Back to recordings

Nigheannan a' tilleadh á Boston

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF033i05 NIGHEANNAN A' TILLEADH Á BOSTON


Beulaiche: Beulaiche: Jonaidh Eàirdsidh Dhòmhnaill Bhig | John Joe MacKenzie



Na nighneagan a bha 'fuireach ann am baile Bhoston fad greis. Thàinig 'ad dhachaidh a shealltainn air am pàrantan. Agus chuir 'ad mu aghaidh, mar a bheir 'ad anns a' Bheurla, bathroom a chur a-staigh. Fhuair 'ad sin air a dhèanadh co-dhiù. Bha am pàrantan gu math déidheil air a bhith 'g ithe buntàta agus sgadan, agus cha leigeadh na nigheannan leotha am buntàta na sgadan a bhruich a-staigh idir.


Ach latha dhe na làithichean a bha na h-igheannan air falbh, ghrad-bhruich 'ad buntàta is sgadan, agus bha na h-ighneagan a' dol a bhith air n-ais ann an ùine gheàrr ghoirid is thuirt am bodach, "Ach cà' 'n téid sinn ga ithe seo?"
"Theid sinn a nunn" thuirt ise, a bhean, "gu cuùl an t-sabhail."


Chaidh 'ad a-nunn gu cùl an t-sabhail agus bha 'ad ag ithe buntàta is sgadan ann a' sin, agus thuirt am bodach, "O, nach gabhaidh" ars esan, "mar a chaochlaidh a' saoghal. Bha uair dha robh saoghal gum bhitheamaid ag ithe a' bhuntàta is sgadain a-staigh agus bhitheamaid a' dol a-mach an cùl an t-sabhail airson gnothach eile."


John Joe MacKenzie
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 11 recordings Faic pròifil | view profile