhan air a dhol 'san amhaich aige. Bha e splashadh an uiste 's a' dol fodha.
Thug e sùil air an taobh eile dha agus bha dithis de ghillean òg' a' tighinn agus bàta aca. Ghabh 'ad seachad air a' chreig. By God, smaointich e ma dh'fhaoidte gur ann a ghoideadh 'ad am bàta aige fhéin, agus dh'éirich e agus choisich e mun chuairt. Bha 'ad a-mach leis a' bhàta aig' air a ceangail ás deoghaidh a' bhàta. Cha robh fhios aige dé mar a gheobhadh e far na creigeadh an uair sin. Ghoid 'ad siud am bàta air.
Bha e studaigeadh dé dhèanadh e. Bha e 'na dheagh shnàmhadair, ach studaigeadh e. "Tha an t-uiste robh fhuair airson a dhol shnàmh, is tha cho math dhomh fuireach far na bheil mi is am bàs fhaighinn far na bheil mi."
Ach an ceann spell nochd am beathach fiadhaich a bh' ann a-nuas, agus amhach chaol fhad’ air agus cluasan coltach ri cluasan a bhiodh air beathach eich, agus spògan coin air, agus earball caol air, mar gum biodh air mart. Studaig e na faigheadh e leum air muin a' bheathaich a bh' ann agus gun stiuireadh e a-staigh dha'n chladach e. Ach co-dhiu ghabh am beathach sios dha'n uist' co-dhiù, is an ceann spell, thainig e a-nuas a-rithist. Leum Alasdair air a' mhuin, gobhlach air a' mhuin. Agus bha e feuchainn ri stiùireadh a-staigh gu'n chladach. Siud rud nach b' urrainn dha dèanadh, 's ann a bha am beathach ag iarraidh cros an taobh eile, agus bha ceithir mìle do léig roimhe air an taobh ma ruigeadh e an cladach air an taobh eile. Fo dheireadh, b' fheudar dha a leigeil leis, ‘s bidh falbh. Ach bha eagal air Alasdair gun diveadh e sìos 's gun rachadh e fhéin a bhàthadh. Bha e car—chum e air falbh co-dhiù, is fo dheireadh, bhuail e an cladach thall.
Agus nuair a ràinig e an cladach, dhragh e a-staigh air a' chladach am beathach a bh' ann, 's cheangail e ri craoibh e, agus thug e sùil, agus bha fear—duine—'na sheasamh an taobh shuas dheth. Agus chaidh e suas far na robh an duine a bha ann an sin.
“Ach” ars’ esan, an duine a bh' ann an sin, "Gu dé seorsa duine a th' annadsa nuair thaini’ tu cros leis a' bheathach ud," ars' esan, "'ga rideadh," ars' esan, "mar—"
"Och," ars' esan, Alasdair, "cha do chuir siud sìon orms'" ars' esan.
"Uill, tha 'ad ann an seo," ars' esan, an duine a bh' ann an sin, "bho cionn còig bliadhna feuchainn ris a' bheathach ud a cheapadh," ars' esan. "Thàini’ tusa cros air a mhuin," ars' esan.
Bha am beathach a' gearradh leum 's a' dol luatharach co-dhiù 's mu dheireadh bhrist e an ceangail a chuir e air 's ghabh e a-mach air a' mhuir air ais.
"Gu dé," ars' esan, Alasdair a' Phòin, a dhuine "an t-ainm a th' oirbh-se?"
"Tha dà ainm orm," ars' esan. "Tha nickname orm," ars' esan—sin far-ainm a theireadh iad ris—"agus," thuirt esan, "'s e Ruairidh Mór, Ruairidh Mór Dòmhnallach” ars’ esan ‘an t-ainm dòigheil orm”. “Ach 's e Ruairidh Mór nan Cape," ars' esan, "a bhios iad ag éigheach dhomh."
"Agus an-dà," ars' esan, Alasdair, "Tha mise car air a' cheart dòigh. 'S e Alasdair Mac a' Phì," ars' esan, "an t-ainm a th' orm," ars' esan, "ach 's e Alasdair a' Phòin as tric' 'ios iad ag éigheach dhomh. O," ars' esan, "Gu dé diofar a th' ann. Och tha mi coma gu dé a bheir iad."
"Och, tha," ars' esan, "mise coma cuideachd," thuirt esan, Ruairidh. Co-dhiù.
