Sgeulachd Sìthiche
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF057i03 SGEULACHD SÌTHICHE
Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil
[Dan Neil MacNeil:] Thall a's an t-seann dùthaich 's bha 'ad a-muigh a' buaineadh agus thàinig màgan agus thug esan—ruig e air a' mhàgan agus chaith e air falbh e.
Thuirt ise—ars' ise, "Carson," ars' ise, "a chaith thu màgan air falbh," ars' ise, "tha mi 'dol ann 'nam bhean-ghlùine aig a' mhàgan a-nochd," ars' ise. Cha robh i ach, tha mi 'creidsinn a' dèanamh spòrs air an duine. Chanainn air—thro na h-oidhcheadh, thàinig gnog aig an dorus. 'S có thàinig ach a' sìtheanach dha 'n dorus 'ga h-iarraidh airson a dhol dha 'n t-sìthean—
[John Shaw:] Hm-hmm.
[DNMN:] —a' bhean aige 'faighinn baby. Dh'fhalbh i co-dhiù còmhla ris. Nuair a chaidh i 'staigh dha 'n t-sìthean, bha a h-uile rud brèagha 'na òr. "Uill," ars' ise, "nach eil àite brèagha a tha seo," thuirt ise, "'na òr."
"A bheil thu," ars' esan, "a' faicinn àite dath òr."
"Tha," ars' ise. Thug e gnog aice 'san t-sùil agus chan fhaiceadh i an còrr ach clachan is a h-uile rud, clachan a 's ùir' is a h-uile rud riamh.
Sin a-nist na bheil agams' dhith. Bha [poidhl' an t-sìthean ri mór òr?].
[Unidentified speaker:] Uill, tha mi 'creidsinn gu robh gu leòr orra.
Notes (fieldnotes):
"FRAGMENT"