Back to recordings

Am Boban Saor: Ag Obair air Togalach

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF070i01 AM BOBAN SAOR: AG OBAIR AIR TOGALACH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



[Joe Allan MacLean:] Boban Saor bha e 'g obair air building agus nuair a bha e ullamh co-dhiù, thuirt Boban Saor ris a' ghille, "Bidh thusa, bidh thusa," ars' esan, "cute airson 's gum biodh leannan agad," ars' esan, "'s a huile h-àite 's an téid sinn. 'S leig ort a bhith gu math struck orra airson cuideachadh agus innsidh i rud sam bi dhut."
Ach a' feasgar a bha seo, bha e dol a dh'iasg, dh'fhalbh an gille agus an nighean a bha seo a' gabhail walk co-dhiù agus thuirt an nighean ris, "A bheil fhios agad," ars' ise, "gu dé a chuala mi?"
"Chan eil fhios a'm," ars' esan.
"Chan eil 'ad a' dol 'gad phàigheadh idir," ars' ise, "airson," ars' ise, "airson an obair a rinn sibh air a' bhuilding."
Ach [fhear?] bha seo, bha fhios aig Boban Saor air a' seo co-dhiù is aig a' ghille. Agus dh'fhalbh Boban Saor is fhuair e snàth le piùrna agus tharraing e cros aig letheach mu chuairt air a' bhuilding uile gu léir e agus thuirt e ris, an fheadhainn leis a bu leis a' bhuilding, "Ach gu dé," ars' esan, "a tha ceàrr? Coimhead an crack," ars' esan, "a tha 'sa bhuilding."
Ars' esan, "Cha do mhothaich mi riamh e."
"Uell," thuirt 'ad ris, "Feumaidh tu siud thoirt aist'."
"Chan urrainn mi siud," ars' esan, "fhix-eadh ach ann a', ann a', an acainn a th' agam, gear saorsa," ars' esan, "tha thall aig an taigh. Airson 's nam biodh e a-bhos," ars' esan, "rachadh agam air siud fhix-eadh."
"Uill," thuirt 'ad ris, "cuiridh mi fhìn," ars' àsan, "gille a-null 'ga iarraidh sin is, bheir a' bhean aig an fhear a [chaill an té tha?] thall sin," ars' ise "bha.'"
"Cha dèan mi sin riut," ars' esan, "chan fhaigheadh—cha toir i dhut," ars' esan, "mura téid," ars' esan, "fear dha na gillean agadsa còmhla ris—gillean, fear dha na gillean leis bu leis a' bhuilding, [?]."
alright co-dhiù, mur an téid an gille agad fhéin," ars' esan, "a-null 'ga iarraidh." Agus sgrìobh e litir co-dhiù is thug e dha. "Bheir thu siud dha'n bhean agamsa," ars' esan, "thall [a dhèanadh/mu dheireadh?]." Shìn e dhi a' litir is leugh i i. [Chaidh a chuir?] 'sa litir an [cuireadh/dh'fhaodadh?] tu car mar char, car an aon cur. Agus ars' ise, "Cha téid an acainn bheag a-null gus an tig an acainn mhór a-nall."


[John Shaw:] Hm-hmm.


[JAML:] Alright co-dhiù, 's e sin a bh' ann. Nuair a [làn-?]—leugh i a' litir is "Thalla a-staigh dha'n rùm 'ud a' siud," ars' ise "an-dràsd'." Ghlais i an dorast. B' e seo car mar char is car [air an aon?] cur. "Cha téid," ars' ise, "an acainn bheag a-null gun tig an acainn mhór a-nall."
B' fheudar dha Boban Saor a phàigheadh air neo chan fhaigheadh e an gille back. Sin mar chuala mise riamh.


[JS:] Seadh.





Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile