GF022i11 IAIN GILLIS AGUS IAIN EÓGHAINN 'IC DHÒMHNAILL 'IC FHEARCHAIR Beulaiche: Lachlann Dhòmhnaill Nìll | Lauchie MacLellan Choinnich Iain Eóghainn 'ic Dhòmhnaill 'ic Fhearchair agus Iain Gillis, 's e Iain Beataidh a theireadh 'ad ris. Choinnich 'ad air an rathad aig àit' Raghnaill 'ic Aonghais agus bha fìor dhroch éigheach cross a' rathad. Agus thuirt Iain Gillis ri, ri Iain eile, "Chan eil fhios am," thuirt esan, "Gu dé an taobh dhe'n rathad seo," thuirt esan, "as fheàrr do dhuine a ghabhail?" Thuirt Iain Eóghainn, "Gabh thusa 'n taobh a tha 'n uachdar dheth. 'S e tha mise gabhail, agus tha mi 'faighinn air adhart math gu leòr!"