GF039I02 AN NATHAIR GHEAL Beulaiche: Eòs Nìll Bhig | Joe Neil MacNeil Bha siud uair dha’n àm, ’s e Rìgh ann an ceàrn de dh’Éirinn, agus bha seirbheiseach aige, seirbheiseach sònraichte agus ’s e a bhiodh a’ toirt a bhiadh thuige dhan t-seòmar a h-uile latha ach bhiodh an truinnsear mór air a’ robh am biadh, bhiodh e daonan air a chòmhdach agus chan fhacas riamh dé am biadh a bh’ air. Is rachadh an truinnsear a thoirt a-staigh dhan t-seòmbar agus cha togar an còmhdach far an truinnseir fhad ’s a bhiodh an seirbheiseach a-staigh. Bha sin a’ dol air adhart fad greis de dh’ùine ach dh’fhàs an searbheiseach mu dheireadh cho-- ghabh e leth de dh’iongnadh ma dheoghainn a rud a bh’ ann, gu dé bha ceàrr dar a bhithte ’còmhdach an truinnseir a bha seo agus chuir e roimhe latha dhe na làithean gu faigheadh e a-mach ma dheoighinn agus nuair a thàinig e a-mach ás an t-seòmbar an àite a dhol dhan a’-- far a b’àbhaist dha leis an truinnsear a bh’ air a chòmhdach, ghabh e a-staigh dhan t-seòmbar eile. Agus thog e an còmhdach far an truinnseir agus bha nathair bhàn ann a' sin, pìos de nathair bhàn air an truinnsear. Agus ò, chuir e [dha?] leth de dh’iongnadh air, an rud a’ bh’ ann. ’S ann a gheàrr e bìdeag às an nathair agus dh’ith e e. Gheàrr e bìdeag às an nathair agus dh’ith e e. Agus nuair a shluig e am pìos a bha sin, thuigeadh e - chluinneadh agus thuigeadh e - ceilearadh, cànail aig a h-uile creutar - eòin is gach sìon, beothaichean beag no mór thuigeadh e iad, iasg is gach ni a bh’ ann. Ach co-dhiù, cha do leig e sìon air ach, ò, beagan ùine ás a dheoghaidh sin, chaill a’ Bhànrigh fàinne òr a bh’ aice agus bhon is esan an aon fhear a bhiodh a’ faighinn a-staigh dha na seòmraichean, có [?] an fhainne a ghoid ach dha-san agus chaidh a [choireachadh/comharrachadh?] gura h-e a ghoid a’ fàinne. Ach cha deachaidh a chur ann am prìosan, chaidh fhàgail-- [?] fhàgail aige latha no dhà gus am biodh cùis ann agus bha iad an uair sin, tha mi cinnteach gu rachadh e a chur gu bàs. Ach bha esan mun cuairt agus chuala e na tunnagan a’ còmhradh agus thuirt té dhiubh ri càch gu robh i a’ faireachdainn rudeigin ceàrr na h-amhaich, sìos na sgròban. “Is dé,” ars ise - té dhen fheadhainn eile, “tha ceàrr?” Thuirt ise, “thuit rudeigin a-mach air an uinneag agus thog mi agus shluig mi e,” ars ise, “is tha e a’ cur trioblaid orm bhuaithe sin.” Agus dh’fhalbh esan sìos far an robh na tunnagan co-dhiù agus [bha e] 'dol a thaghadh tunnagan a bhiodh reamhar airson gun toireadh e dh'ionnsaigh na bana-chòcaire airson a deasachadh agus neo-ar-thaing nach e an tunnag a bha seo a thagh e agus thug e suas i a dh'ionnsaidh na bana-chòcaire feuch dé a' bharail a bh' aice, an robh an tunnag seo reamhar gu leòr airson féist a dhèanamh. So thuirt i gu robh an tunnag seo math, gu robh i mór reamhar gu leòr agus chaidh an tunnag a mharbhadh is chaidh i a sgapadh is gu dé fhuaireadh an amhaich na tunnaig, shìos na sgròban, ach a' fàinne. Agus chaidh seo a thoirt dh'ionnsaidh na Bànrighinn agus fhuair esan cuidhteas ás a' ghnothach a bh' ann air a shàilleibh sin. Ach co-dhiù, cha robh e toilichte. Dh'fhuirich e greis de dh'ùine ach thuirt e a’ sin ris an Rìgh aon latha gu robh esan a' dol a thogail rithe, a' falbh a choimhead airson fortain, gu robh e dol a dhol an ceann an fhortain. Agus co-dhiù thugadh dha an t-each, tha