GF046i03bE CAORAICH GUN UISGE Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie (Dan N.) MacLellan [Lauchie (Dan N.) MacLellan:] Caoraich— [John Shaw:] Tha. [LML:] —gun tigeadh aig na caoraich air fuireach beò fad a' gheamhraidh gun deoch do dh'uiste [usige]. [JS:] Hm-hmm. Chuala mi sin. [LML:] Agus thuirt esan, "Chan eil mi 'ga chreidsinn idir," thuirt esan. "Cha deachaidh creutair riamh," thuirt esan, "air uchd uachdarach an t-saoghail—riamh fhuireachadh fad a' gheamhraidh gun deoch do dh'uist' ach làir Haley!"