Back to recordings

Sgeulachd Eoghainn Mhóir an Tàilleir

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF070i02_071i01 SGEULACHD EÒGHAINN MHÒIR AN TÀILLEIR


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Bha siud bràthair m' athar. Bha e fuireach thall ann àite ris a chanadh 'ad East Bay—Bàigh an Ear a bheireadh 'ad ris. Agus bha e fuathasach foghlamaichte air sgeulachdan is air òrain. 'S ann aige a bhithinn a' cluinntinn nan sgeulachdan a bha seo. 'S e Iain MacIlleathain an t-ainm a bhiodh aca air, sin an sloinneadh a bh' aige.


Ach bha Eòghann Mòr an Tàillear co-dhiù, cha d' rinn e car riamh ach tàillearachd agus bha aona ghille aige. Bha an gille cho leisg is cha d' rinn e car riamh ach a' siubhal a' siud is a' seo. Uill dh'eug a' sin an tàillear co-dhiù is dh'fhàg e an gille 'na ònrachd a' siud, 's dh'eug a' bhean aige.


Bha sin all right co-dhiù, dh'fhalbhadh an gille agus bhiodh e uaireannan mìos gun tighinn an còir an taighe Cha robh e ach a siubhal co-dhiù. 'S latha bha seo co-dhiù dh'fhalbh an gill' air route agus bha còrr is mìos mun tàinig e dha 'n taigh agus nuair a thàinig e, bha latha uamhasach blàth ann. Is chaidh e 'na shìneadh air cnoc a bha os coinneamh a' chladaich agus sùil dha 'n tug e, chunnaic e bàta caol glas a' tighinn a-stigh. Agus boireannach is fireannach ann. Agus tharraing 'ad am bàta a-stigh co-dhiù is start 'ad a-nuas far na robh Eòghann Mòr 'na shìneadh. Agus nuair a thàinig 'ad ann an àite bruidhneadh do dh'Eòghann, bhruidhinn Eòghann riutha agus bhruidhinn 'ad ris agus thuirt 'ad ris, "tha sinn fuathasach toilichte," ars' àsan "gun do bhruidhinn thu ruinn, Eòghainn."


"Ò," ars' esan Eòghann, bruidhinnidh mise ri duine sam bìth a chì mo choltas ceart air?"


"Uill," ars' esan, an duine a bh' ann "tha sin ceart cuideachd. Agus" ars' esan—ars' esan, am fear a thàinig a-stigh far a'—leis a' bhàta "Na gabh eagal, Eòghainn," ars' esan. "Chan eil sinn air an t-saoghal air a bheil thusa idir," ars' esan, "agus," ars' esan, "ged nach eil sinn," ars' esan "air an t-saoghal fhéin, chan eil sinn a' dol a dheanamh sgath diofar dhut-s'," ars' esan. "'S ann a thàinig sinn thoirt comhairl' ort."


"Uill," ars' esan, Eoghann "comhairle seann-duine gun iarr is fìor chòir de dhuine òg a gabhail."


"Tha thu dìreach ceart," ars' esan, an seann-duine. "Mise," ars' esan, "do sheanair agus ise do sheanmhair. Agus ràinig sinn ort gu comhairle a thoirt ort. Far a bheil an taigh agad," ars' esan, "chan eil taigh eile mu choinneamh idir. Agus an cnoc biorach sin," ars' esan "tha mu choinneamh an doraisd agad," ars' esan, "tha," ars' esan, "bocs' air a thiodhlac ann 's tha e làn airgid agus tha," ars' esan, "pòidhle mór ann cuideachd. Is chan eil fhios aig duine 'sa pharaist," ars' esan, "'g 'eil ann ach an aon dithis de ghillean," ars' esan,"agus tha 'ad a' studaigeadh air do mharbhadh," ars' esan, "agus an t-airgead a thogail. Is cha leig an t-eagal leotha gu tighinn gun tigh air feadh na h-oidhche ‘s nan teannadh iad air a chladhach is tu a-stigh, gu loisgeadh tu orra. Ach rinn 'ad," ars' esan, "plan ann a ' seo," ars' esan. "Seachdain a-nochd" ars' esan, "tha an dithis aca a' tighinn," ars' esan, "agus tha 'ad a' dol a bhualadh aig an dorus," ars' esan, "agus foighneachaidh tusa cò tha siud, agus canaidh àsan gum bu coma leat cò th' ann, leig a-stigh sinn. Is canadh tusa nach leig gus am bi fios agad cò a th' ann. Agus mura leig ort àsan is ann dhut-fhéin as miosa."