"Uill," ars' esan, Alasdair Mac a' Phì, "chan eil fhios 'am," ars' esan, "gu dé mar a tha mi dol a dh'fhaighinn dhachaigh. Chaidh am bàta a bh' agam a ghoid," ars' esan, "trustair de ghillean òg'," ars' esan, "ghoid 'ad."
"An-dà," thuirt esan, Ruairidh Mór nan Cape, "tha fhios agam-sa dé mar a gheobh thu dhachaigh. Coimhead," ars' esan, "am puncheon mór ud shìos aig a' chladach," ars' esan. Tha mi creidsinn gun robh meudachd mhath anns a' phuncheon co-dhiù. "Thèid thu na bhroinn," ars' esan, "agus cuiridh mise an ceann air," ars' esan, "cho tight 's nach téid boinn’ uiste roimhe. Agus," ars' esan, "pùtaidh mi a-mach air an uist' e, agus tha innte soirbheas an-diugh na tàmh a' faighinn nad chùl, 's cha bhi e fada a' dol cros."
"A bheil thu cinnteach," ars' esan, "gum bi mi sàbhailte?"
"Och," ars' esan, "nach eil am puncheon ud air dusan trup a dheanamh 's cha deach duine a bhàthadh riamh."
"Uill, théid mi ann," thuirt esan, "ma tha mi na bhroinn."
Chuir e—thog Alasdair—Ruairidh Mor nan Cape—thug e òrd dha a bhristeadh an ceann às a' phuncheon nuair a bhuaileadh e air an taobh eile thall. Bha sin alright co-dhiù, chuir e an ceann ann cho tight 's nach rachadh uiste roimhe. Phùt e a-mach e 's dh'fhalbh am puncheon, ach bha e 'ga watchadh gus 'n do bhuail e an taobh eile. Ach bha e leth-mhìle an taobh shìos dha'n taigh aige fhéin. Bha e coma dheth siud on a thàinig e air a' chladach co-dhiù, is bhrist e a-mach an ceann.
Bha e tighinn dhachaigh co-dhiù, 's mhothaich e sròn a' bhàta aige fhéin an cùl bushan a bha ri taobh an rathad. Ghabh e a-null 's dhragh e a-mach am bàta 's chuir e air a' phòin e 's dh'fhalbh e 's thàinig e dhachaigh.
"Gu dé," ars' ise, a bhean, "a bha gad chumail?" ars' ise. "Bha mi cinnteach gun deach do bhàthadh," ars' ise.
Agus, "Cha deachaidh," ars' esan. [BREAK IN TAPE] Co-dhiù. "Cha deachaidh mo bhàthadh idir," ars' esan.
"Tha mi coma," ars' ise, "on a thainig tu dhachaigh," ars' ise.
Ach, ars' esan—dh'innis e dhi mar a dh'éirich dha.
"Tha mi coma," ars' ise, "on a thàinig tu dhachaigh beò."
Ach, ars' esan, "Feumaidh sinn coimhead airson—feuch a' faigh sinn beathach," ars' esan "a nì sinn feòil geamhraidh air," thuirt esan.
"Chan eil fhios 'am," ars' ise, "Cà' an gabh sin faighinn."
"Uill," thuirt esan, "tha fear ris an can 'ad Fionnlaigh Gobhlach," ars' esan, "a tha," ars' esan, "pìos ás an-seo a tha," ars' esan, "ochd mìle ‘uam, ach thèid mi thuige 'sa mhadainn. B' àbhaist dha a bhith creic bheathaichean."
Fhuair e deiseil 'sa mhadainn co-dhiù agus dh'fhalbh e a choimhead air Fionnlaigh Gobhlach. Agus bhuail e aig an dorust agus dh'fhosgail Fionnlagh an dorust agus dh'fhoighneachd e dheth, "Dé tha thu coimhead air a shon?" ars' esan.
"Tha mi coimhead," ars' esan, "tha mi cluinntinn gum bi tu a' creic beathaichean, " ars' esan, "feuch am faighinn gin agad ri creic—ri cheannaichinn bhuat."
"Nam bitheadh tu air tighinn an-dè," ars' esan, "chreic mi trì do bheathaichean a bha dà bhliadhna a dh'aois. Ach tha aon tarbh," ars' esan, "anns an t-sabhal," ars' esan, "dòrnach 's tha e cho garbh," ars' esan, "nach dean math dhomh dhol goirid dha". Dé dh'amais do Fhionnladh ach cha robh e na dhuine mór làidir.
