GF007i02b DEOCH SLÀINTE LUCHD NAM BREACANAN Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh [Séist:] Deoch slàinte luchd nam breacanan, 'S e cur mu'n chuairt a b'àite leinn, 'S gun òlamaid 'is gu sgairteil i, Air lasgairean a' chruadail. Chuala mi gu'n d' shaoraich sibh Election bhi Diardaoin agaibh 'Is an lagh a rinn na daoine sin Gur fear mo ghaoil thoirt bhuainne Is nuair chaidh sibh null a Hogoma Cha chruinneachadh a cuid [rocalas?] Na bha do dh'airgead [?] Gur [coisteil e ri ?] [?] Bidh cailleachan ann, bidh suirgh [asta?] Cha dean air tighinn ach turaman Gum b'fheàirrde iad e nan cuislean 'Son an fhuil a' cur air ghluasad Is ma tha cùram cosgais e Air a [dùineadh/duine?] suas a' sporannan 'S ged bhiodh e anns a' choimhear[snachd?] Carson nach fhan sibh uaithe 'Is dh'òlainn-fhìn gun teagamh e 'S cha bhithinn fhìn 'ga chleith oirbh Gur tric a chuir e leigeil dhomh 'S e an cleasaiche e air uaireannan