GF066i02_067i01E AN GILLE AGUS AN CÒTA DRAOIDHEIL Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith [Peggy Smith:] Bha ise, bha i uamhasach brèagha, a' mhàthair. Màthair— [John Shaw:] Màthair— [PS:] Màthair a' ghille. [JS:] Sheadh. [PS:] Tha fhios, bha famhair airson ise fhaighinn. [JS:] Bha. [PS:] Bha. Bha. Ach eadar a h-uile rud a bh' ann, dh'éirich is' a choimhead air, air na soithichean is rinn i mar seo air a churtain agus air sgàth 's gun do rinn i curtain bhuatha dh'fhairich mi [?] no dhà [cois?] oirre 'ga [innse?]. "Ó a bheil [?] dh'fhàs mi," thuirt is' ris. "Agus cha leig thusa gealladh dhomh gum pòs thu mi," thuirt i. "Có dh'eugadh do robair no do fhamhair mu robair a bh' ann." Uill, b' fheàrr leatha dhiùltadh 'na mharbhadh. "Feumaidh tu rudeigin a dhèanadh ri d' mhac cuideachd," thuirt is'. "Agus tha do mhac glé smart," thuirt esan. Uill bha 'ad, bha 'ad ann a' sin 's 'ad air dispute. Thuirt ise "Thigibh suas [?] mi ann a' siud suas. Tha mi sgìth," thuirt is'. "Uill suidh ann a' sin," thuirt is'. Bha e fhéin 's bha i fhéin 's a mac. Ach thug ise an aire do rudan, aodach an crochadh mar siud air hanger. 'S bha e sgrìobhte air an aodach a bha seo, duine sam bith a chuireadh air pioc dheth seo, ged a thigeadh réiseamaid cogaidh, nach ruigeadh e leis sìon a dh'eagal a bhith aige gun dèanadh 'ad sian air. An cuala tu sin? [JS:] Mm-hmm. [PS:] Sin am pìos. [JS:] Seadh. [PS:] Ach dh'fhalbh e 's dh'éirich e cho fàilidh. Cha robh fhios aices' idir air. Triop no dhà rugadh e fhéin 's chuir e 'n còta bha seo air, 's chuir e an claidheamh air 's bha h-uile sin air falachd, fhios agad. Chan fhaigheadh siud. "Uill, cha bhi eagal orms' ma thig a' famhair," thuirt is'. Ach thàinig [?]. Thàinig ise air [?]. "Dèan biadh," thuirt esan. "Dèan fhéin biadh," thuirt ise. "Chan urrainn dhomhsa dhèanadh. Chan eil fhios a'm càit a bheil sìon." Dh'fhalbh esan is thòisich e air faighinn a h-uile sian. Thàinig e 'nall is caora no uan mhór aige agus dh'iarr i, dh'iarr i lìonadh 's air a [?] agus suas mar gum bi isean ann leis a' bhian seo. Thuirt esan, "Cha chreid mi nach eil gu leòr agam. Còmhla ri tuillidh," thuirt esan, "do dh'aran is rudan mar sin." Thug e dhìse rud. Ó cha do dh'ith i sian riamh bha cho math ris a' chaora bh' air a lìonadh mar gum biodh [?] aice—cuimhnich thus'. Cha do mhair i mionaid dha fhéin, bha i air a [?] aice sìos. [JS:] Mm-hmm. [PS:] Ach bha sin alright. Dh'fhalbh e. Uill, siud dar a bha esan ag éirigh sìos a' dol a bhruidhinn rithes'. Thug e an aire dha 'n, dha 'n a' rud a bha sgrìobhte air, air a' chòt' a bha an crochadh a' siud, is claidheamh is ceap. Duine sam bith a chosgadh na trì rudan seo, chuireadh air 'ad, nach rugadh e leis eagal a bhith aige ro réiseamaid chogaidh. "Uill seo rud a bhios math ma thig a' famhair," ars esan. "Gum faigh mise 's mo mhàthair clìoras seo." Ach dé thàinig—stòr mór a bh' ann a' sin, thàinig cuideigin a-staigh 's thuirt e rithese, "Tha mi cinnteach," thuirt ise—thuirt esan, "gu faigh thu pàirt dhe na soithichean òr' a thàinig dha 'n stòr a bha siud mu faigh duin' eil' i. Bidh na h-uile sian agaibh." Có thàinig a-staigh ach a' famhair is dh'innis ise dhan fhamhair gun robh na h-uile sian bu bhrèagha na chéile aice ach na soithichean òr' a bha dol a bhith aig a leithid seo, leithid siud a théid, leithid seo de—"Chan eil pioc do sian a' dol a bhith agams'," ars ise. "Bhith aig an duine as treasa is as beartaiche a th' air an t-saoghal. Chan eil sian dhe na rudan sin a' dol a bhith agad." "Biodh e agad uile gu léir," thuirt is'—esan, "ma thogras tu." "Ó uill cha ruig,"—bha an gille, cha robh soidhn' air. Càit an robh an gille ach 'gabhail sìos dhan rùm a's a robh, a's a' phàirc. Dh'fhalbh e 's bha esan, bha e, bha e 'dol toirt leis a mhàthair, fhios agad. [JS:] Bha. [PS:] Agus bha 'ad 'n deaghaidh chailleach an fhamhair a mharbhadh. Bha. Is bha esan toirt leis a mhàthair, 's bha toil aigesan a mhàthair a chumail. Bha i uamhasach brèagha is bha i cho beartach 's bha baile mór aice shìos goirid dha 'n chladach, bàtaichean, is bhiodh iad ag iasgach, fhios agad. Bha na h-uile sian aice dìreach ann a' sin dar a thàinig a' famhair a-staigh. Greim aig a chasan oirre. "Leig ás mo mhàthair," thuirt esan. "Sin agad mo mhàthair," ars' e, "is leig ás." Leum e air a chois. Sheas e dìreach chun an dorais mar siud. "Fuirich ann a' sin mas fheàrr leat," thuirt esan. Agus stad e, 's thionndaidh e—ó bha ise cho brèagha. Thog e—dh'fhosgail e an còt'. Bha seo air, an còta 's an claidheamh, an crochadh, is an ceap. Thuit e air a dhà ghlùin. Dar a chaill e a lùths dar a chunnaic e, bha e fhéin réidh. Feuch ri [?] bha rud air choireigin air [?] seo ann. Rinn e dà leth leis a' chlaidheamh. [Gun a?] bha iarraidh air a' chlaidheamh siud a dhol mar siud 's a gheàrr, geàrr e na thrì pìosan. Bha esan 's an [?] 's a leth do dh'fhuil 's do mhionach, 's do [?]. Chaidh, chaidh a' famhair bochd a mharbhadh na phieces. [JS:] Chaidh. [PS:] Bha ise beò. Ó Ìosa, Ìosa ach na [?] thu sin. Bidh thusa bruidhinn. Bidh thusa bruidhinn ach na bha, na bh' agamsa dhe na sgeulachdan a tha sin.