GF032i10N ÒRAN A' BHÒCAIN (LE RO-RÀDH) Beulaiche: Jonaidh Eàirdsidh Dhòmhnaill Bhig | John Joe MacKenzie Bàrd: Eóghann mac Eàirdsidh Sheumais | Hugh Francis MacKenzie Rinn Eóghann MacCoinnich a rugadh 's a thogadh an Cùl Eilean na Nollaig òran. 'S e "Òran a' Bhòcain" a chanadh 'ad ris. Bha na nàbaidhean a' cluinntinn fuaim a's a' choillidh ghoirid de dh'allt a bh' ann. Agus dh'fhalbh grunnan dha na nàbaidhean an oidhch' a bha seo le gunnaichean a shealg a' bhòcain. Agus còmhla leis gach duine bha Eóghann còmhla riutha. Agus na dhéidh sin rinn e an t-òran dhaibh, agus chan eil cuimhn' agam-s' air móran dheth ach ma dh'fhaoidte dà cheathramh. Tìm dhomh teannadh ri òran, Fiach a' seinn mi glòir na' fiùran, Na fir òga làidir is sgairteil, Dhearbh le 'n gaisgeach a bhi cliùiteach, Sliochd na laoich a bh' ann am Barraigh, 'S tric a rinn 'ad arm a ghiùlan, Dol a chogadh ri Rìgh Shasuinn, Chionn bhi bagairt air a' Phrionnsa. 'S gun dhearbh gillean a' Chùil seo, Nach leigeadh 'ad an cliù gu nàire, Bha iad deas gu dhol 's an tuasaid, Gun eagal, gun fuath ro nàmhaid, Nuair a chual' 'ad gu robh bòcan, Thall aig còmhnard Allt na Feàrna, Chruinnich 'ad réiseamaid uallach, A rinn gluasad anns an anmoch. Sin a' sealladh a bha bòidheach, An dream òg suas taobh na beinneadh, A' ghrian a' boillsgeadh 's a' deàrrsadh, Air lannan stàilinn gun deireas; Tharruing Niall 'ad ann an òrdugh, Air a' chòmhnard 's e mun choinneamh, Thuirt e "'Illean bithibh dòigheil, Mun dèan am bòcan ar greimeadh." Labhair Anthony an uair sin, 'S a fhuil gu ghruaidhean a' lasadh: "Bithibh duineil mar bu dual dhuibh, 'S cuiridh mise suas a' bhratach." Seinnidh Eóghann a' phìob-mhór dhuinn, Gus am bodhar e mac-talla; Dùisgidh i spiorad nan Gàidheal, 'S gur fheàirrd sinn 'dol dha 'n chath." Chaidh a' phìob-mhór a chur air gleusadh, 'S Cabair Féidh 'ga sheinn gu h-ealant', Gun d' shaoil mi gur aig Ceann-t-Sàile, Bh' ann am pàirce Dhòmhnuill Bharra, Eóghann spaidsearachd mun cuairt dhuinn, Anns a' chòinnich ruadh le farum, Sluagh a' cruinneachadh nan dòrlaich, Dol a chòmhstri ris a' [bhàn/mhathain?]. Dh'fhoighneachd Niall, "A' robh anns a' chòmhlan, Aon bhiodh deònach falbh air thoiseachd, Choimhead airson lorg a' bhòcain? Fiach co-dhiù bha air spòg no crobhan?" Fhreagair Iain agus Ruairidh, "Gun téid sinn air ruaig dha 'n drochaid, 'S ma thachras rinn—[BREAK IN TAPE]. Fhuair na fearaibh null dha 'n chòmhnard, Gus am bòcan chur ri talamh, Chluinnte fuaim a' cogadh òrdach, Cuid a's dòigheil airson batail, 'S duilich leam gu feumar innse, Facal fìrinn, rud nach d' chleachd mi, Dé bha sin ach uan gun mhàthair, Chaidh a bhàthadh anns an abhainn.