Is thuirt Eòghann Mòr "Leigidh mi aig a' sin fhéin i."


"Agus a-nis," ars' esan, "tha cearthrar de ghillean mòra làidir," ars' esan, "pìos o àite bheil thu a' fuireach," ars' esan, "agus 's e friends dhut fhéin a th' unnta," ors esan, "agus a's a' mhadainn tràth," ars' esan, "théid thu 'gan iarraidh. "Seachdain o 'n-diugh," ars' esan, "théid thu 'gan iarraidh" ars' esan "agus thig 'ad còmhla riut. Is biodh 'ad agad a-stigh," ars' esan, "'an oidhche sin. Is cuiridh 'ad thu 'sa rùm ud," ors esan, "agus coveridh tu an uinneag cho math is ged a choimheadadh 'ad a-stigh de dh'uinneag nach fhaic 'ad sian. Uinneag a' rùm. Agus cuiridh tu aodach tana" ars' esan "air na h-uinneagan a los gun dean 'ad a-mach gu bheil solust ann, gu bheil thu a-stigh. "Agus" ars' esan, "agus chan urrainn dhaibh—chì 'ad," ars' esan, "gu bheil soillse, soillse" ars' esan "air a' chidsin, ach chan fhaic 'ad cà' am bi thu 'nad shuidhe 'is chan urrainn dhaibh losgadh ort."


All right, co-dhiù nuair a thainig a' mhadainn bha seo dh'fhalbh Eòghann Mòr, ràinig e far an robh na ceathrar ghillean a bha seo, 's tha mi a' creidsinn gun robh 'ad cuimseach math, làidir co-dhiù agus dh'innis e dhaibh an rud a bh' ann.


"Ah well," ars' àsan, "chan eil sinn a' dol a leigeil le duine sam bith do mharbhadh. Fhuair 'ad deiseil is thàinig 'ad còmhla ris, chover 'ad an uinneag a bha 'sa rùm agus chuir e a-stigh dhan rùm 'ad co-dhiù nuair a thàinig am feasgar. Ach tha spell—agus chover 'ad na h-uinneagan a bha 'sa chidsin le aodach tana is gun deanadh tu a-mach gun robh soillse solus a-stigh 'sa chidsin los gun aithneadh 'ad gun robh Eòghann a-stigh.


Ach coma co-dhiù air spell a dh'oidhche dh'fhairich 'ad bualadh aig an dorusd agus dh'fhoighneachd Eòghann Mòr "Cò tha siud?"


Thuirt 'ad ris "coma leat cò a th'ann. Fosgail an dorusd."


"Chan fhosgail," ars' esan, Eòghann Mòr, "gus," ars' esan, "am bi fios a'm cò a th' ann."


"Mura fosgail," ars' 'àsan, "is ann dhut fhéin as miosa."


"Agus leigidh mi aig a' sin fhéin i," ars' esan, Eòghann Mòr. 'S a' cheud rud a bha fios aige, bha an dorusd air a' bhristeadh a-stigh mu aodann 's ghabh 'ad a-stigh. Nuair a bha 'ad a' coiseachd a-null a' dol a bheireachdainn air Eòghann Mòr, choisich an cheathrar a bha 'sa rùm a-nall agus rug 'ad orrasan 's bha 'ad 'gan togail far an cas agus 'gam bualadh ris an ùrlar 's 'gam breabadh gus an do grìos 'ad ris leigeil leotha fàgail beò co-dhiù. Thuirt a' sin Eòghann Mòr ris na gillean, "Leigibh leotha," thuirt esan, "tha mi a' dol a bhruidhinn riutha." Agus
"Thàinig sibh ann a' seo," ars' esan, Eòghann, riutha. Chuir e 'na nan suidhe air seithrichean 'ad agus bha 'ad cho slack leis a ghabhail a fhuair 'ad nach mhòr ach gu fanadh 'ad air an t-seithear. "Thàinig sibh ann a' seo," ars' esan Eòghann Mòr, "dol 'gam mharbhadh-sa"


"Ò cha tàinig gu dearbh!" thuirt 'ad.


