GF042i05 DUAN NA CALLAINN Beulaiche: Lucy n'in Chatrìona ni'n Ailein Chaluim Pìobaire | Lucy Patterson Triùir a-nochd mar oidhche Chasg Gus an d' fhuair e bhàrr na slighe 'S 'nochd an oidhche cròthadh cruaidh Crann cruaidh a' chrochadh Crìosd Crìosda 's cléireach os a chionn Dh'òrdaich an Dia an saoghal a bh' ann Suas aig banag, suas aig bochd Suas air bhàrr na h-oidhch' a-nochd Bha Moire ri glùin Rinn i an ùrnaigh a bha na h-uchd Mise cléireach is math mo mhisneachd Dol thimcheall an clach a bha iochdail 'S leth dhomh triubhaidh, 's leth dhomh tràth 'S leth dhomh a bhith air an t-sràid Leth dhomh calpa caola cruaidh 'Gan caogadh nach eil càirdeas ann 'S iomadh gille, 's iomadh cù 'S iomadh taigh mhór air an triùir Ainmean na gillean air a' chéile Is mise an teachdaire a bhios stéidhichte Sìos an doras 's fosgail e.