GF022i06 A' GHOBHAR GHLAS Beulaiche: Annie Mae ni'n Sheonaidh Bhig 'ic Alasdair | Annie Mae Gillis Tar-Sgrìobhadh: Seumas Mac Bhatair | Seumas Watson Làrach-lìn "An Drochaid Eadarainn" (Baile nan Gaidheal) | "An Drochaid Eadarainn" Website (Highland Village Museum)" [Bha a' Ghobhar] Ghlas a' fuireach ann am bothan beag taobh na coilleadh. Bha i air falbh a h-uile latha a thrusadh biadh dhan family. Dh'fhalbh i sin aon latha. A h-uile latha a dh'fhalbhadh i, thigeadh i dhachaigh; dh'fhaighneach[adh] iad, "Có tha seo aig an dorust?" Bheireadh i, "Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair." Dh'fhalbh i latha bha seo. Cho luath 's a dh'fhalbh i, thàinig am madadh-ruadh is thuirt e, "Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair." Thuirt iad ris, "Cuir a-staigh do spògag bheag chiar chrom bhòdhach astaigh air taobh dorus na còmhladh is faithnighidh sinn e ma 's tu mo mhàthair fhìn." Chuir e 'staigh a spòg is thuirt iad ris, gu robh iad ag iarraidh air falbh à seo, "Cha tusa mo mhàthair." Thuirt e, "Dé 'n comharradh a th' agaibh-se air spògag bheag chiar chrom do mhàthar fhéin?" "Tha, ribean dubh 's ribean dearg 's ribean gorm 's ribean uaine 's ribean dubh air spògag bheag chiar chrom mo mhàthar fhìn." Thog e rith' 'na leum 's chaidh e dh' ionnsaidh àit' an tàilleir. Fhuair e ribean beag air a h-uile dath: dearg is gorm is uaine is dubh. 'S cheangail e air a spòg e is dh'fhalbh e dh'ionnsaigh àit' a' Ghobhar Ghlas. Thuirt e, "Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair." Cuir astaigh do spògag bheag chiar chrom bhòdhach air taobh dorus na còmhladh 's faithnaighidh sinn e ma 's tu mo mhàthair fhìn." Chuir e 'staigh a spòg. O, dh'fhosgail iad an dorus 's a' mhionaid. Thàinig e 'staigh. Thàinig e 'staigh, leum e, is dh'ith e an trì dhiubh gun stad. Bhuail an cadal a' sin e. Chaidh e 'na shìneadh. Thàinig a' Ghobhar Ghlas air ais. "Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair." Cha chluinneadh i duine. Cha robh sian a' gluasad. Thog i rith' a' sin. Thug i ceithir, thog i rith'. Chaidh i dh'ionnsaigh àite nan coimhearsnach 's bha i aig na dorsan. Chan fhaigheadh i astaigh. Chaidh i suas air mullach an taigh'. Dh'éibh iad rith', "Có tha seo air mullach mo bhothagain a' cumail a-mach smùid mo theineachain 'us mi 'bruich mo bhonnachain?" "Tha mis' a' seo," ars' a' Ghobhar Ghlas, "siubhal airson mo chuid meann." "Uill, air an dreathan air an dris, air an talamh a tha fo 'd chois, air a' ghrian a chaidh seachad sìos, chan fhaca sinn-ne riamh do chuid meann." Dh'fhalbh i is chaidh i dh'ionnsaidh an ath taigh choimhearsnach. Bha i aig an dorus treis sin. Chan fhaigheadh i a-staigh. 'S chaidh i suas air mullach an taigh'. "Có tha seo air mullach mo bhothagan a' cumail a-mach smùid mo theineachain 's mi 'bruich mo bhonnachain?" "Tha mise ann," thuirt a' Ghobhar Ghlas, "a' siubhail airson mo chuid meann." "Uill, air an dreathan air an dris, air an talamh a tha fo 'd chois, air a' ghrian a chaidh seachad sìos, chan fhaca sinne riamh do chuid meann." Dh'fhalbh i air ais. Chaidh i dhachaigh. Dh'fheuch i a-rithist, "Fosgail seo, fosgail seo, thàinig do mhàthair." Dh'fhosgail am madadh-ruadh an dorus. Thàinig i 'staigh. Oh, bha 'n cadal air, bha e cho sgìth 's bha e 'faireachdainn done. Thuirt i ris, "Sìn thusa. Tha mise 'dol a dheanadh dhut bobhla do bhrochan coirc'." Dh'fhalbh am madadh-ruadh. Bha e cho toilichte 's shìn e dar a bha e 'dol a dh'fhaighinn bobhla do bhrochan. Rinn i brochan dha 's chuir i sùith ann. 'S cho luath 's a dh'òl e, dh'at e 'mach. Fhuair ise sgian bheag bha ['na] pòca 's splud i sìos e. Thuit Poca Gainmh 's an Gille Saice agus Anna Bhuidh' a-mach. Ghlan i suas iad. Bhiadhaich i a' sin iad leis a rud a bha i 'cur cruinn. Shlaod iad a-mach am madadh-ruadh. Sin mar a dh'éirich dhan mhadadh-ruadh. Cha ruigeadh duine leas dorus a ghlasadh tuilleadh air a' shàilleabh.