mi cinnteach fear dhe na h-eich a b' fheàrr a bh' aca ’s a’ stàball agus dh'fhalbh e leis an each a bha sin, a' marcadh. Agus fada no goirid an t-astar dhan deach e, thàinig e gu srùthan beag, ’s e àite– seòrsa do lòn beag agus bha trì éisg bheag ann a’ sin agus bha iad ri seanchas agus bha iad a’ cantail, “gu dé tha sinn dol a dhèanamh? Dé tha dol a dh’éirigh dhuinn? Tha sinn dol a bhith ann a’ seo agus an t-uisge ’srùthadh sìos agus gheobh sinn am bàs, chan fhaigh sinn dhan doimhneachd.” Ach nuair a bha esan gan cluinntinn chaidh e a-null agus thog e na trì éisg bheag a bha sin agus ghiùlain e sìos gus na chuir e iad ann an uisge dhòmhainn agus thuirt fear dhe na h-éisg ris, “ma bhios sibh [gu sìor?] ann an éiginn no ann an càs a nì a h-aon againne feum dhut, foghnaidh dhut smaointinn oirnn agus thig sinne gad chuideachadh.” Agus dh'fhalbh e air a shocair agus thàinig e a' seo gu àite agus thuirt seangan mór gum b'fheàrr leis fhéin gum biodh tùr ann am muinntir siubhail gun a bhith a' stampadh air na dachannan [dachaighean] aca is gam marbhadh is [?] a thoirt orra. Agus stad esan an t-each sa mhionaid agus stiùir e an t-each mun cuairt air a' cnoc a's a robh na seangain agus thuirt e ris gu robh e duilich ma bha daoine a' dèanamh diofair dhaibh no a' dèanamh dochann orra ach nach dèanadh esan coire dhaibh co-dhiù. Ars esan, an seangan mór, "ma bhios feum agad air chuideachadh gu bràth théid againne air a dhèanamh leat, foghnaidh dhut smaointinn oirnn agus thig sinn gad chuideachadh." Ach chum e roimhe is co-dhiù fada no goirid an t-astar dhan deachaidh e, thàinig e gu coille agus bha e dol ’marcadh ron àite a bha sin. Agus thilg fitheach mhór [sic] bha dithi-- bha fithich mhór ann agus neadach ann an craoibh agus thilg iad a-mach isean, eun, isean fithich. Agus thuirt iad ris, "tha thusa air fàs mór gu leòr a-nis airson thu fhéin a chomhachadh gun sinne a bhith gad bhiathadh ann a' seo is thu nad thamh" agus thuit a' fitheach bochd a-nuas air a' làr. Thug Iain sùil air an fhitheach agus thuirt e ris fhéin, "tha an gnothach gu math dona." "Tha mise," ars esan, a' fitheach bochd a thuit dhan làr, "a' dol a fhaighinn a' bhàis ann a' seo. Chan eil mi air cothrom sgiathadh no gluasad airson biadh fhaighinn." "[? sìor sin]" ars esan agus-- ach, ars esan, "bheir mise cuideachdadh dhut" agus mharbh e an t-each agus dh'fhàg e an t-each aig an fhitheach. "Bidh tu," ars esan, "ga ithe sin air do shocair gus am fàs thu làidir gu leòr airson thu fhéin a thoirt ás air feadh an t-saoghail." Agus dh'fhalbh e fhéin dha chois. Ach nuair a bha e a' dealachadh thuirt a' fitheach, "ma bhios feum agad ormsa gu bràtha, foghnaidh dhut smaointinn orm agus thig mi gad ionnsaigh agus cuidichidh mi thu ma 's urrainn dhomh." Ach co-dhiù dh'fhalbh an gille [ri aghaidh?] dha chois is bha e a' siubhail is fada no goirid an t-astar dhan deachaidh e, thàinig e gu àite duine uasail, gu àite Rìgh a bha ann an ceàrn a bha sin. Agus dh'fhastadh e na sheirbheiseach aig a' Rìgh. Ach ghabh nighean a' Rìgh móran spéis dhe ach na deoghaidh sin bu mhath leatha deuchainn a chur air agus chuir i roimhpe b' e có phòsadh ise gu feumadh e na deuchainnean a rachadh a chur air a choileanadh. Agus dh'fhalbh i fhéin agus a-mach an seirbheiseach a' ruith dh'ionnsaidh a' chladaich feasgar agus thug i fainne òr far