Back to recordings

Sealgair Aonghuis Bhàin

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF056i03_057i01 SEALGAIR AONGHUIS BHÀIN


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean



Bha siud ann romhainn, fear ris an canadh 'ad Sealgair Aonghais Bhàin agus cha do rinn e car riamh ach sealgaireachd. Agus bha beinn mhór a' dol suas an cùl an taigh aige. Bha i làn, bha i làn dha 'n h-uile seòrsa. Ach coma co-dhiù, cha robh duine còmhla ris ach e fhéin 's a mhàthair a' cumail taighe. Agus chaidh e là a-staigh dha 'n bhaile agus thachair srainnsear ris. Is dh'fhaighneachd an srainnsear dheth co-dhiù, "Dé tha thu a' dèanamh?"
Thuirt e, "Ó chan eil annam," ars' esan, "ach seann sealgair," ars' esan. "Agus," ars' esan, "'S ann air tha mi a' dèanamh mo bheòshlaint," ars' esan. "Tha beinn," ars' esan, "suas an taobh shuas dha 'n taigh agam ris an can 'ad Beinn Phàdruig ach tha an t-sealg air a dhol air n-ais innte," ars' esan, "seach mar a bha i."
"Nach tusa," ars' esan, an srainnsear "a tha gòrach," ars' esan, "nach téid thu sìos gu Beinn Dhonnchaidh," ars' esan, " agus chan eil seòrsa creutair air an t-saoghail," ars' esan, "nach eil ann a' sin."
"An dà," ars' esan, Sealgair Aonghais Bhàin, "tha friend, tha friend math dhomhsa 'fuireach shìos, ann am Beinn Dhonnchaidh," ars' esan. "Agus nam faighinn sìos," ars' esan, "thuige sin, bhithinn all right."
Ach thàinig e dhachaigh co-dhiù, agus dh'inns e dha mhàthair a' rud a bh' ann, agus thuirt e rithe, "Tha mise," ars' esan, "a' dol," ars' esan, "sìos gu Beinn Dhonnchaidh," ars' esan. "Ach tha i deich mìle fichead bhuam," ars' esan, "agus chan eil rathad—dòigh air a dhol ann," ars' esan, "ach coiseachd. Agus," ars' esan, "thuirt an srainnsear rium," ars' esan, "gun robh rathad caol cam ann," ars' esan, "ach gun coisichinn all right sìos, is gum b' fhiach dhomh a dhol ann."
Agus, "Bruicheadh tusa," thuirt e ri mhàthair, "Bruicheadh tusa roinn mhór do dh'aran coirce," ars' esan, "a bheir mi leam. Trì là," ars' esan, "Bho nist tha mi a' falbh, an ceann trì là."
Cha robh i ro dheònach dha co-dhiù, ach fhuair e deiseil an ceann an trìtheamh là is dh'fhalbh e. 'S thug e leis roinn dhan aran choirce agus poit tì agus tì. Lòdaich e 'n gunna is thug e leis roinn mhath do dh'fhùdar agus do luaidhe is dh'fhalbh e.
An oidhche sin cha robh e a' faicinn car ri taobh a' rathaid, Cha robh duine ri ghluasad ach an oidhche sin co-dhiù. Feasgar mun a' dhorchaidh i ràinig e taigh beag dugh [dubh] a bha ri taobh a' rathaid. Chaidh e 'null agus bhuail e aig an doras, agus thàinig seann duine a-mach. Thàinig seann duine a-mach agus dh'fhaighneachd e dha 'n t-sealgair, "Cò thu?" ars' esan, "No cò às a bheil thu air tighinn?"
"Tha mi," ars' esan, "a' dol sìos gu Beinn Dhonnchaidh," ars' esan, "gu be dé cho fada 's a tha i bhuam."
"Tha i," ars' esan, "fichead mìle bhuat fhathast," ars' esan.
"Och, och," ars' esan, "chan urrainn mise na ruighinn a-nochd."
"Chan urrainn," ars' esan, a' seann duine. "Ach ma tha thu fhéin nad dhuine ceart, modhail," ars' esan, "nach fhaod tu fuireach còmhla riums' ann a' seo, ged tha, ged tha an taigh agam beag, dugh a' coimhead," ars' esan, "'s e as fheàrr na bhith a-muigh. Agus chan eil agam ach aon leab', ach nach fhaod an dithist againn cadal," ars' esan, "còmhla."
"O, faodaidh," ars' esan, a' sealgair, "cha do chuir mi trioblaid air duine riamh."
"All right. Co-dhiù," ars' esan, "tha mi 'dol a dheanamh na tì."
Agus rinn e 'n tì co-dhiù, is thug e roinn dhan aran choirce dha 'n t-seann duine, 's dha 'n tì, 's ghabh e fhéin roinn.
