GF02i02 EACHANN DHÒIMHGEIN AIR AN TRÈAN Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Ach co-dhiù, na gillean aig Dòimhg, bha iad glé mhath gu faighinn air adhart. Bha fear dhiubh ann a' Massachusetts, thàinig e nuas còmhla rium fhìn – Ailean – is tha àite laghach aige shìos ann a' St.Rose, tha e pòsd' aig té á Glendale, MacInnis. Agus fear eile, Angus, agus bha fear eile, cha chreid mi, Ailean, bha e na chook. Ach bha Hector, Eachann, bha e car air ais 's air adhart agus bha e 'g obair 'sa choille. Dh'obraich mi fhìn còmh' ris shìos an St.Ann's. Duine mór, gasda, uasal, agus cho, tha mi 'creidsinn, làidir agus a bh' ann—bha 'n t-ainm aca a bhith làidir. Ach co-dhiù, bhiodh e 'g obair 'sa choille agus dar a thigeadh e gu Inverness, cha chreid mi nach robh piuthar aige pòsda—co-dhiù, bha càirdean aige. Agus 's e Inverness an t-àite aig Eachann bochd agus dar a bha 'n gnothach seachad, bha e 'n àm— Tha mi creidsinn gu bheil fios aig pàirt agaibh air Malcolm Beaton a bha cho math gu cluich an fhidheall? Agus chuireadh e seachad poidhl' ùine còmh' ri Calum Peutan. Ach co-dhiù, an triop seo, ruith Eachann – tha mi creidsinn gun do thachair e barrachd 's aon uair – ach co-dhiù, ruith Eachann bochd á airgead is bha e 'dol air ais air an trèan is bha e 'g obair 'sa choille shuas teann air Glencoe, mun cuairt ann a' sin. Agus bha e 'na shuidhe agus cha robh cent aige 'son a' fare a phàigh agus bha fear mór, able air an train, chan abair sinn an t-ainm aige, á Inverness. Tha fhios agams' air agus bha e cho strict 's a bh' ann, agus bha e dol mun cuairt airson an t-airgead fhaighinn, mar a dh' abras sinn, conductor. Agus 'na shuidhe air thoiseach air Eachann bha balbhan ann. Tha fhios agaibh air balbhan? Duine bochd nach urrainn bruidhinn. Agus chuir e suas a làmhan agus rinn e sign ait tha seo le 'ghualainn nach b' urrainn dha bruidhinn agus thuirt an conductor mór, "Sorry." Is chaidh e gu Eachann, an ath dhuine. Agus thuirt e ri Eachann, "Tickets, tickets, please!" Agus chluinneadh iad e bho cheann gu ceann dhe 'n chàr, "Tickets, please!" Agus bha Eachann 'na shuidhe agus rinn Eachann a chuid a b' fheàrr a b' urrainn dha dhe 'n aon rud a dhèanamh agus a rinn am balbhan. Chuir e suas a ghualainn agus rinn e seòrsa de chrathadh le cheann agus thuirt an conductor mór – ge b' e dé a' Ghàidhlig air conductor – "Well, well, and you're a dummy too.'' Agus thuirt Eachann, "Yes, sir!" Agus shin, shin agad a' chuid mu dheireadh dheth!