Mac Rìgh Dhùn Éidinn
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF067i02E MAC RÌGH DHÙN ÉIDINN
Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Mrs. Peggy Smith
[Peggy Smith:] Dh'itheadh.
[John Shaw:] Bha.
[PS:] Bha iad a' dol a dh'itheadh. Agus dh'fheumadh dhan gille uiread 's a dh'itheadh esan itheadh. Itheadh a' famhair. Uill cha b' urrainn dha 'n ghille bhochd ithe ach a lìon. Dh'fhalbh e 's rinn e am pòca, ghléidh e stuth, cheangail e mu amhach e is leig e a-nuas air ùrlar is cross a-null ann a' seo. Chaidh làir—chaidh mheasair mhór fhaighinn. Tha fios agad dé tha na measair?
[JS:] Tha.
[PS:] Tuba theth, lìonaidh e dhe na h-uile seòrs' [ruinn?]. Thòisich am fear sin ris air ithe—an gille, air ithe—dol sìos ann a' seo, 's bha bhrù aige 'fàs mór. Seadh. Uill, bha sin alright. Ach thòisich a' famhair air ithe, 's cha b' urrainn dha 'n fhamhair an còrr ith'. "Ó bheat mi thu," thuirt esan, "bheat mi thu. Feumaidh tu uiread 's a dh'itheas mise ithe."
"Carson," ors' esan, "nach dèan thu mar a nì mise. Leigidh mise sin—bheir mise sin ás mo bhroinn," thuirt esan "ann am mionaid. Agus, an ceann treiseadh, dar a restas mi, ithidh mi rithist e."
"Nach eil sin dòigh mhath," thuirt a' famhair, "Mairidh am biadh nas fhaide."
"Mairidh," thuirt a' fear eile. "Mairidh." Ach bho'n a bha 'san tubaidh aigesan, bha e suas aige 'ga ionnsaidh i siud. "Tha mise nist dol a dh'éirigh 's dol a' leigeil seo a-mach agus ithidh mi rithist e dar a bhuaileas an t-acras mi."
"Shin agad rud a bhios math." 'S [chaomhnaich?] e biadh a thoirt air falbh co-dhiù. [Chunnt?]. Dh'fhalbh e, 's sheas e a-nunn ann an àite 's a' robh bucaid mhór. Fhuair e sgian ás a phòc'. I cho, i cho biorach, i cho geur air a bha, 's stob e i ann a' siud suas. 'S ann 'sa phòc' a bha seo. Stob esan, 's riob e sìos, leig e a-mach na bh' ann 'sa phòc' sin anns a' mheasair a bha seo—bha sin.
"Uill tha siud," ors' esan, "tha siud math. Gheibh mise rest a-nist treis." Agus bha e 'dol 'ga lìonadh. Thilg e e fhéin air bench.
"Dèan thusa leithid eile siud dar a dh'itheas tu do leòr. Leig fuasgailt' e. Leig ás do bhroinn e," thuirt esan, "leis a' sgian, is faodaidh tu ithe an ceann treiseadh a-rithist," thuirt esan.
"Sin dìreach a nì mi." 'S dh'éirich e, air ithe gus a' robh e 'tighinn a-mach air a bheul, nach b' urrainn dha an còrr ithe.
"Nach éirich thusa ach leig thu 'mach e mar a rinn mise," thuirt e, thuirt esan.
"Ah, chan eil sian a dh'fheum unnad," leum e air a chois, ó thug e mach sgian, stob e ann a' siud i 's riob e sìos—cha robh mionach no rud eile nach tàinig a-mach às. Thuit e fhéin 's chaidh a spadadh air rudan a bh' air an ùrlar. Shin mar dh'éirich dha 'n fhamhair bhochd. Thug e
char ás na h-uile gin.
[BREAK IN TAPE]
[Peggy Smith:] Fhuair—"Mharbh thu mo dha mhac," 's thuirt ise, "ach cha mharbh thu mise."
[John Shaw:] Sheadh.
[PS:] Thionndaich esan mu chuairt. Thàinig e dìreach oirre. An sin 's bhrist e an fhiacaill mhór a bha piocadh i. Ó dìreach, thuit i air an talamh 's cha b' urrainn dha cromadh 'ga h-iarraidh. Bha i cho mór. Fhuair e—ghabh i na bhat' a-rithist. Fhuair e greim air a làmh bheag a bhiodh 'ga dh'eagalachadh, cho dona 's gu robh an fhiacaill, bha e eagallach le diogailt, fhios agad. Agus bha e faighinn pull leis a' làmh bhig. Fhuair e greim oirre 's bhrist e dìreach—thug e mu chuairt i mar siud 's bhrist e, bhrist e i 's an teine a ghabhail gu math—thilg e, thilg e air uachdar an tein' i 's thòisich a làmh air 'g ad. Rug e air fhalt oirre is chuir e falt aicese 'na theine 's ghabh e an ceann aice. Shlaod e a-nunn i gus an d' fhuair e a cur ris an abhainn mhór a bha seo. Shin an dòigh a's do mharbh 'ad a' chailleach bhochd.
Notes (fieldnotes):
"FRAGMENT"