Chaidil e co-dhiù oidhche 's nuair a dhùisg e anns a' mhadainn bha là geal ann 's dh'éirich e 's chuir e teine 'sa stòbh a bh' aig an t-seann fhear. Rinn e an tì 's thug e roinn dhe dha 'n t-seann fhear is dha fhéin 's fhuair e deiseil 's bha e a' falbh.
"A-nist," ars' esan, an seann duine, "an ath taigh, tha e deich mìle bhuat," ars' esan, " 's tha nighean mhór ruadh a' fuireach ann," ars' esan, " 's tha i cho làidir ri each sam bith," ars' esan. Ach gu dé a dh'amais dha 'n t-sealgair, ach gun robh e fhéin cho làidir ri each sam bith.
"Agus, nuair a thig thu gu'n dorast an taighe aice," ars' esan, "feumaidh tu cantail mar seo: "open pain." Is mura can thu sin, chan fhosgail i an doras."
Ràinig an sealgair co-dhiù an dorast aice, agus cha do chuimhnich e air an fhacal a chantail, 's e "open seesaw" a bha e a' cantail, is cha robh an doras 'ga fhosgladh. By God, chuimhnich e seo air an fhacal bha seo, "open pain." Agus thuirt e "open pain," is dh'fhosgail i 'n doras. Bha i 'na seasamh am meadhan an ùrlair.
"Gu dé," ars' ise, "a tha thu a' coimhead air a shon?"
"Tha mi a' coimhead air a shon," ars' esan, "feuch an innseadh tu dhomh gu dé ach cho fada," ars' esan, "tha Beinn Dhonnchaidh bhuam?"
"Tha e," ars' ise, "deich mìle bhuat."
"Uill," ars' esan, "tha teansa nach dèan mi an gnothach," ars' esan, "air sin a ruighinn," ars' esan, "a-nochd."
"Cha dèan," ars' ise.
"Uill, nach fhaodadh," ars' esan, "gun cumadh tu fhéin ann a' seo a-nochd mi"
"Chan eil mi," ars' ise, "airson cumail dhaoin' ann. Chan eil agam ach an aon leab'," ars' ise, "co-dhiù."
"Ach stad," ars' ise, "mionaid bheag. Ma chaidleas tu," ars' ise, "air an ùrlar an cùl na còmhladh ann a' siud, agus pocan còinnich a th'ann is siud a chuir fo 'd chluais, dh'fhaodadh tu fuireach, ach gu feum thu bhi gu math modhail, agus trì—dà cheathramh do dh'òran a bhith agad deiseil dhomh 'sa mhadainn."
"Ó," ars' esan, "cha stuckadh tu ann an dèanamh nan òran idir mi. Uill matà ars' ise, is bargain e"
"Bargain e," ars' ise.
"Tha mise," ars' esan, "dol a dheànamh na tì."
"Chan fhaod thu sin a dheànamh," ars' ise.
"Uill," ars' esan, "dèan fhéin dhomh an tì."
"Uill, nì," ars' ise.
Rinn i an tì dha co-dhiù, is thug i òrdan dha a bhith, agus 's e coinnlean a bh' aice lasta. Agus thug i òrdan dha a bhith dol a chadal air an ùrlar 's am poca còinnich a chuir fo'n chluais agus an ceathramh òran—an dà cheathramh òran a bhith deiseil 'sa mhadainn dha.
Ach coma co-dhiù, chaidh e—ach co-dhiù, an déidh dha a dhol air an ùrlar na shìneadh smaointich e gur ann a dh'éireadh e is gun rachadh e còmhla rithe dha 'n leabaidh. Agus dh'éirich e agus thog e an t-aodach oirre agus a cheud rud do dh'fhairich e, thug i, dh'fheuch i a bhreab air mun aodann agus dh'fheuch i dòrn air mu na fiaclan. Dh'aithnich e nach bu bheath' e agus thill e a-null agus chaidh e na shìneadh air an ùrlar co-dhiù agus start e air dèanamh an dà cheathramh òrain 's bha 'ad deiseil aige 'sa mhadainn.
Dh'éirich e co-dhiù a's a' mhadainn 's dh'éirich ise.
"Seadh," ars' ise, "bheil an t-òran a bha siud deiseil?"
"Tha," ars' esan, "ach cha chluinn thu e gus an òl mi an tì."
"Chan eil mi," ars' ise, "airson a thoirt tì” ars' ise, do thramp-aichean a' falbh mar seo idir."
"Uill," ars' esan, "gheobh mise—nì mise an tì co-dhiù," ars' esan. "Tha e cho math dhut a dèanamh."
Bha sin all right co-dhiù, Dh'fhalbh i, is rinn i an tì is thug i dha.
"Seo," ars' ise. "Cluinnidh mi an t-òran."
"Cluinnidh," ars' esan.


