GF021i01N EACHAINN DÒIMHGEIN, AN SEÒLADAIR Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Uell, an naidheachd bheag a' seo mu dheidhinn Eachainn Dòimhg shìos á Inverness, uell, bha 'ad, bha e shìos Broadcove Marsh. Feumaidh sibh Gàidhlig a chur air asin. Cha robh 'ad fad bhon t-seann dachaidh aig Angus L. MacDonald. Agus bha poidhle—cha chreid mi nach robh beagan càirdeas ann agus bha wit aca glé mhath. Ach co-dhiubh, bha athair a' deanamh beagan tuathanach agus bhiodh e 'dol a dh'iasgach. Ach cha robh e na iasgair mór mar a bha pàirt dhe na Broadcovers idir. Ach co-dhiubh, bha e 'dol amach a Broadcove Marsh, agus laithichean thigibh sibh e dh'ionnsaigh a' chladach is bhiodh rud ris an canadh 'ad an uair ud dar a bha mi fhìn còmhla ri m'athair ag iasgach agus an t-seann fheadhainn aig aois deich, na dhà dheug. Bhiodh roll mór air, agus na faigheadh tu far a' chladaich, bha thu alright. [...] a' roll a' bha seo a-staigh sibh. Agus aig an àm a bha seo bha taighean iasgaich aca, taighean iasgaich agus stòbh, na greannan teine, na gu dé a dh'abradh sibh ris ann an Gàidhlig. Chan e simileir, bha ainm eil' air – stòbh. Ach co-dhiubh, cha bhiodh aca ach suidh' agus tòisinn air innse naidheachdan gus an tigeadh an roll sìos agus uairean, aig a-nunn mu dheich uairean, thigeadh 'ad dhachaidh agus thoisicheadh 'ad air tuathanach. Agus co-dhiubh a' latha seo, bha 'ad a' feitheamh ris a' roll tuiteam sìos airson 's gu faigheadh 'ad a-mach is thòisich 'ad air innse naidheachdan, is bha pàirt dhiubh a bha glé intelligent na dé Gàidhlig a chuireas sibh air bha fhios aca gun do thravell 'ad poidhle is bha 'ad air falbh agus dh'iasgaich 'ad is thravell 'ad a' saoghal agus dh'iasgaich 'ad, poidhle dhiubh, a-mach á Gloucester. Agus bha experience mhór aca, I suppose, tha mi 'creidsinn, poidhle dhiubh cho math ri captain a chaidh amach á Gloucester is bha e 'g iasgach fad dh'fhaoidhte, dh'fhaoidhte deich bliadhna, 's a thàinig dhachaidh dh'ionnsaidh an fhearann. Ach co dhiubh, bha Dòimhg Dhòmhnaill Mhóir ann 'dol a-mach a dh' iasgach. Ach cha chreid mi gu robh bàt' aige fhéin, ach co-dhiubh, cha robh e riamh stuck airson faighinn amach agus iasg gu leòr fhaighinn airson a' gheamhraidh. Agus thoisich 'ad air na naidheachdan is bha fear ann a bha ann an Gloucester is dh'innis e naidheachd mu dheidhinn soitheach agus chaidh i fodh' is fhuair 'ad dhe leis na life boats. Co dhiubh, bhiodh dories aca a' ruith air na trawls agus chaidh e 'sabhladh uile gu léir is fhuair 'ad a-staigh is bha pairt dhe na naidheachdan cuimseach tough, ach bha 'ad uile ceart, a chuid a bu mhoth' dhiubh co-dhiubh. Mar as trice, dar a tha sinn ag innse naidheachd, cuiridh sinn beagan leis, a' siud agus a' seo, ach bha na naidheachdan, a chuid bu mhoth' dhiubh, tha fhios 'am fhìn air pàirt dhe na— Bha Clann 'Ill Fhaolain, is MacPhàrlain, na Sisealaich, is cuideachd, Teònachain Dhòmhnaill Ruaidh, is 'ad sin uile gu léir ann, agus thàinig an turn aig—cha robh Dòimhg ag ràdhainn sian. Ach co-dhiubh, dh'fhaighnich 'ad gu Dòimhg, bha fhios aca nach robh e riamh air falbh. Dé na h-experience