GF007i01 HO RO MO NIGHEAN DONN BHÒIDHEACH Beulaiche: Collie Angain Dhòmhnaill a' Chùbair | Collie MacIntosh [Séist:] Ho ro mo nighean donn bhòidheach Ho ri mo nighean donn bhòidheach Mo chaileag laghach bhòidheach Cha phòs mi ach thu DiDòmhnaich 'dol dha'n t-searman Chan fhaigh fhear eile cearb ort Bidh ribean geal is dearg ort Bidh [caitheam eil'?] nad dhùirn 'S gur i mo chaileag glé-gheal A [?] eudail Ged ghabhainn-s' thu [na ? 'ad?] Cha threiginn mo rùn 'S o dìridh mi na beanntan Is teàrnaidh mi na gleanntan Ò théid mi a thaigh an dannsa Bho 'n 's ann tha mo rùn 'S air théid thu 'ga a h-iarraidh [B' e/Bidh?] [paidhir a dh'?] each is eun dhut [?] gu diollaid An còrrr a dh'iarradh tu 'S ma dèan mi do bhuannachd Bidh deòir a' ruith nam ghruaidhean Mar fhrasan uisge fuarain A' bualadh air bùird 'S a Fhlòraidh 's tu as coireach Bho'n dhiùlt thu mise phòsadh Tha iomadh caileig bhòidheach Tha boiteal 'san ùir.