GF055i02_056i01 AN CÙBAIR CAOL Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean As na h-olden times bha fear ris an canadh 'ad an cùbair. Agus bha mac aige, agus dh'ionnsaich e a' chùbaireachd dha mhac. Agus bha seachd troighean a dh'fhad a's a' ghille, a's a mac a' chùbair. Ach dh'eug e sionachd, fhuair athair a ghille fhuair e am bàs, fhuair a mhàthair am bàs, chaidh fhàgail leis fhéin. Chaidh an gille fhàgail leis fhéin. Agus, co-dhiù, smaointich an gille là dhe na làthaichean gur ann a chuireadh mu dheidhinn pòsadh, nam faigheadh e té a phòsadh e. Fhuair e té co-dhiù, is phòs e, agus bha e 'cùbaireachd, agus bha e 'deanamh trup a h-uile trì mìosan dhan bhaile le lòd, do chuplaichean 's do bhogsaichean 's do bharailtean 's dha 'n h-uile seòrs'. Agus bha e 'cumail each agus sleighe airson a' gheamhraidh, agus wagon mór airson an t-samhraidh. Ach co-dhiù, là a bha seo, thuirt a bhean ris, ''Tha an t-àm agad, a dhuine,'' os ise, ''a bhith 'cur mu dheidhinn a dhol dha 'n bhail','' os ise, ''dha 'n stòr.'' Ach bha am baile fichead mìle bhuaithe. ''Tha an taigh,'' os ise, ''air fàs gann,'' os ise, ''do fhlùr, is do mhin,'' os ise, ''is do feed, is do ghrocery'' ars’ ise. ''Tha lòd agam-sa,'' ars’esan, deiseal air an t-sleigh,'' ars’esan ''nan deanadh i beagan eile sneachd a-màireach - a-nochd'' ars’ esan. ''Air chor 's gun tugainn leam an t-sleigh, 's i bh' fheàrr a thoirt leam na wagon,'' thuirt esan. Alright, co-dhiù, dh'éirich e tràth 'sa mhadainn agus chaidh e 'mach agus by God, rinn i roinn do shneachd a-raoir. Thàinig e 'staigh is thuirt e ris a bhean, ''S e an t-sleigh tha mi 'toirt leam,'' thuirt esan. ''Tha deagh rathad a' dol a bhith agam.'' Dh'fhalbh e co-dhiù, agus thog e deiseil 's dh'fhalbh e, agus bha e - air mhìltean dha air falbh, chunnaic e boireannach a' tighinn na choinneamh agus dreas uain' oirre. Agus bonaid mhór leathann gheal mu ceann. Chuir i iongantas air co-dhiù, an seòrs’ aodaich a bh' oirre is nuair a thàinig i ann an àite bruidhinneadh dha, bhruidhinn e rith'. Is bhruidhinn i ris. Agus, ''Am bi thu,'' os ise, ''ma dh'fhaoidte,'' os ise, 'ged tha mi 'brudhinn riut, gur e an duine ceàrr a th' agam. Ach ma 's e tusa an duine,'' os ise, ''tha mi 'smaointinn a th' ann,'' os ise, ''tha nickname aca air. Cha bhi e gu diofar dhomh chantail ribh.'' ''Cha bhi,'' os esan. ''Tha mi coma dé bheir thu.'' ''An tusa an cùbair caol?'' os ise. '' 'S mi,'' ars esan. ''Sin an t-ainm a tha 'ad ag éigheach dhomh. “Ach tha sin” ars’ esan, “all right chan eil diofar ann''. Ach bha e co-dhiù - ''Uill,'' os ise, ''am bi thu a' faighinn hard times a' creic na lòidean tha seo?'' ''Mura b’e friend math," ars’ esan ''a th' agam aig ceann a bhos a' bhaile dheoghadh. 'S e marsant’ a th' ann,'' ars’ esan '' 's e stòr th’aige ‘se stor gorm a th' ann, Agus,'' ars’ esan, ''bidh e 'ceannach a' lòd bhuam uaireigin dìreach uile gu léir, is leth a lòd uairean, mura 's urrainn e dheanamh.'' ''Mura be am fear seo'' ars’esan " bhithinn a' faighinn hard times gu leòr." "An dà," os ise, '''S e an duine agam-sa tha sin," os ise. "Agus rud sam bith tha mi 'dol a dh' innse dhut, feuch nach inns thu e. Is na innse dha 'n duin' agam," os ise, "Gum faca tu mis' idir." "O, chan innse gu dearbh," ars esan. "No ma dh' innseas tu," os ise, "sgath dha 'n a tha mi 'dol a dh' innse dhut" tha e cunnartach 's gum faigh thu am bàs. Ach faodaidh tu innse dha 'n bhean agad fhéin," os ise. "Agus chan fhaod is' innse." "Alright," ars’ esan. Dh'fhàg e goodbye aice, a bhean a bha 'san uaine is dh'fhalbh e, is ràinig e a stòr gorm, agus bha am marsanta na shuidhe a-staigh air sèithir. Agus thug 'ad spell a' bruidhinn. "A bheil," os