Am Boban Saor: Chì Mi Pàisde air an Ùrlar
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF069i02N AM BOBAN SAOR: CHÌ MI PÀISDE AIR AN ÙRLAR
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bha siud ann roimh' fear ris a chanadh 'ad Boban Saor. Agus 's e duine uabhasach bright a bh' ann air a h-uile dòigh gun gabhadh 'ad e. Agus bha an gille aige bha pòsd' ann an àite agus bha e 'cunntas mhìltean o àite Boban Saor. Agus smaoinich e, Boban Saor, gu rachadh e a choimhead air a' ghille latha a bha seo agus chaidh e staigh agus cha robh a-staigh ach bean a' ghille agus pàisde beag a bh' air an ùrlar agus siosar 'na làimh. Chan fhaca bean a' ghille—chan fhaca i Boban Saor riamh. Dh'fhoighneachd Boban Saor có bu leis am pàisde agus gun ann ach aon sùil agus choisich e mach. Thàinig Boban—thàinig an gille dhachaidh co-dhiù is theann a' bhean aige air innse dha an duine gòrach a thàinig a-staigh agus thuirt e nach robh e 's a' ghille ach an aon sùil," ars' ise.
"Is gu dé," ars' esan, Boban Saor, "a bha a' làimh air a ghille?" ars' e.
"Siosar."
"Tha sin agad e," thuirt esan, "Bhiodh e air aon sùil na bheireadh—tugadh tusa bhuaithe an siosar."