Back to recordings

Dhèanainn sùgradh ris a' nighinn duibh

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF036i07 DHÈANAINN SÙGRADH RIS A' NIGHINN DUIBH


Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec MacLean
Bàrd: Coinneach Dhòmhnaill Iain | Kenny Carmichael


[Séist:] Dhèanainn sùgradh ris a' nighinn duibh,
Agus éirigh anns a' mhadainn,
Dhèanainn sùgradh ris a' nighinn duibh.


Dhèanainn sùgradh ri mo mhaighdean,
Tighinn 'ron choill' 'san oidhche fhrasach.


Dhèanainn sùgradh ri mo Sheònaid,
'Dol air bhòidse a-null a Ghlaschu.


Dhèanainn sùgradh, sùgradh, sùgradh,
Dhèanainn sùgradh ris a' nighinn duibh.


'S nuair a dhìrich mi a' staidhre,
Gu robh [?] leannan.


'S ann a chuir i fàilte orm an Gàidhlig,
Cainnt mo mhàthar, 's i bu mhath leam.


'S ann a bhithinn iad cho—
'S aineol iad an canail againn.


'S ann a chuir siud orm 'sa champa,
Chuir e puinnsean air mo theanga.


'S théid mi dhachaigh gu mo Mhàiri,
Tha mo Ghàidhlig air toir thairis.


'S théid mi dhachaigh gu mo Mhàiri,
Tha mo Ghàidhlig air toir thairis.


Notes (fieldnotes):
"KENNY CARMICHAEL'S SONG. 1. DANCE HALL (FRAMGMENT) (A.M)"

Team notes:
Two verses from the traditional version "Dhèanainn sùgradh ris a' nighinn duibh."

Alec MacLean
Badaig Mhór | Big Baddeck 17 recordings Faic pròifil | view profile