"Ò," ars' esan, "tha fios agams'," ars' esan, "nas fheàrr na th' agaibh fhéin dè bha sibh dol a dheanamh. Ach," ars' esan Eòghann Mòr, "tha sinne dol gur marbhadh-se a-nis. Agus chan ann cabhagach a mharbhas sinn idir sibh" ars' esan. "Tha sinn a' teannadh an ceartair air crìoch chuir oirbh agus bidh a' mhadainn ann mum bi sinn ullamh dhìbh," ars' esan, "agus gu sufferig sibh gu leòr."


Ghrìos 'is bheg 'ad co-dhiù air Eòghann Mòr gan fhagail 'ad an siud 's cha chuireadh 'ad trioblaid gu bràth air. All right, co-dhiù leig e leotha. Thuirt e riutha "A-nis feumaidh sibh," ars' esan, "a bhith clìoras am parraist," ars' esan, "agus aig naoi uairean a-màireach," ars' esan, "agus ma gheobhar oidhche no latha eile 'sa pharraiste," thuirt e riutha, "théid ur caitheadh far ur cas." Sheansa gun robh e a' mìneagadh losgadh orra. "Tha stìomair aig a' wharf ud shios agus bidh sibh dìreach a' dol air bòrd an stìomair agus a' fàgail a' pharraiste a-màireach aig naoi uairean." Bha sin all right co-dhiù. Thug 'ad tuilleadh dha na breaban dhaibh man do dh'fhag 'ad, cha mhór nach robh 'ad beò a'coiseachd. Dh'fhàg 'ad.


Ach ro—null mun do shoilleirich an latha thuirt Eoghann Mòr ri dithis dha 'n na gillean, "théid sibhse sìos," ars' esan, "dha 'n bhad choilleadh ud os coinneamh na wharfa. Agus," ars' esan, "chì sibh a' falbh 'ad," ars' esan, "air a' stìomair."


Chaidh na gillean mòra sìos, chaidh 'ad 'sa choille, ach by gosh tràth 'sa mhadainn chunnaic iad àsan a' tighinn—an dithis aca—is ghabh 'ad a-mach air an wharf co-dhiù is chaidh 'ad air bord na stìomair. Dh'fhuirich—na gillean a bha 'sa choille—dh'fhuirich 'ad ann gus na sheòl am bàta a-mach. Thàinig 'ad co-dhiù agus—gu taigh Eòghainn Mhòir—agus dh'innis 'ad do dh'Eòghann gum faca 'ad a' falbh 'ad. O, bha sin all right.


Ach co-dhiù bha iad a-stigh. "Bu chòir dhuinn," ars' esan Eòghann Mòr, "feuchainn 'sa chnoc, gum faodadh sgàth a bhith ann." Fhuair 'ad dòigh cladhaich ann, creid gur e spaid is piocaid, agus chaidh 'ad a-mach. Agus cha deach 'ad glè dhomhainn nuair a bhuail 'ad cover a' bhocsa. Thug 'ad a-nuas am bogsa 's tha mi a' creidsinn gun robh share mhath ann cuideachd. Thug a-stigh dha 'n taigh e 'is thug 'ad às an t-airgead.


"'Nist," ars' esan, Eòghann Mòr, "an aon uiread a bhith—agad a bhith dha 'n airgead 'sa th' agam-s'," ars' esan. "Nì sinn," ars' esan, "còig roinnean air," ars' esan, "aon uiread aig a h-uile duine."


