GF033i03N A' PHOIT TÌ Beulaiche: Jonaidh Eàirdsidh Dhòmhnaill Bhig | John Joe MacKenzie Bàrd: John Laddie Gillis | John Gillis Rann beag a rinn Iain Mac'IlleIòs' ann an taigh piuthar a mhàthar ann an Eilean na Nollaig. Dh'éirich Iain Mac'IlleIos' tràth 's a' mhadainn. Chuir e an teine 's fhuair e a' phoit tì air. Cha robh Eliza ag éiridh agus smaointich e gun dèanadh e ceathramh òran seo: 'S gur i Eliza chaill a ciall, Cha ghluais i 'n-diugh mach á leapaidh; Gu bheil mi fhìn air fàs liath, 'S a' phoit tì air sùghadh; O 's i mo leannan an té ùr.