na dé abraidh sinn ann an Gàidhlig, dé an t-àm a bu mhiosa bha e riamh a-mach ann an stoirm. Uell, thuirt e aig an àm a bha seo, dar a gheobhadh 'ad iasg, mar a bha 'ad a' dèanadh 's a' Phort Bhàn 's a' Rubh' an t-Seallaidh, poidhle de throsg cruaidh, bha 'ad a' dol suas gu Port Hood – tha ainm Gàidhlig air a' sin cuideachd – agus bha soitheach a' sin a-staigh is thòisich e 'staigh dha na States. Is an trup seo, dh'fhalbh 'ad agus bha Dòimhg, by the way – uell, mar a thuirt e fhéin, an àite, by the way, mar a thuirt e fhéin – bha e air an stiùir, is bha e 'dol suas, suas seachad air na Bancaichean, suas seachad am Port Bàn agus Rubh' an t-Seallaidh, agus tha thu an uair sin a' tighinn teann air a' Bheinn Bhiorach. Tha fhios aig poidhle mu dheidhinn a' Bheinn Bhiorach, ach tha mi 'creidsinn nach eil a' history ac' uile gu léir. Dar a bha an cogadh mu dheireadh ann, gun do bhuail dà aeroplane anns a' Bheinn Bhiorach air chionn cho àrd 'sa tha i, 680 feet os cionn sea-level mar a dh'fhagas sibh an t-uisge agus 'se sin is coireach nach eil an Cabot Trail a' dol through eadar a' Bheinn Bhiorach, eadar Sight Point agus Mabou Coal Mines. Tha e duilich rathad a' cur tron bheinn. Ach co-dhiubh, chaidh dà aeroplane agus bha mi fhìn ann, a' toirt a-mach pàirt dhiubh, dar a chaidh a smashadh anns na craobhan. Cha robh 'ad àrd gu leòr dar a dh'fhag 'ad an t-uisge. Is bha fhios aig a h-uile duine cho àrd 'sa bha a' Bheinn Bhiorach 's cho gabhaidh 'sa bha stoirm dar a dh'fhagas i mullach na beinn' is dar a bhualas i a-mach dar a tha thu air mu 10 fathoms, abraidh sinn, deich fathoms, cuiridh sibhse Gàidhlig air fathoms, do dh'uisge, tha stoirm glé dhona, 's tha i cunnartach. Ach co dhiubh, bha fhios aig Dòimhg, is thuirt e, "An stoirm bu mhiosa a bha mise riamh air, dh'fhàg sinn a' seo le lod, le luchd, 's e a' Ghàidhlig ann am bàta, le luchd do throsg cruaidh is bha sinn 'dol suas gu Seastago, cha chreid nach e sin a' Ghàidhlig a th'air Port Hood, agus bha sinn a' faighinn air adhart math, bha breeze math seòlaidh ann, suas seachad na Bancaichean, am Port Bàn, Rubh' an t-Seallaidh gus an do bhuail sinn a' Bheinn Bhiorach. Bha càch a' suidh 's bha 'ad a' smogadh is a h-uile sian 'dol air adhart taghte. Is bha fhios aca gu robh mise math air a' stiùir, ach co-dhiubh, thàinig blast, dé a' Ghàidhlig air blast? Tha seansa gur e dìreach puff! Tha seansa gur e Gàidhlig a th' ann am puff, chan eil fhios 'am. Ach co-dhiubh, thàinig stoirm a bha gabhaidh agus bhuail i seo 's cha mhór nach do thionndail am bàta mun cuairt ach bha e cho math air a' stiùir 's gun do chum e i dìreach face-on, abraidh sinn. Ach an ath té a thàinig, bha i na bu mhiosa 's chunnaic e rud gàbhaidh air choireigin a' tighinn 's bha e coltach ri beathach. Agus dé bh' ann ach beathach agus chaidh e clìor ro'n [diob'?], ro 'n main sail, a-mach air an taobh eile is thug e 'n aire dar a chaidh e, dar a bhuail e 'n t-uisge air an taobh eile gur e damh mór a bh'ann, dh'abradh e, a thoimhseadh mun cuairt eadar eleven agus twelve hundred pounds. Agus 's e sin a' seòl aig Dòimhg Dhòmhaill Mhóir!