GF048i02 AN GEARRAN CAM, CRÙBACH Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie (Dan N.) MacLellan [Lauchie (Dan N.) MacLellan:] Bu thoigh leinn, ma bhith cuideigin ann a bheireadh dhuinne sgeulachd mun gearran cam, crùbach. [John Shaw:] Dé seòrsa beathach a bh' ann? [LML:] Nuair a bha an duine seo fo gheasaibh, agus bha an gearan cam, crùbach aige 's cha robh duine 'toirt sùil air, ach nuair a dh'fheumadh esan a dhol tadhail sam bi, cha robh aige ach leth-diallaid a chur air a' ghearran chrom chrùbach—cham, chrùbach agus bha e 'fàs na 's steud, bòidheach, eireachdail a dh'fhalbhadh air muir agus air tìr.