a mheur agus thilg i siud a-mach air a' mhuir. Is thuirt i, "ma bheir thu,” ars ise-- "an duine a bheir thugamsa a' fainn' ud, 's e," ars ise, "an duine a tha mi dol a phòsadh". Ach co-dhiù bha esan shìos air a' chladach, chaidh e sìos dh'ionnsaidh a' chladaich air làrna-mhàireach agus smaoinntinn gu dé an dòigh a dhèanamh e air a' fainne òrach fhaighinn. Ach smaointich e sin air na h-éisg bheag a bha anns an àite a bha tiormachadh, bha e an imis a bhith tiormachadh is chuir e dhan doimhneachd [iad]. Nam biodh iad aige a-nis dhèanamh iad cuideachadh dha. Is dh'fhairich e an t-uisge plubadaich is thug e sùil is bha na h-éisg a' tighinn am bàrr an uisge agus thilg fear aca slige a-nuas air a' chladach agus air a dh'fhosgail e an t-slige bha fainne na broinn. Dh'fhalbh e suas gu àite a' Rìgh agus thug e a’ fainne dhan nighinn. Ò bha i riaraichte gu leòr ás a' sin ach thuirt i ri h-athair nach pòsadh ise ach fear a dhèanadh na trì deuchainnean a rachadh a chur air. Agus fhuair i trì pocannan de fhras meanbh, cho meanbh ri fras feòir tha mi cinnteach. Agus chrath i sin a-muigh sa ghàrradh. Agus thuirt i an duine a phòsadh ise gu feumadh e a h-uile sìolan dhe na bha sin de fhras a chruinneachadh sa bhiodh ann an sacannan sa mhadainn mun gabhadh ise gnòthach ris. Ach co-dhiù chaidh e a-mach nuair a bha an oidhche dorcha agus shuidh e sìos aig iomall a' ghàrradh is bha e a' smaoineachadh dé mar a bha esan a' dol a chruinneachadh fras cho meanbh sin ach smaoinich e nam biodh na seangain aige gus thòisich na seangain air tighinn. Bha na seangain cho pailt is cha robh aca ach [?] sìolan no dhà do fhras leis na bh’ ann dhiubh is bha iad gan cruinneachadh air a thàinig latha is dh'éirich a' ghrian bha na trì pocannan de fhras làn mar a bha iad a' latha roimhe sin. Agus tha mi cinnteach gu robh nighean a' Rìgh a' faicinn gu robh a' gnothach a' dol leis an fhear eile co-dhiù ach thuirt i gu-- a' fear a phòsadh ise gu feumadh e ubhal a bha air a' chraoibh a bha 'fàs air eilean aig iomall an domhain mhòir a thoirt thuige-san [sic]-- thuice-se. Agus co-dhiù bha an càs gu math doirbh ach ghabh e coiseachd sìos dh'ionnsaigh a' chladaich is e a' smaointinn gu dé bha e-- mar a bha e dol a dhèanamh a' ghnothaich. Agus nuair a bha e shìos a' sin shuidh e air leac agus chuala e flapadh sgiathain is thug e sùil suas os a chionn is choimhead e gu dé bha dèanamh an fhuaim agus bha fitheach a' tighinn agus ubhal aige na ghob. Is ràinig e a-nuas gu làr is leig e an t-ubhal ás. "Seo," ars esan, "an ubhal far na craoibheadh a bh' air an eilean aig iomall an domhain mhòir." Agus thill e air n-ais dh'ionnsaigh an taighe suas is bha an ubhal aige. Agus nuair a chunnaic nighean a' Rìgh gu robh e comasach air a h-uile deuchainn a chaidh a chur air a choileanadh thuirt i gur e seo an duine a dh'fheumadh ise phòsadh. Agus thuirt a' Rìgh gu robh sin iomchaidh gu leòr agus is chaidh cur mu dheidhinn banais mhór a dèanamh dhaibh agus fhuair e còrr air leth na rìoghachd ri beò a' Rìgh agus bha a' rìoghachd aige uile air a bhàs. Agus sin agaibh a' naidheachd a fhuair mise air Naidheachd na Nathair Gheal. Leugh mi seo ann an leabhar ach chuala mi Naidheachd na Nathair Gheal roimhe sin aig cuideigin ach cha robh dad a' bheachd agam oirre ach dh'aithnich mi nuair a chunna mi, gu faca mi-- gu chuala mi roimh' e.