"Ò," ars' àsan, "cha dean sinn sin riut, Eòghainn. Feumaidh tusa barrachd a ghabhail, 's ann air an àite agad a tha e."
"Cha dean mi a' leithid sin idir," ars' esan. "Aon uiread." ars' esan. Thog e oirre co-dhiù, na roinn fhéin a ghabhail dheth. Agus an ceann spell thuirt Eòghann Mòr, "Nuair a bha sinn a' toirt a-nuas a' bhocsa, shaoil leam gum faca mi soitheach air choireigin eile shìos an grunnd an aite 'san robh am bocsa mòr," ars' esan. Chaidh e a-mach, 's bha coire mòr copair ann a' sin is e làn de bhuinn oir. Dhragh e a' siud a-nuas, 's thàinig e—chaith e gu na gillean siud. "Biodh siud agaibh cuideachd," ars e. "Cha ghabh mise seant dheth," ars' esan.


Och, thuirt 'ad ris nach robh siud, ceart gum feumadh e roinn dheth bhith, "Cha ghabh," ars' esan, "duine sam bith a shàbhail mo bheatha dhomh," ars' esan, "chan eil mi a' toirt gu leòr dhuibh."


All right co-dhiù, ghabh 'ad leis a' sin fhéin agus spell às a dheòghaidh sin an ceann tri mìosan as a dheòghaidh sin, cha do bhodraig Eòghann Mòr ri shaveadh, leig e leis a' chuisgeis fàs sìos air. Ach cha robh i sìos, los—cha robh duine air an t-saoghal a dh'aithneadh e, ach duine a bhiodh gu math eòlach air.


Thuirt Eòghann Mòr, "tha mi a' dol a' coimhead piuthar m' athar," ars' esan, "a-null a Shasainn," ars' esan. "Chan fhaca mi riamh i o chionn 's chan fhaca i mi," ars' esan, "ach bidh mi a' sgriobhadh thuice." Fhuair e deiseil co-dhiù is dh'fhalbh e Shasainn, agus ràinig e taigh piuthair athar. Bha number an taighe aige agus ainm na sràide agus thàinig piuthar athar gu 'n dorusd agus dh'fhoighneachd i cò bha siud agus thuirt—dh'inns e dhith. "Cha chreid mi," ars' ise "Gura tu a th'ann idir," ars' ise. "Uill," ars' esan, "tha fhios agad gum biodh tu a' sgriobhadh thugam," ars' esan.


"Ò tha," ars' ise. "Ò ma-thà," ars' ise, "is tu a th' ann. Thig a-stigh." Is chaidh e a-stigh co-dhiù agus cha do dh'inns e guth dhi ma dheidhinn an fheadhainn a bha dol ga mharbhadh na sian. Ach an ceann latha neo dhà thuirt Eòghann Mòr ri piuthar, "tha mi a' dol feadh a' bhaile feuch am faic mi dè seòrsa àite a th' ann."


Ach dh'fhalbh e co-dhiù agus bha e feadh na sràide sìos agus chunnaic e fear a' tighinn na choinneamh, coltas tramp ann an droch aodach, agus cha do dh'aithnich e—rinn a-mach mar, ma tha duine air an t-saoghal, siud fear bha dha na bha a' dol gam mharbhadh mun do dh'fhàg mi. Bhruidhinn e ris, 's bhruidhinn an tramp a bha sin ris co-dhiù. Dh'fhoighneach an tramp do dh'Eòghann "Cò ás a thàna' tu?" ors esan.


"Thàinig mi a-nall ás a Ghàidhealtachd," ars' esan "o chionn da fhichead bliadhna."


"Uill," ars' esan, a' fear—an tramp a bha sin—thuirt e "ás a sin thàna' mise cuideachd. Cha b'aithne dhomh thusa," ars' esan. "Gu dè," ars' esan "mura b'aithne dhut mise is dà fhichead bliadhn'," ars' e "is chan eil thu fhéin cus is dà fhichead fhathast. Dé mar a nist a ghabhadh?"


"Tha sin ceart," ars' esan. "Càite," ars' esan, Eòghann Mòr, "a' bheil thu a' fuireach na ag obair?"


"Tha," ars' esan, "taigh beag agam shìos, goirid do wharf ann a' suid," thuirt e. "Tha fear eile còmhla rium," ars' esan.


"Is a bheil thu ag obair?"


"Ò latha an-drasda, latha a-rithist." Co-dhiù. Dh'earb e ri Eòghann Mòr a dhol air chèilidh.