esan, "seansa gun creic mi sgath tha seo?" "O tha," os esan, am marsanta, bha mi dìreach a' feitheamh riut. “Poidhl’ a-staigh a' lòd." Is phoidhl' e 'staigh a' lòd a bh' air an t-sleighidh aige co-dhiù. "O, ars esan an cùbair tha lòd eil’orm, a tha dhìth orm, a their mi leam." "Bheir leat gu leòr” ars esan an seo. Is bha e 'lòdadh an t-sleighe Rinn an cùbair co-dhiù, an cùbair caol, lòdaig e an t-sleighe, dhe 'n h-uile seòrs' a bha e 'dol thoirt dhachaigh. Start e dhachaigh co-dhiù leis a' lòd, agus bha an oidhche air teann air fas car geur agus chunnaic e dithis do ghillean mór air choltas gun robh 'ad làidir a' tighinn a-mach ás a' choillidh. Agus rug fear ac' air ceann an eich agus stad e, agus leum a' fear eile a chaitheadh a-mach an lòd a bha 'san t-sleighidh aige air taobh a rathaid. Thionndaich e, an cùbair, a chulaibh riutha, ach bha - thug bean a' mharsanta, thug i belt dha 'n chùbair. "Tha belt ann a' seo," os ise "agus tha ochd snaoimeanan deug air is ma bhios tu nad éiginn uair sam bith," os ise, "fuasgail snaoim air agus iarr rud sam bith a bhios tu 'g iarraidh is gheibh thu e. Thionndaidh an cùbair co-dhiù, chual'` e is dh' fhuasgail e snaoim agus dh'òrdaich e na gillean a bha siud a bhith falabh suas dha 'n adhar os a chionn. Is suil dhan tug e, cha robh aig ach an sealladh air buinn nam bròg aca a' falbh suas. Chuir e a' lòd air an t-sleigh mar a bha e roimhe, agus start e dhachaigh, agus thàinig e dhachaigh, agus dh'inns e a h-uile sgath a thachair dha dha 'n bhean co-dhiù, agus dh'iarr e oirre gun guth thoirt air sian. Bha sin alright co-dhiù. An ceann, ma tha, trì mìosan co-dhiù, thuirt a bhean ris gu feumadh e bhith falbh dha 'n bhaile. Agus fhuair e deiseil “Tha an' lòd agam deiseil: ars esan. Dh' fhalbh e is ràinig e a' stòr co-dhiù, agus bh’a marsanta na shuidhe a-staigh agus coltas gu math diombach air. "Uill," os esan, am marsanta "tha droch naidheachd agam dhut an-diugh." "Gu dé tha ceàrr?" os esan. "An e daoin’ tha marbh, no -" "Chan e," os esan, "chreich mi 'mach," ars esan, "an stór, is an taigh 's a h-uile rud a h-ann is tha mi fhín 's a bhean a' falbh," ars’ esan "ceudan mìle ás a' seo, is chan urrainn mi sgath cuideachaidh a dheanamh leat," ars esan, "an-diugh." "Ah uill," os esan, an cùbair, "chan eil àrach air. “Aon spell" thuirt an cùbair, "feumaidh mi dhol a-mach a choimhead air an each 's air a' lòd feuch a bheil duine a dol na choir. Chaidh e a-mach agus dh' fhuasgail e snaoim air a' bhelt agus dh'òrdaich e am marsant’ a cheannach bhuaithe a lòid agus e bhith air a chreic mu falbhadh e ás a' stòr uile gu léir. Thill e 'staigh co-dhiù, agus thuirt e ris a' mharsanta, "Feumaidh mise bhith falbh," os esan, "mu faigh mi a' lòd a chreic," os esan. "Bidh mi anmoch." "Dean stad bheag," os esan, am marsanta. Is chaidh e a-null do dh' oifis a bh' aige. Agus thàinig e a-nall. "Cuir a-staigh a' lòd, Poidhle a-staigh," os esan, "a-huile sgàth a th' ann. Cha chreid mi mum falbh mi nach faigh mi chreic." Phoidhl’ a marsanta co-dhiu, phoidhl’ e, phoidhl’ e a' lòd a-staigh co-dhiù. Bha sin alright. Thàinig e dhachaigh co-dhiù, agus nuair a thàinig e dhachaigh dh' fhaighneachd e na bhean, "Am faca tu duine” ars esan "Dithis bhoireannach ann a' seo," os ise, bho 'n a dh'fhalbh thu. "Tha mi 'n dòchas," ars’ esan, "nach do dh'innse thu sgath dhaibh." "An dà, dh'innse," os ise. "Dh'innse mi ars ise." "Ma tha," os esan, an cùbair, "bidh sinn marbh." "Ach," ars’ ise, "thus' a' toirt geill dha!" os ise. Chaidh na nabuidhean bha mun chuairt, 'sa mhadainn, cha robh 'ad a' faichinn smùid no sian ás an taigh aig a' chùbair. Chaidh 'ad a-null is bha e fhéin 's a bhean marbh 'sa leabaidh.