'S e mo chaochladh mór a thàinig (le ro-ràdh)
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF033i10 'S E MO CHAOCHLADH MÓR A THÀINIG
Beulaiche: Sarah MacDonell
Bàrd: Alasdair Nìll Mhóir | Alexander MacDonald
[Speaker 1:] This old lady got lost in the woods, and she landed out at Archie Iain MacIsaac, out in—
[Speaker 2:] No, no.
[Speaker 3:] Put it down John, and I'll tell you where it is.
[Sarah MacDonell:] Bha an t-seann-fheadhainn seo aig an taigh, leoth' fhéin, agus thàinig am boireannach seo cros am barren a-nall 's i an deaghaidh a dhol air chall. Agus thàinig i a-staigh, am beul na h-oidhche 's i air chall, dha 'n àite bha seo, ach bha 'adsan cho gasta 's rinn 'ad dhith 'sa mhionaid, 's dh'aithnich 'ad i. Ach bha fhios aicese nach robh math dhith fuireach, o chionn gum biodh an fheadhainn a bh' aig an taigh a' coimhead ás a deaghaidh. Gun tugadh 'ad céilidh, is bhiodh fhios ac' gu robh i air chall, is bhiodh iad a' worry-igeadh. Agus thuirt esan rithe, e fhéin, is dh'éirich esan is chaidh e dh'ionnsaigh an doraist feuch có bh' aig an doras. Có bh' aig an dorast ach ise, an t-seann-té seo, 's dh'iarr e oirr' tighinn a-staigh 's suidhe.
'S bha i 'dol a dh'fhaighinn suipear, agus thuirt ise nach robh math dhith fuireach, gum biodh 'ad seo 'coimhead air a son. Agus shuidh esan agus rinn e òran dhith sin. Agus fhuair i rudeigin a ghabh i gus ithe, agus a' sin, rinn i 'mach gu feumadh i falbh. Is bha i 'dol a dh'fhalbh, agus cha robh wagon na sìon aigesan, ach bha 'ad dol a dhol a' mhacrachd. Bha each aige, agus fhuair e— "Tha mi gun wagon, gun dìollaid," thuirt e. Agus thug e ride dhithse air, a' macrachd an eich, agus chaidh 'ad ron bharren. Bha barren, o, bha astar do bharren aca ri dhol roimhe mu faigheadh iad dhachaigh dh'ionnsaigh an àite aice-se. Agus, uill, thug e ride dhith dhachaigh, agus ràinig 'ad a' sin an t-àite bha seo air Beinn River Denys, shuas á àite Bhraighnich. Ó daoine gasta 's a h-uile sian ach, 'n uair ud 's tha 'ad fhathast cuideachd—[BREAK IN TAPE].
[Séist:] 'S e mo chaochladh mór a thàinig,
'S e mo chaochladh, tha mi 'smaointinn;
'S fhad bho thìr a ghaol a tha mi,
'S e mo chaochladh mór a thàinig.
Shuidh sinn 'm beul na h-oidhche,
'S ann a thòisich sinn air cluicheas;
Thàinig gnog 's chuir e sgaoim oirnn,
Gnog is e ach maighdeann Màiri.
Dh'éirich mi fhín null na comhdhail,
Feuch có agam ùr eòlas;
Có bha sin ach nighean Dhòmhnaill,
Màiri dhòchais 's chuir mi fàilt' oirr'.
Thuirt i, "Chan eil math dhomh fuireach,
Bidh 'ad air mo thòrachd uile;
Dòmhnall, Raghnaill, is gillean Uilleam,
'S a h-uile h-aon a tha 'sa Bhràighe."
Thuirt mi dean stad tacan bìodach,
Tha an t-suipear a' dol an ìre;
Shuipear a' dol an ìre,
Deanamh cùpa tì do Mhàiri.
Ghlac mi 'n t-each is chuir mi srian ann,
Bha mi gun wagon, gun dìollaid;
Chros mi 'm barren mór air fhiaradh,
B'fheudar dhomh bhith triall le Màiri.
Nuair a ràn' sinn àite Bhraighnich,
Bha cùlagan ac' anns an oidhche;
Solas ac' ann am beileag,
'S 'ad a' faighneachd 'muigh 'son Màiri.
Cha bu t-àm dhomh 's a bhith talach,
Ged chaidh mi air chall 'sa bharren;
Fhuair mise mo chur dhachaigh,
Mo chur dhachaigh gu baile.
Team notes:
Cf. John Alex MacEachran, "Òran do Thé a Chaidh air Chall (le ro-ràdh)," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, May 31, 1978.