'S oidhche dhomh-sa 's mi siubhal garbhlaich
Chaidh mi shealg air an nighean ruaidh
Rinn i leapa dhomh 'n cùl na còmhladh
Is badan còinnich a chuir fo'm chluais


Nuair dh'fhalbh am boillsgeadh a bh' anns na coinnlean
Rinn mi éirigh, gun deach mi suas
Thog mi 'n t-aodach a bha rith' aotrom
Leig mi mo thaobh ris an nìghinn ruaidh


Thug i breab dhomh mu na fiaclain
'S ghlag na griosaichean, is rinn 'ad fuaim
Agus dòrn a thoir dhomh mu na sùilean
Gun robh mi 'n dùil gum b' e siud an uaigh.


Leum i 'null 's rug i air, agus cha robh e ach car na mhùgan is chuir i air a dhà ghlùin air a mhùgan e. "A mhic an Fhir Mhóir," ars' ise, "cha b' e sin a seòrsa òrain a dh'iarr mis' ort a dheànamh, ach òran math," ars' ise.
'A dhiol mun do leum an fhearg air is leum e 'na sheasamh is rug e oirre is chuir e—thog e far a cas i is chuir e fairis a druim ris an ùrlar. Ghrìos i gun robh a druim cnàmhan air a bhristeadh.
"Mur a bheil 'ad briste," ars' esan, "bidh 'ad briste," ars' esan, "mum bi mise ullamh no bidh tu nas modhaile na tha thu," ars' esan.
Dh'fhalbh e is dh'fhàg e na siud i na sìneadh air an ùrlar. Ah co-dhiù, dh'fhalbh e. Beul na h-oidhche ràinig e an taigh fo dheireadh aig bonn Beinn Dhonnchaidh. Agus bhuail e aig an dorast agus dh'fhosgail e 'n dorast agus nuair a chunnaic fear a bh' ann an sin e, rinn e toileachadh mór ris.
"Tha mi 'dèanamh a-mach," ars' esan, am fear a bh' ann an sin, ars' e, "gur ann a shealgaireachd a thàinig tu."
"'S ann," ars' esan, an Sealgair.
"Tha sin all right, co-dhiù. Tha a' bheinn ud shuas ars' esan làn dhe 'n h-uile seòrsa creutair," ars' esan. "Agus co-dhiù," thuirt an duine a bh' ann a' sin ris an t-sealgair, "tha a' bheinn ud shuas làn," ars' esan, "dhe 'n h-uile creutair," ars' esan. "Ach gu dé a' feum tha sin," ars' esan, "ged a mharbhadh tu uileadh 'ad, chan fhaigh thu aon dolair air a son. Agus chan eil steamer " ars' esan "a tighinn gu 'n loch bheag shìos," ars' esan, "ach aon uair 's na trì bliadhna, is cha cheannaich 'ad sin—cha do cheannaich—cha cheannaich 'ad sin cus co-dhiù."
"Uill," ars' esan, an Sealgair, "tha cho math dhomh bhi falbh, ma thà."
"Tha," ars' esan, am bodach a bh' ann an sin, "ach chan eil mise gad chuir air falbh."
"O tha fhios a'm nach eil," ars' esan.
"Ach gabhaidh tu rathad a' chladaich," ars' esan, "'S e as fheàrr," ars' esan, "na rathad air an d' thàinig tu."
