Back to recordings

Hoireann o ra ì ù a

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF023i03 HOIREANN Ó RA Ì Ù A


Beulaiche: Seògan Màiri Dhanaidh | John Shaw
Tar-Sgrìobhadh: Iain Seathach | John Shaw
Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)"


A Mhic Leòid ma dh'fhàg thu 'n dùthaich,
Guma cliùiteach thig do sgeula.


Séist: Hoireann ó ra ì ù a
Hiuraibh o ro hug eile
Hoireann ó ra ì ù a


Guma cliùiteach thig do litir,
Agus measail agam féin i.


'Ille dhuinn a' chuailein dosaich,
Dh'aithnichinn air thoiseach nan treud thu.


'Ille dhuinn a' chuailein dualaich,
'S mór an luaidh a fhuair mi fhéin ort.


Chì mi 'm bàta 'mach 'an caolas,
Tha mo ghaol innte gun éirigh.


Tha mo leannan-sa ga stiùireadh,
Cha bhi cùram orr' m'a deidhinn.


Cuir an stiùir an làimh mo leannain,
Ge be 'n cala [air] an dean e.


Cuir an stiùir 'an làimh an Leòdaich,
'S e nach sòradh stòp Jamaica.


'S e nach sòradh stòpan branndaidh,
Anns a' gheamhradh 'n àm na feuma.


Chuala mi 'mach ás a' bhaile,
Gu robh mo leannan a' réiteach.


Shil mi, ghul mi 's dh'fhan mi sàmhach
'S e thuirt càch gum b'fheàrr dhomh éibheachd.
'S muladach mi 'siubhal coille,
Air lath' soilleir 'us gun ghréin ann.


'G iarraidh nam bò-laoigh 's nan gamhnach,
'S mór an call nach d'rinn mi 'm feutainn.


[Pause in tape]


Bainne nam bò ás a' mheasair,
Cha deachaidh slige bhon dé ann.


Chì mi 'm bàta a-mach 'an rubha,
'S i 'na siùil fo làn eudach.


'S àrd a chluinnte fuaim a crannaibh,
'S i na deannaibh thro Chuan Éirinn.


'S àrd a cluinnte fuaim a h-aodach,
'Nuair a sgaoilear oirr' gu léir e.

John Shaw
Abhainn a' Chùbair | Indian Brook 55 recordings Faic pròifil | view profile