GF034i07N CRAOBHAN AIR A' RATHAD Beulaiche: Alasdair Chaluim Chaluim | Alec Maclean Bàrd: Norman MacLeod Soraidh—what now, what am I— [Tape re-starts] [Séist:] Fail ì il ó thug hoirean ò, Hi iù ra bhò mo chéiteag, Fail ì il ó thug hoirean ò. 'S tha a' rathad seo air a' ghrainneachadh, Le poidhle mhath de mhaple; O, saoilidh mi nach d'fhiach e seo, Am biadh dha'n na sprèidh. 'S o mura bhios earrach anmoch ann, Gu dearbha biodh tu ìseal; 'S ma chuireas 'ad a cheannach thu, Chan fhad' a sheasas té dhiubh. 'S tha connadh cruaidh gu leòr agad, Is [poidhlichean/pollichean/pole-ichean?] a-réir sin. 'S tha dà dhamh mhór bhrèagha agad, 'Gam biathadh, 's ann air maple; 'S chan aithnich thu [oirr'?] as t-samhradh, Nuair a [rannaicheas?] 'ad fhéin e. 'S an cruinnicheadh 'ad as t-samhradh, Tha 'm brown top air na sléibhtean; 'S na faigheadh iad spruis-làir dhaibh, Gur mór a b' fhèairrte 'ad fhéin e.