GF050i06_051i01 'ILLE DHUINN Beulaiche: Mairead bean Ruairidh Iagain Ruairidh | Margaret MacLean [Séist:] 'Ille dhuinn, o gù Ill iù na horo 'Ille dhuinn, o gù 'Ille dhuinn, a' chùil bhàin, Thug mi gràdh dhut 's mi òg. 'S truagh nach robh mi fhéin 's mo ghràdh Mullach àrd bheinn a' cheò. Far an cluinnear fuam na féidh 'S air an éibh damh nan croic' Far an cluinnear fuaim an uillt Ruith gu bonn beinn a' cheò. Far an cluinnear fuaim nan nighean, Far an ciaradh an latha. 'S air a bheil coileach nan geugan Ag éisteachd ri' n ceòl. Agus cearcan glas a' ruith Far nach [saoillt?] às a' cheò. 'S far a bheil coileach nan geugan Ag éisteachd ri cheòl. Agus cearcan glas a' ruith Far nach [saoillt? ] às a cheò. A bhith còmhla leat 's gach oidhche, Dhèanainn foill na bheil beò. Bhi mo làmh fo d' cheann, 'S cha bhi [moille?] air do phòg. 'S chan eil nithichean fo'n ghréin, A nì feum air mo bhròn. Thàinig fios thugad o'n chrùn, A bhith giùlain a' chòt'. Còta dearg 's bhoineid gorm, Deise an airm rinn mo leòn. Ri d' chlaidheamh stàilinn cruaidh geàrr 'S tusa dh'éireadh 'sa bhlàr. [Air?] do saighdear le cheum eutrom Nuair [dh'éigheadh?] ort gu còir.