GF052i01 THUG MI'N OIDHCHE 'RAOIR SUNNDACH Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean Thug mi ’n oidhche raoir sunndach a’ beatadh dh’ionnsaidh a’ chala. Feuch an ràinig mi ’n t-àite ás na dh’fhàg mi mo leannan Fhuaras is' air ùr-phòsadh aig fear òg [air an ceangail...?] Ris na sreangan nach fhuasgail ’s a dh’ fhàgas truagh mi ri m' mhaireann. 'S comhairl' bheirinn air caileag gun bhith amaiseach gòrach, Gun bhith toirt a gùth falaich a dh’fhear an ’ga bhòidhchead Bidh a fiorachd ’na bhruidhinn, bidh a chridhe fuair reòta Bidh a phòg air là smalan gum meall a caileagan gòrach.