"Ò théid," ars' esan, Eòghann Mòr, "théid mi sìos air chèilidh."


Is, "O, all right."


Thàinig e dhachaidh is dh'innse e do phiuthar athar co-dhiù an uair sin a whole business. "Gràisg an Fhir mhóir!" ars' ise, "bhrist 'ad a-stigh dha 'n stòr ud shìos dà thurus," ars' ise. "Agus," ars' ise, "tha an duine sin a marsantachd dà fhichead bliadhn'," ars' ise, "cha deachaidh duinn an stòr a bhriseadh riamh gun tàinig 'ad siud ann. "Agus," ars' ise, "tha 'ad—rug 'ad orra 's tha trial aca a' dol uine ghoirid," ars' ise. Ars' ise "Ach tha 'ad free feadh na straide fhathast," ars' ise. Ach bha sin all right co-dhiù.


"My God," ars' Eoghann Mor, "a-màireach tha mise dol suas airson dhan chourt house," ars' esan, "agus a dh'innse dhaibh a' seorsa dhaoine a th'ann." Chaidh e suas agus dh'innse e dhaibh a's a—an taigh na cùirteadh co-dhiù mun deidhinn uile gu léir agus thuirt fear òg "Tha e doirbh dhuinn," ars' esan, "an cuir through." [BREAK IN TAPE]


Co-dhiù, thuirt e, a' fear-lagha—chaidh e suas gu taigh na cùirteadh, Eoghann Mòr, is dh'inns e dhaibh ann a' sin a' seorsa dhaoine a bh' unnta agus mar a theab 'ad e fhéin a mharbhadh. Dh'èirich fear òg lagh a bh' ann a' sin agus, "Tha mise," ars' esan "a' dol a ghabhail plan dhaibh," ars' esan. "Tha mi a' dol ann" ars' esan "air chèilidh" ars' esan "a-nochd. Agus a' dol a dh'innse dhaibh" ars' esan "an rud a bha na fir-lagha eile a' cantail ann a' seo. Na Mounties, a h-uile gin aca." Gun tuirt 'ad "Na leigeadh tu gur sibh-péin suas innse gur e sibh a bhrist an stòr, nach cante sgàth eile, ach nam beireadh a' lagh orra is 'gan cuir fodha ‘s gum faigheadh 'ad an taigh-obrach. Agus feumaidh" thuirt mi, "gun chanainn riutha gum b'esan a thoirt suas gus an cluinneadh 'ad gu robh esan ris an t-seanchas 'ud, gum faigheadh e fhéin an taigh-obrach."


Coma co-dhiù, chaidh e sìos air chèilidh oidhche co-dhiù dha 'n taigh aige—an taigh aca. "Uill," thuirt e riutha "a-nist, tha mis' dol a dh'innse rud dhuibh-se ann a' seo" ars' e " ma dh'innseas sibh guth ormsa, gheobh mi-fhìn an taigh-obrach. Gun cuala mi mu'n na fir lagh," ars' Eoghann "am policeman 's a h-uile gin aca ag radh nan tugadh sibh sibh-fhéin suas gur e sibh a bhris an stòr, nach deanadh 'ad sgàth oirbh ach nan do chuireadh 'ad fodh' thu leis an lagh—lagh—lagh sibh gum faigheadh sibh an taigh-obrach. Agus gum b'fhèarr dhaibh latha na cùirteadh gun robh trial 'ga chuir oirbh is gum b'fheàrr dhaibh 'ad fhéin a thoirt suas." Thuirt fear aca gun robh siud glè mhath.


Chaidh a' chùirt a shetadh a' latha bha seo co-dhiù agus dh'èirich fear aca 's thuirt e riutha "'S e sinn a bhrist a-stigh dha 'n stòr dà thurus," ars' esan "agus" ars' esan "bha dùil againn a dhol a-rithist bho 'n a chaidh sinn clear," ars' e. Bha sin all right. An ceann latha neò dhà chaidh beireachdainn orra is 'gan cuir dha 'n taigh-obrach is tha 'ad fhathast ann, tha mi a' creidsinn.



Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile