GF019i02 NAIDHEACHD ÉIBHINN Beulaiche: Seònaid ni’n Chrisdein Dhòmhnaill Mhóir Aonghais an Tàilleir | Jessie MacRae Bha Uilleam a' Ruaidh a' dol a phòsadh 's chaidh e gu àite Mhurchadh Mhathanach a dh'fhoighneachd dhe nighean Mhurchadh Mhathanach, Anna, an deigheadh i 'na maighdean còmhla ri Peigi, an té a bha e 'dol a phòsadh. Thuirt i ris gun deigheadh. "Uill," ars' eisean, "feumaidh tu cadal còmhla ri an Nìall Dhòmhnaill Ghilleasbaig." "Uill," she says, "Cha chadail mi!" she says. Fhreagair Uilleam Mathaineach i, "Tha mise coma có aca," ars' eisean, "bidh taoim mhath agam fhìn!"