GF018i04N DITHIS BHRÀITHREAN AG IASGACH Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eóin Mhóir | Dan Neil MacNeil Tar-sgrìobhadh: Oighrig NicFhraing | Effie Rankin Bha dithis bhràithrean shuas aig an [àras?] turas agus smaoinich 'ad gun rachadh 'ad shìos gu Bàgh a' Chaisteil a dh'iasgach. Ràinig 'ad shìos Bàgh a' Chaisteil co-dhiù agus cha chreid mi gun d'fhuair iad iasg ann, cha robh iasg ro phailt. Ach nuair a bha 'ad a' tilleadh thàinig 'ad gu àite ris an canadh 'ad Beinn [Chornail/Cornwall?]. Thàinig 'ad gu àite—dhìrich 'ad a' bheinn suas. Smoinich 'ad gun tadhladh 'ad aig àite Teàrlach [Cornwall?] air a' bheinn ach am faigheadh 'ad cupan ti no pìos do bhonnach. Thàinig 'ad a' sin agus bhuail 'ad aig an doras co-dhiù agus thuirt bean Teàrlach [Chornail?] riutha tighinn a-staigh. Ars esan—ars ise—ars esan, "Tha sinn riatanach air tì is chòrdadh e rinn balgam do tì no pìos do bhonnach fhaighinn." "An dà," ars' ise, "chan eil sgath a-staigh," ars' ise, "ach théid mise 'mach dha'n t-sabhal agus buailidh mi cruithneachd, buailidh mi cruithneachd," ars' ise. Agus chaidh i a-mach dha'n t-sabhal agus bhuail i cruithneachd is thug i dhachaigh e is chruaidhich i ann an adhainn air choireigin e, 's—pana a bha 'ann, no an adhainn mu seimileir gun robh ann. Agus fhuair i, fhuair i—[BREAK IN TAPE]—fhuair i—an ceartair fhuair i 'n cruithneachd a thiormachadh co-dhiù 's a chruadhachadh is chuir i 's a' bhrà e. Rinn i, rinn i—chuir i 's a' bhrà e agus rinn i mineadh. Agus rinn i bonnach air a' chruithneachd agus chuir 's an òbhainn e. Is fhuair 'ad cupa tì is bonnach chruithnich mun do dh'fhàg 'ad an taigh, 'tighinn 'cross—'tighinn leis a' bheinn, 's bha 'ad [slaodhadh ris na féidh?] leis a' bheinn. Shin agad e niste!