GF046i07 MÀIRI NIGHEAN MHÓR Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lachlan MacLellan Tar-Sgrìobhadh: Froilig Chluich e port eile. Agus sin: Màiri ni'n Mhòr is lùireach oirre, Tha giobal oirre is lùireach oirre, Tha Màiri ni'n Mhòr is lùireach oirre, 'Na suidhe cùl na còmhladh. Agus thuirt mise ri Tearlach, "Uell, a Thearlaich" ars' mise, "'S e sàr phort a bh' ann am Màiri ni'n Mhòr. "An-dà," thuirt Tearlach, "'S iomadh duine a thug callan air Màiri ni'n Mhòr!"