Back to recordings

Am Boban Saor: An Struth

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF069i03N AM BOBAN SAOR: AN STRUTH


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Agus cha robh an gille aig Boban Saor a bha sin an Albainn, cha robh gin dhiubh réidh. E fhéin cha robh 'ad réidh riù [," ars' esan?]. Agus gu math tric bhiodh an gille sealgaireachd agus 's e saigheadan a bhiodh aige. Agus dh'fhoighneachd e dhiubh—e dha'n bhean, "Càit," ars' esan, "a bheil na saigheadan a th' aig a' ghille?" ars' esan.
"Tha 'ad ann a' seo," ars ise. 'S thug i nall buncha dhiubh co-dhiù. Thug e aon té às agus chuir e ri ghlùin is bhrist e i.
"[Chan eil?] sgàth spionnaidh a' siud," ars' esan, Boban Saor. Rug e sin air a' bhunch agus chuir e còmhl' 'ad agus thug 'ad air a—
"A, siud gu math làidir. Gun gléidhidh 'ad." Seo mar a rinn i mach gu robh e gòrach.
"Agus thug e null gu, gu an abhainn mi," ars' ise. Agus thuirt ise, "Thug e sgrìob 'na bhàt' ann am meadha'n an t-sruth 's dh'fhoighneachd e dhìom," ars' ise, "'a' robh mi faicinn sgrìob,' ars' e, [Aonghas?]. A-nist," ars' ise, "Dé mar a chithinns''" ars' ise', "'a' sruth,'" ars' ise, "'a' dol,'" 's thuirt e
"Seadh," ars' esan. "'S a' bheil fhios agad," arsa Boban Soar, "is dé a bha," ars' esan, "an gille, bha e mìneagadh?"
"Tha seo—bha mise," ars' esan, "a' seo fhéin," ars' esan, "a-mach air na nàbaidhean uileadh," ars' esan. "Chan eil mis' ach 'nam ònrachd a' measg nan tionndadh 'ad ormsa," ars' esan "gu dé dhèanainn riutha? Chan eil mi ach—tha mi cheart cho lag," ars' esan, "'s a bha 'n t-saighead a bha siud na h-ònrachd."
"Agus gu dé," ars' ise, "a bha thu mìneachadh nuair a thug thu null gu abhainn mi?"
"Ó sin," ars' ise, "a bhith 'gad fhàgail-sa a-staigh leat fhéin ann a' seo ged thilleadh fear eile dhachaidh thu," ars' esan, "agus a dhol còmhl' riut," ars' esan, "cha bhiodh fhios aig duine ris," ars' esan, "chan fhaic 's mur a h-innseadh tu fhéin e."
"Tha sin ceart cuideachd," ars' ise. Agus—


Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile