Eifeachd am Fuil an Uain / An Dachaidh Bhuan
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF011i03 EIFEACHD AM FUIL AN UAIN / AN DACHAIDH BHUAN
Beulaiche: Charles Malcolm John Donald | Charles MacDonald
Bàrd: Pàdraig Grannd nan Òran | Peter Grant
Air dhomh bhi sealltuinn air saoghal truagh,
Chì mi caochladh tighinn air gach uair;
Chì mi daoine a' cur an cùl rium,
'S a' dol gu dlùth chum an Dachaidh Bhuan.
Tha sean is òg a' dol sìos d' an uaigh,
Air lag 's air làidir tha 'm bàs toirt buaidh;
Nuair thig an t-àm dhaibh an saoghail fhàgail,
Ma 's tinn na slàn iad, cha tàmh iad uair.
O 's ann tha 'n éifeachd a'm fuil an Uain,
Chum ar n-ea-ceartas ghlanadh uainn;
Nach bochd an sgeul a tha nis ri leughadh,
Nach eil spéis d'i do réir a luach.
Ach nuair a chì sinn, le 'r sealladh sùil,
An corp a' pilltinn a dh'ionnsaigh 'n ùir;
Tha 'n t-anam prìseal a' dol ris, gus
Am faigh e bhinne o Rìgh nan dùil.
Nuair gheibh sinn duais aig a chathair mhóir,
D'a réir mar ghluais e 'n tìr nam beò;
Thig e air ball a dh'ionnsaigh suaimhneas,
Air dheagh théid fhuadach a dh'ionnsuidh bròn.
O dhuinne, smaoinich air so 'na thràth,
Ma 's ann do 'n t-sluagh thu a ta gun ghràs;
Chan fhac', 's cha chuala tu nì cho uamh 's ach,
Ris an t-sluagh sin a' tighinn 'na làthair.
'N athair an Dé bhios 'na bhreitheamh mór,
Nuair a dh'fhoillsichear e 'na ghlòir;
Bidh an dream a róghnaich e dèanamh éibhneis;
'S nì uile threubha na talmhainn bròn.
O anam, rannsaich nach bi thu clì,
'S ann thig an call ort ma théid thu 'n dìth,
Caillidh tu 'n solas tha 'n Rìgh na glòire,
Is air do dhòruinn chan fhaic thu crìoch.
Ach nuair a chì thu, le sealladh sùil,
An corp a' pilltinn a dh'ionnsuidh 'n ùir;
Tha 'n t-anam [?] a' dol [?]
[?] gu bràth.
O 's ann tha 'n éifeachd tha fuil an Uain,
Chum ar n-ea-ceartas ghlanadh bhuainn;
Nach bochd an sgeul a ta nis ri leughadh,
Nach eil spéis d'i do réir a luach.
Tha sean is òg a' dol sìos d' an uaigh,
Air lag 's air làidir tha 'm bàs toirt buaidh;
Nuair thig an t-àm dhoibh an saoghail fhàgail,
Ma 's tinn na slàn iad, cha tàmh iad uair.
'S e cuilbheart Shàtain bhi làidir tréun,
A' fàgaill chàirdean gun ghràdh d'a chéil';
Feuchaidh e fàillinnean anns na bràithrean,
Dh'fheuchainn an tàr e an cur o chéil'.
O 's ann tha 'n éifeachd a'm fuil an Uain,
Chum ar n-ea-ceartas ghlanadh uainn;
Nach bochd an sgeul a ta nis ri leughadh,
Nach eil spéis d'i do réir a luach.
Reference sources:
Dàin Spioradail, Patrick Grant (1836) p. 26; Dàin Spioradail, Patrick Grant (1837) p. 17.