Back to recordings
A Dhòmhnaill Iain Duibh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF025i02 A DHÒMHAILL IAIN DUIBH, DHÒMHNAILL LÉ O
Beulaichean: Seògan Màiri Dhanaidh | John ‘Seògan’ Shaw
Tar-Sgrìobhadh: An t-Ollamh Iain Seathach | Dr. John Shaw
[Séist]: A Dhòmhnaill Iain Duibh, Dhòmhnaill lé o
Hì hi rì hill ù éileadh
Dhòmhnaill Iain Duibh, Dhòmhnaill lé o.
[A Dhòmhnaill, a chridhe, an tig thu am bliadhna?]
Chuirinn-sa long mhór ‘gad iarraidh,
Long mhór na stìomair iarainn.
Nuair a thig mo Dhòmhnall dhachaidh
'S cinnteach dhomhsa pasgan anart,
Ribein is cìr-chùil am falach.
Cha robh Dòmhnall gun bhith gléidhteach;
Thug seachd bliadhn’ an cuan gu Éirinn
Cumail Gàidhlig ri luchd Beurla,
Cumail Ladainn ri luchd Greugais.