"Uill," ars' esan, Fionnlagh, "an creic thu am fear sin?"
"Creicidh," ars' esan, "ach innsidh mi dhut gu de an seòrsa a th' ann," ars' esan. "Tha e cho crosda nach bi do bheatha sàbhailte."
"Ah," ars' esan, Fionnlagh—ars' esan, Alasdair a' Phòin, "bidh e agamsa na aigesan, ma-tà."
Chaidh 'ad suas agus dh'fhosgail e dorust an t-sabhail agus bha tarbh ann an-sin agus bha e ceangailte air chain. Nuair a dh'fhosgail 'ad an dorust co-dhiù theann an tarbh air a dhol bhuaith’ a bùirich 's a' rabhaicich às. Choisich Fionnlagh—choisich Alasdair a' Phòin a-null agus dh'fhosgail e an chain 's thug e nall an tarbh gu'n doras. Nuair a ràinig an tarbh an doras, 's ann a thionndaidh e air—air Alasdair a' Phòin—leis na h-adhaircean. Ma thionndaidh—thionndaidh Alasdair a' Phòin air leis na breaban. Thug e dha e gus 'n do laigh e aig dorast an t-sabhail.
"Nam biodh tusa," ars' esan, "air siud a' dèanamh air," ars' esan, "bha e ionnsaicht’ agad an-diugh."
"O Dhia," ars' esan, Alasdair a' Phòin, "cha b' urrainn mise siud a dèanamh. Chan eil mi làidir gu leòr."
Bha sin alright co-dhiù. Dh'fhoighneachd e dé bha e 'g iarraidh, 's dh'innis e dha 's phàigh Alasdair a' Phòin an tarbh ud.
"Tha mi fhìn, " ars' esan, Fionnlagh Gobhlach, "a' dol pìos a rathad còmhla riut."
Bha 'ad a' falbh co-dhiu, ach chunnaic 'ad dà Innseanach mhòr a tighinn nan coinneamh agus co-dhiù, stad 'ad.
Dh'fhoighneachd fear dhe na h-Innseanaich an robh am beathach ud ga chreic.
"Tha," ars' esan, Alasdair a' Phòin, "ma gheobh mi uimhir air 's a tha mi ag iarraidh."
Is chuir e uimhir eile air 'sa phàigh e air, a' phrìs.
"O," ars' esan, an t-Innseanach, "tha sin reusanta gu leòr," thuirt esan. Chan eil mise dol ga mharbhadh idir," ars' esan. "Chan eil mi ach airson e bhith agam ag obair," ars' esan. Chaill mi am beathach a bh' agam a bhiodh ag obair agam anns a' wagon, leis an truck-wagon, 's leis a' chrann. Cha chreid mi nach biodh a' fear seo glé mhath."
"Uill, bidh nad mhothachadh" ars' esan, Alasdair a' Phoin air.
"Tha e cho, - “ach" ars' esan an t-Innseanach.Cha chuir e eagal orm roimhe.
Dh'fhalbh 'ad co-dhiù. Thàinig Fionnlagh—chaidh Alasdair a' Phòin, thàinig e dhachaigh. 'S chaidh—chaidh Fionnlagh Gobhlach, chaidh e fhéin gu dhachaigh fhéin.
An ceann lathaichean as a dheaghaigh sin co-dhiù, bha Alasdair a' Phòin na shuidhe aig an taigh 's chunnaic e drobh de bheathaichean a' tighinn, 's dithis de ghillean òga 'gan draibheadh. Chaidh e a-mach co-dhiù far na robh 'ad 's dh'fhoighneachd e a' robh gin dhe na beathaichean ud ri creic.
"Chreiceadh sinn uileadh riut 'ad," ars' esan, "ma cheannaiceas tu 'ad. 'S ann a' falbh 'gan creic a tha sinn. "
Uill, phick a-mach beathach 's thug e dha'n t-sabhal e co-dhiù. Is an ceann làthaichean chuir e fios gu nàbaidh a bh' aige airson feuch am marbhadh 'ad e. Thàinig an nàbaidh co-dhiù, 's rug 'ad air a' bheathach, 's thug iad a-mach is 'ad a' dol 'ga mharbhadh. Thug e aon ràn ás agus amach à seallaidh a ghabh e, suas dìreach dha na speuran, 's chan fhaca 'ad fhathast e.