Ma Phòsas Mi
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF057I02 MA PHÒSAS MI
Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Bean Iain Ruairidh | Catherine MacNeil
[Séist:] Ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór,
Ma dh'fhaodas mi, cha ghabh mi té mhór,
Ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór,
'S glé bheag an té dh'fhòghnas dhomhsa.
'S gur mis' tha fo mhulad air tulaich gun uaill,
'S e is gnàthas dhomh bhith tuiream le truimead an fhuachd,
Cha dèan mi car tuilleadh 's mi a-nist air toirt suas,
Le gaoth on tuath 'gam leònadh.
Tha mise fo mhulad a-muigh air na cùil,
Fad' o gach duine tha cuideachadh leam,
'S e tarraing an eallaich a dh'aindeoin gach cùis,
A dh'fhàg mi brùite, leòinte.
'S a chàirdean uileadh 's a chuideachd mo ghaoil,
Bhitheadh 'nam chomann gu carthannach [?],
Nuair bhitheamaid 'sa [bharran?] o bharraibh nan craobh,
Gun togamaid fonn nan òran.
Tha sinn 'nar breislich mu dhéidhinn na spréidh,
Am beagan dhiubh againn gun téid 'ad o fheum,
Bidh sgeula nan creachan dhuinn uileadh gu léir,
A bhith anns an éis an-còmhnaidh.
Tha cruach air a' mhaiseadh a rinn sinn dhuinn fhéin,
'S chan urrainn mi 'g ràdh gun tarraing sinn i,
Le doimhneachd an t-sneachda 's a' falach gach nì,
O mhullach ar cinn gu ar brògan.
A-nis on a tha mi air bànadh le aois,
'S mo ghruaidhean air seachadh air coltas an aoig,
Gun d' thréig mi gach tapadh a bh' agam o thùs,
Cha seall mo shùil ach sgleòta.
Ach 's truagh nach robh mise cho math ris na bàird,
Tha 'n dùthaich na sìorrachd a' dèanamh nan dàn,
Gun tugainn dhuibh iorram a mhaireadh gu bràth,
Nuair chluinneas sibh pàirt dha 'm chòmhradh.
Reference sources:
An Rubha, vol. 17 no. 1 (2020), p. 21