Back to recordings

An Nighean Tapaidh aig Bodach na Croileig

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF031i08N AN NIGHEAN TAPAIDH AIG BODACH NA CROILEIG
Beulaiche: Dòmhnall Sheònaidh Iain Fhionnlaigh| Dan MacKenzie
Tar-Sgrìobhadh: Froilig Thar-Sgrìobhadh air Loidhne | Online Transcription Frolic 2024-05-27


Dan MacKenzie: Deiseil?


John Shaw: Tha.


DMacK: Bha siud ann, bodach, roimhid. Bha e fhéin 's a nighean a' fuireach còmhla ri chéile. Agus bhiodh am bodach a' falbh a h-uile latha ris a' chroileag dhan bhaile. Nuair a bhiodh a' chroileag làn, thigeadh e dhachaigh, bheireadh e leabaidh air.
Agus, latha bha seo, choinnich a' Rìgh ris. Thuirt e ris, "Tha tòimhseagan a' seo, feumaidh tu innse dhomh dé th'ann. 'An toisech a' latha air ceithir casan agus a' meadhan an latha air dà chois agus an deireadh an lathaichean air trì chasan.' Dé tha sin?" Thuirt am bodach, "Chan eil fhios agamsa fo Dhia dé tha sin" 's rug e air a' chroileag agus 's chaith e ris a' bhank i 's a-mach a thug e.
Thug e a' leabaidh air. Thuirt an nighean ris, "Dé tha ceàrr?"
"Chan eil sìon a dh'innsinn dhutsa, chan eil feum ann."
"Innse dé th'ann."
Thionndaich an nighean 's dh'inns' i dha gun e "Mac an Duine" bha sin. Nuair a bhiodh e a' crawladh air an ùrlair a màgran, bhiodh ceithir chasan fodha. Meadhan a lathaichean, nuair a bha e na dhuin' òg, bha dà chas fodha. An deireadh a laithichean, bhiodh bat' aige, bha trì casan air.
Air latha na màireach, choinnich an Rìgh ris. Dh'inns' e dhan Rìgh de bh'ann. Thuirt an Rìgh ris, "Cha de chinnich sin ás do cheann fhéin idir. Có dh'innse?"
"Ò cha do chinnich."
Dh'innse e an uairsin dhan Rìgh gur h-e an nighean a dh'innse dha.
"Am bheil nighean agad cho bright 's cho smart sin?"
"Tha."
"Feumaidh mi a faicinn."
'S a-mach a thug e a choimead air an nighean agus start e air bruidhinn rithe 's air bruidhinn rithe:
"'S ann a dh'fheumas tu mo phòsadh"
"Och" ars ise "cha phòsaidh."
"Feumaidh tu mo phòsadh"
Ge b' e dé a chanadh a' Rìgh, fheumadh iad a dhèanamh. Co-dhiù, phòs iad is an deoghaidh dhaibh pòsadh thuirt a' Rìgh ris a bhean, "Cha dean math dhut lagh a dhèanamh gu bràth os mo chionn-sa."
"Cha dèan," ars ise, "tha mu thrì iarratais," thuirt i, "a dhìth orm."
"Gheobh thu sin."


Co-dhiù, bha tuathanach ann is chuir e seann each a-mach dhan phasture is chuir an tuathanach eile a-mach searrach - làir agus searrach. Bha iad còmhl' ri chéile fad an t-samhraidh is dar a bha iad gan cruinneachadh dhachaigh, aig toiseach a' gheamhraidh, cha leanadh a' searrach an làir idir ach an seann each. Thuirt a' fear a bh' air leis an t-seann each,
"'S ann leis an each a tha an searrach!"
"Chan ann, chan ann, dé mar a bhiodh searrach aig each?"
Agus my God, start an aimhreit. Chaidh iad dhan Rìgh. Thuirt a' Rìgh riutha mar seo, "[?] dorust sabhail agus dorus air an taobh ud is dorus air an taobh ud is bheiribh a-mach a' searrach - làir air aon dorus is an t-each air dorus eile - ge bith có am beathach a leanas a' searrach, 's ann leis a tha e."
Turas an deoghaidh, lean a' searrach a' seann each, sin a' lagh.
Co-dhiù, thug a' fear an seann each leis an searrach. [?] Chaill an duine, chaill e searrach a [?], chaidh e coimhead air bean a' Rìgh. Bhiodh a' Rìgh a h-uile latha a-riamh a' falbh dhan Beinn Seilg, àite ris an canadh 'ad a' Bheinn Seilg. [?] astar fad an latha, 's chaidh iad ann. Bha bean, bha i [sic] 'bruidhinn ris am boireannach, bha e– mu dheidhinn an t-searrach.
"Uill," ars ise, "dhèanaich, gheobh ise searrach dhut ach cha tig gu math do lagh a dhèanadh os cionn mo Rìgh."
"O, sure, sin agad e."
'S bha iad a' bruidhinn 's a' bruidhinn. Mu dheireadh, thuirt bean a' Rìgh ris an duine, "Bheir leat bucaid do shalainn. Tha drochaid air a' rathad, shìos ann mar siud air a highway. Dar a chì thu 'n Rìgh a' tighinn feasgar, start sradadh an t-salainn a-mach dhan abhainn. Foghnaichidh e an Rìgh dhut, 'Dé a tha thu a' dèanadh a-sin?' Canaidh tu ris gu bheil pailt cho do salainn a [dhà?] 's a seo, ri searrach, am biodh seann each.'
Agus, "Tha," ars a' Rìgh, "tha thu ceart. Thalla dhachaigh is thoir leat a' searrach. 'S ann leat-s' a tha e."
"Cha do chinnich sin ás do cheann-fhéin," thuirt an duine, "cha do chinnich, bha thu ag innse na breug dhomh."
"Uill," thuirt esan, "'s e a' bhean agad fhéin a dh'inns."
"Ó [???]" is thug e dhan taigh e is chaidh e dhachaigh.
"Rinn thu lagh os mo chionn!"
Agus co-dhiù...
"Feumaidh tu bhith falbh is a' togail aiste"
"Uill," ars ise "tha mo thrì iarrtais a dhìth orm, nach eil sin sìos air [?]?"
"Tha, gheobh thu sin".
Chaidh ise dhan lobht' is thug i a-nuas drum no ciste barrailte no rudeigin far na lobhtaidh is e làn luideagan is airgead is òr is pàipearan 's a h-uile rud ann is bha màgain ann is bha a h-uile rud ann, you know. Thug e sin a-nuas agus...
"Seo," ars ise "a' chiad iarrtais"
Bha duine chloinneadh a's a' chrib no a's a' chreadhal.
"Seo an dalla iarrtais," ars ise.
Dh'fhalbh i a-null, 's e, dh'fhalbh i a-null rug i air fhéin a' seo.
"Tusa an trì-eamh iarrtais – tiugainn còmhla rium"
"Till till till!" ars esan. "'S tusa," ars esan, "a bhios nad bhoss a' seo ás a dheoghaidh seo chan eil mis' idir. 'S tusa a bhios nad bhoss."


Well that's the end of the story.


Team notes:
Cf. Sandy William MacDonald, "Am Fear Lagha agus a Bhean," interview by John Shaw, Cape Breton Folklore Collection, St. Francis Xavier University, March 9, 1978.

Dan MacKenzie
Pòn na Maiseadh | Benacadie Pond 12 recordings Faic pròifil | view profile