Dh'fhàg e beannachd aig an t-seann fhear a bha sin, 's start e co-dhiù, agus bha a' ghrian a' soillseadh cho brèagha, cho brèagha 's cho bòidheach co-dhiù, is bha e 'faicinn rud a' soillseachadh roimhe air a' chladach. Cha robh fhios aige dé a bh' ann. Nuair a ràinig e, dé a bh' ann ach cnapach do bharailte agus e làn do bhuinn airgid, agus am pìos dha 'n cheann air a bhristeadh a-mach. Cha robh fhios aige dé mar a gheibheadh e an ceann a chuir 'sa bharailte ach eadar a h-uile rud a bh' ann fhuair e an ceann a chuir ann. Chaith e air a mhuin e, air a ghualainn. Start e air coiseachd, agus an gunna 's an dala làimh 's am barailte air a' ghualainn 'sa làimh” eile. Theann an oidhche air ciarachadh 's smaointich e gun robh, smaointich gun robh an t-àm aige coimhead airson àit a's an caidleadh e. Chunnaic e sruthan do dh'allta, do dh'allta snog a' ruith a-mach dha 'n chladach agus chruinnich e biorain agus smodal agus rinn e teine agus ghoil e a' phoit tì agus dh'ith e roinn dha 'n aran agus dha 'n tì agus chaidh e na shìneadh agus chuir e am barailte air a chùlaibh 's an gunna air a' bheulaibh co-dhiù agus chaidil e.
Dhùist [dhùisg] e 'sa—dhùist e làrna-mhàireach co-dhiù agus bha a' ghrian a' soillseachadh cho brèagha agus chaith e am barailte air a mhuin agus thog e rithe. Cha do thadhail á àite co-dhiù gus fad a' là sin, theann an oidhche air ciaradh agus smaointich gun robh an t-àm aige rud a chuir air dòigh airson—a dh'ithe—a dh'itheadh e, agus gun rest-adh e. Chunnaic e sruthan do dh'fhuaran a' ruith a-nuas le bruthach a bh' ann agus chaidh e a-null agus thest e an t-uiste [uisge] cho math 's a b' urrainn dha 's chòrd e ris. Rinn e teine co-dhiù agus ghoil e a' phoit tì agus dh'ith e share dha 'n aran choirce agus chaidh e na shìneadh agus chaidil e.
Dhùist e làrna-mhàireach, bha an aon rud ann, a' ghrian a' soillseachadh cho brèagha. Co-dhiù, rinn e teine ann a' sin an uair sin agus ghabh e aige fhéin agus start e.
Feasgar, spell mu 'n a dhorch' a dh'oidhche ràinig e an taigh aige fhéin. Thog e 'staigh am buideal a bh' ann a' sin, am barailte agus chaith e ri 'n taobh an taighe e. Agus dh'fhaighneachd a mhàthair dheth, "Ach gu dé," ars' ise, "a th' agad an siud?"
"Chan eil fhios agamsa," ars' esan, "dé th' ann. Falbhaibh thu péin is coimhead thu air."
Thog i an ceann is cha robh fhios aice dé a bheireadh i nuair chunnaic i, gun robh e làn airgid.
"Uill," ars' ise, "tha mi 'n dòchas nach e ghoid a rinn thu co-dhiù."
"O chan e," ars' esan, "fhuair mi air a' chladach e."
"Cuid cladaich," ars' ise, "tha e an aireach gu leòr," ars' ise, "do dhuine."
