Back to recordings

An Dà Bhòrd

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF016i06N AN DÀ BHÒRD


Beulaiche: Dòmhnall Nìll Eòin Mhóir | Dan Neil MacNeil



Bha mise 'togail taigh. Thog mi taigh agus bha mi 'cur am partition ann. Taigh a cheannaich mi 's a thug mi ás a chèile. 'Is bha mi 'ga chur suas a-rithist. Bha mi an uairsin a' cur a' phartition ann, agus bha mi 'deanamh a-mach gu robh na bùird agam. Agus by gosh nuair a chaidh mi cho fada air n-aghaidh, bha mi gann dà bhòrd. Shiubhal mi mun cuairt an t-ùrlar is mun cuairt, cha robh an diabhal sgeul air na bùird, an dà bhòrd, a bha ri dhol 'sa phartition.


B'fheudar dhomh an uairsin dà bhòrd eil' a dheanamh a's an aon mheudachd, an cromadh leis na seann locraichean-[cro?] a bhiodh ac' an toiseach. 'S nuair a chuir mi an dà bhòrd sin ann, air a [cheist?] mi 'mach bhuaithe 's choimhead mi air a-nist, bidh siud alright. Nuair a thug mi sùil air taobh a' bhalla, bha an dà bhòrd ri taobh a' bhalla. Thuirt mi rium fhìn, "Nach eil siud neònach?"


Ach co-dhiù, chuir mi 'sa—thàirnich mi ris a' phartition 'ad. Chuir mi 'cross 'ad air a' phartition, a' dhà dhiubh. 'S cà' an deach an dà bhòrd a bha sin ach ann an ciste mo mhàthar. Bhiodh 'ad a deanamh cisteachan [Gàidheal/geal?] an uair ud.


Shin agad a-nist naidheachd a bha Watson ag innse dhut.






Dan Neil MacNeil
Pòn na Maiseadh An Iar | Benacadie West 32 recordings Faic pròifil | view profile