GF020i02 A CHRUINNEAG NA BUAILE Beulaiche: Peadar Alasdair Dhonnchaidh Mhóir | Peter Rankin Bàrd: Gilleasbuig na Ceapaich | Archibald MacDonald [Séist:] O chruinneag, e chruinneag O chruinneag na buaile B 'e tu cailin mo chridhe 'S ann leat 's a rìbhinn 's air fuadach 'S ann ort fhéin tha 'n cul [fàinnte?] Trom fàsach—excuse me, that's the second one— 'S truagh nach robh mi 'sa Fhraing leat NicFhraing a chùil dualaich Cha bhiodh mulad air m' inntinn Is ceòl na fìdhleadh mun cuairt dhinn. 'S ann ort fhéin tha 'n cul [fàinnte?] Trom fàsach mu d' ghualainn 'S ann a [guala ? an?] bòidheach Is fiamh an òir air gach dual dhe. 'S nuair a chaidh thu an t-suipear òrdach Chaidh e dòigheil mun cuairt dhi 'S nuair a shuidh 'ad uile còmhladh Cha robh mo chòmhradh-sa bhuapa. Feumaidh sibh mo leisgeul a ghabhail, chan urrainn dhomh [?]—.