Ach bha sin a' dol air n-aghaidh is bha e a-staigh 's cha robh e a' dèanamh car. Ach a' là bha seo thuirt e ri mhàthair, "Tha mi 'dol a-null a Shasainn," ars' esan. "Tha friends agam thall," ars' esan, "agus feadhainn tha càirdeach dhuinn. Tha mi 'dol a-null," ars' esan, "'gan coimhead."
"Uill," ars' ise, "feumaidh tu cuideigin fhàgail còmhla riumsa," ars' ise.
"Bheir sinn a-nuas an té ud shuas," ars' esan, "agus fanaidh i còmhla riut ann a' seo."
Agus, "Ma thig i ann, ma thig i" ars' ise.
"O, thig," ars' esan.
Chaidh e suas 's bhruidhinn e rith'. 'S i a bha deònach tighinn còmhla ri a mhàthair. Fhuair e deiseil agus dh'fhalbh e co-dhiù agus eadar a h-uile rud a bh' ann, ràinig e Sasainn.
Fhuair e far na robh feadhainn dha na friends aige 'fuireach agus chaidh e bhruidhinn riuthch' agus dh'fhaighneachd e dhiubh "Uill gu dé seòrsa àite bha seo?"
"Àite cho math," ars' àsan, "'S a chuala tu riamh," ars' àsan, "ach b' e gu dé as coireach chan eil brògan idir ann. Cha ghabh bròg faighinn."
"Uill," ars' esan, "nam biodh a-nist," ars' esan "factory bheag aig duin', nach e a dheànadh?.''
"Dheànadh, gu dearbh."
"Uill," ars' esan, "Ghabhainn glé bheag," ars' esan, "agus factory a chuir suas."
Theann a' fear sin air gàireachdaich 's air magadh air, 's e cinnteach nach robh seant aige.
Cha robh ann ach sealgair mar a dh'fhàg e fhéin thall.
"Uill," thuirt a' fear sin, "tha pàirce mhór shìos ann a' siud," ars' esan, "agus fear leis is leis i," ars' esan, "chan eil e 'faighinn creic dhi. Gheibh thu i sin," ars' esan, "ma théid agad air a ceannach, cuir suas factory ann. Thugainn sìos 'ga choimhead," ars' esan.
Chaidh 'ad sìos, bhruidhinn e ris an fhear sin, an creiceadh e a' phàirce dhuinn.
"'S fhada bha mis' air a creic ach bha i air faireachdainn orm"
"Ceannaichidh mise i," ars' esan, "ma gheobh mi i," ars' esan, "aig prìs reusanta."
"O, gheobh," ars' esan, a' fear a bha sin. "Thig thusa 'nuas a-màireach," ars' esan, "is bidh an deed agamsa deiseil," ars' esan.
Chaidh e sìos air làrna-mhàireach is fhuair e 'n deed, 's phàigh e a' phàirce co-dhiù. 'S thug e òrdugh dha chuid,—òrdan dha chuid friends co-dhiù—teannadh air lumber òrdachadh, 's teannadh air cuir suas a factory. Chuir e suas a factory e is thug e a h-uile duine dha chuid friends a dh'obraicheadh agus, agus sin factory cho mór airson bhròg 's a tha an-diugh an Sasainn aca thall.








Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile