Am Fear Lagha agus a Bhean
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF059i03 AM FEAR LAGHA AGUS A BHEAN
Beulaiche: Sandaidh Uilleim Illeasbuig Ailein mac Iain a' Mhuilleir | Sandy William MacDonald
Uell, bha fear ann aon uair, agus bha e 'coimhead airson bean. Is dh'fhalbh e latha a bha seo a’ coimhead airson bean is thàinig e...thachair e air nighean a bha sin agus chórd an nighean ris cuimseach math cuideachd.
Is thuirt e rith', ris an nighinn, a dhol a chainnt air latha a bha sin, "Bidh tu marcrachd, agus cha bhith thu marcrachd."
Agus by gosh, dh'fhalbh i le each is dìollaid is dar a bha i roimhe [?] an taigh aice anull thilg i, choisich anns an stiorap, agus bha an té eile cros air a faighinn [?] an taobh a-mach is dhraibh i dh'ionnsaigh a' front door aig an duine mhór.
Thàinig e mach. Thug e 'staigh i.
"Uell", thuirt esan, "chòrd thu riumas a' latha a chunnaic mi thu" thuirt esan. "Bha thu 'glanadh a' bhuntàta mach aig an doras agad fhéin, agus thuirt mi rium fhìn, nam biodh tusa toilichte, gum pòsainn thu."
"Uell," thuirt i, "chan eil fhios 'am nach dean mi sin", thuirt i.
"Uell, alright" Nisd thug esan na pàipearan a-mach right off of the ...now. Alright.
"Uell, tha aon rud" thuirt esan, "tha mi 'dol a dh'iarraigh ort", thuirt esan. "Feumaidh tu" thuirt esan, "do ghealltain dhomhs' nach interfere thu ris a' bhusinness agam. 'Se lawyer a th'unnamas", thuirt esan, "fear lagh a th' unnamas", thuirt esan, "ann aseo. Agus feumaidh tu na pàipearan seo a shoidhneadh dhomhsa nach interfere thu ris a' bhusinness agam gu bratha."
"O nì mi sin" thuirt i, "nì mi sin."
"Uell, alright."
"Uell, anisd" thuirt ise, "feumaidh tusa pàipearan a shoidhneadh dhomhsa."
"Dé am pàipear a tha sin?"
"Uell, mas rud as nach fhaigh mise is thusa air n-adhart còmhla, gu faigh mise mar thrì eòlaichean a-mach as an taigh.
"O uelll," thuirt esan, "Cha chuir sin móran ormas. Tha sin alright", thuirt esan. "Soidhnidh mi sin dhut" thuirt esan. "Right off of the bat." Aright. Uell, shoidhn' an duine, lawyer mhór bhochd, shoidhn' e sin dhi. Bha aon duine chloinneadh aca agus bha...dh'fhalbh a' lawyer asin a latha a bha seo, dh'fhalbh e air trup.
Tha mi beagan air adhart anns a' stòiridh. Chaidh e ...bha fear, duine bochd làmh riutha thall agus bha beathach og, searrach òg aige, aig a' làir aige, agus chaidh 'ad...bha an searrach, an eich aig a' lawyer mu chuairt agus chaidh an duine bochd, a thoirt dhachaidh a' bheathach òg, cha toireadh 'ad dhaibh idir, am beathach aige fhein a-mach as an t-sabhal. Uell, alright, chaidh àm [?] a' lagh ris le seo lawyer a bha 'g obair, an duine aig a dh'innse seo, phòs e.
Uell, alright, chaill e an geas [?] co-dhiù. Chaill e an searrach, chaill e an whole business. Chaill e, na bheagan do dh'airgead a bh'aige, chosg e, anns a' lagh.
Uell, dh'fhalbh a' lawyer, dh'fhalbh e 'latha a bha seo, dh'fhalbh e 'mach air trup, agus thàinig an duine bochd anall. Bha pìos do thalamh-treabhaidh aige is thàinig e nall is bha e 'coimhead air na thalamh trabhaidh [?]. Chaidh ise sìos a choimhead air an duine bhochd.
"Dé tha thu 'dol a chur aseo?"
"Chan eil fhios 'am dé tha mi 'dol a dheanadh" thuirt esan, "Chaill mi a' searrach aig toiseach a' gheamhraidh anns a' lagh, is chaill mi mo chuid airgead anns a' lagh, agus chan eil sian agam a [?] a cheannaicheas sìol na rud eile. Uell, bha sin tuillidh is dona.
"Uell", thuirt ise, "Bheir mise dhut sgeam. Theirig thusa is faigh peic do shalann agus thigibh sìos, thig anall aseo amàireach agus toisichidh tu air cur an t-salainn anns a' phàirce."
"Chì an duine agamas, a' lawyer, chì e thu agus théid e sìos agus faighnichidh e dhiot:"
"Dé tha thu cur a' seo?"
"Tha mi 'cur salann."
"[?] salann aseo? The e a' cheart a cho math salann..dh'fhàs aseo leis each òg agam air fàs leis an dàlaichean duine mhór bheartach a tha shuas ann aseo."
"Tha mi tuigsinn." thuirt esan, "Tha mi 'tuigsinn anisde. Tha rudeigin ceàrr." Chaidh e dhachaidh.
"Tha thusa ris, a bhean, an deaghaidh na agreement a shoidhn' thu dhomhsa a bhristeadh."
"Ciamar?"
"Tha thu an deaghaidh an duine seo a chur air an aimhreit shìos ann a seo."
"Uell, chan eil fhios am."
"Dìreach", thuirt esan "bundle suas" thuirt e, "bundle suas. Tog rioghachd! Bi falbh! Chan eil thu 'dol a dh'fhuireach aseo nas fhaide. Thalla mach aseo."
"Alright."
Chaidh i suas. Phack i an drung aice air a' lobht'. Thàinig i anuas is chuir i mach air cnoc an drung. Thill i sin a staigh, is thog i leatha an creathal airson baby, a bh' anns a' chreathal [?] i thug i mach is chuir i mach air cnoc e.
Bha e fhéin na shuidh ann a' seithear. Ghabh i nuas is rug i air an t-seidhear is e fhéin. Chaidh e mach air cnoc buidhe [?] ann.
"Dé nì mi anis?" thuirt ise, "An dùin mi doras is na fag mi fosgailte e?"
"Till astaigh" thuirt esan, "Bheat thu mi" thuirt esan, "bhon chiad latha a chunnaic mi thu. Bheat thu uile gu léir mi an-diugh."
Team notes:
Cf. Dan MacKenzie, "An Nighean Tapaidh aig Bodach na Croileig," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, February 19, 1978.