Back to recordings

Rannan a rinn Trapper Gillis

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF032i02N RANNAN A RINN TRAPPER GILLIS


Beulaiche: Dòmhall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh | Dan MacKenzie


Bha siud triùir a' dol gu banais trup, agus bha botal do ghrog ac'. Cò thachair riuth' ach Gillis, 's e 'tighinn ás a' choillidh. Bhiodh e 'trapadh, Gillis. Trapper math a bh' ann. 'S b' aithne dha na gillean Gillis.


"Ma nì thu," ars esan, "ceathramh òrain dhomh, no rann dhomh, their mi dhut dram."
Thug Gillis treis a' studaigeadh ann.


Tha mise nam ghiobain air— No, no, no.


'S gura mis' tha fliuch, fuar ,
Sibh ann fliuch is fuar,
Cha bhi mise fo gruaim,
A Dhòmhnach na Luan,
Fhad 's a gheibh mi madadh-ruadh agus dram.


See? That was one of them.


"By God," thuirt a' fear eile 'n uair sin, "feumaidh tu ceathramh a dheanamh dhomhsa."


Tha mise nam ghiobain air an daorach ag òl,
Chan eil [?] ás a' chùil a tha beò,
Gheibh mi maighich gu leòr,
'S gheibh mi lòd dhiubh air dòigh,
Thig mi dhachaigh is mo chasan os mo chionn.


That's the next fella.


Dan MacKenzie
Pòn na Maiseadh | Benacadie Pond 12 recordings Faic pròifil | view profile