GF025i04 TUIREADH NAN HIORTACH Beulaiche: Calum Thormoid Chaluim | Malcolm Angus MacLeod Bàrd: Dr. George Murray [First line missing] Is tha sinn cianail an-diugh air fògradh; Tha 'n cuan an iar le chuid thonnan fiadhaich Gar sgaradh cian bho ar n-àite còmhnaidh. Tha sinn mar chaoraich an seo gun bhuachaill, 'S sinn sgapt' measg sluaigh air nach eil sinn eòlach; Ach 's tric ar smuaintean ri snàmh nan cuantan Do eilean uaine nan cluaintean bòidheach. Tha Hiort nam fuaran 's nan sgeirean gruamach Am meadhan cuain 's chan eil duine beò ann; Na h-eòin mun cuiart air ri gabhail uamhais, On dh'fhalbh an sluagh a bh 'ann uair a' còmhnaidh. Na taighean blàth' anns an cluinnte Ghàidhlig Thèid iad 'n an càirntean 's bidh tàmh aig eòin annt'; Cha bhi am buachaill le chù 's le chuaille Nas mò gam fuadach le fuaim a chòmhraidh. Tha 'n eaglais fuar 's chan eil clag ga bhualadh, Cha tional sluagh ann air madainn Dòmhnaich; Cha chluinnear seinn ann am fuaim an aoibhneis, Tha 'n tìr ri caoidh chionn nach tìll na seòid ud. Cha b' e gu h-àraidh a dhol thar sàile Chuir sinn fo àmhghair 's a dh'fhàg sinn brònach; Ach mar a sgaoileadh air feadh gach taobh sinn, 'S nach fhaic sinn aon air a bheil sinn eòlach. Ged tha an sluagh measg a bheil sinn truasail, Tha 'n cànan cruaidh 's tha iad fuar 'n an dòighean; 'S ann bha sinn suaimhneach far 'n thogadh suas sinn, Le Gàidhlig uasal ga luaidh an còmhnaidh. An uair bhiodh àmhghair aig neach 's an àite, Gach duine chàch bhiodh le bàigh ga chòmhnadh; Chan fhaighte gamhlas 'n am measg, na aimhreit, 'S e sud na glinn anns nach cluinnte fòirneart. Tha sinne cràiteach on rinn sinn fhàgail, Chan e gu h-àraidh gun d'fhàg sinn stòras; 'S e chuir fo phràmh sinn na tha d' ar càirdean 'N an laighe sàmhach 's iad càirt' fon fhòd ann. Soraidh slàn leibh gun teich na sgàilean, Far bheil sibh tàmh cha bhi càch nur còir ann; Tha sibh-se sìnt' anns an tìr bu mhiann leibh, Is eòin ri sgriachail mu'r n-àite còmhnaidh. Mun cuairt don àite sa bheil sibh càirte, Cha chruinnich càirdean 's cha shilear deòirean; Bidh ur n-uaighean 'n an tulaich uaine, Bidh feur gun bhuain orr' 's an sluagh air fògradh. 'S e sgur de m' òran is iomchaidh dhòmh-sa, Le briathran beòil meud mo bhròin chan ìnnsear; Ceud soraidh slàn leat o eilein ghràdhaich, Far 'n deachaidh m 'àrach 's bheil tàmh mo shìnnsre.