Nighean na Banndraich agus Nighean an Rìgh
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF002i02_003_004_005i1E NIGHEAN NA BANNDRAICH AGUS NIGHEAN AN RÌGH
Beulaiche: Peigi bean Sheumais Alasdair Pheadail | Peggy Smith
[Peggy Smith:]…[N]ighean na banndrach...bhitheadh m' athair ag innse dhuinn mu chupan. Cha robh math dhut sian òrdachadh dhut fhéin...Bhiodh e air do bheulaibh is gun a' faicinn có a chuir ann e na sian. Uill, chaidh e car beag is sguir dhe sin, thàinig e na bu phlàine car.
Ach co dhiubh, bha àite ann is bha banndrach ann agus bha aon nighean aice. 'S an ath thrup a' tighinn oirre cha robh e fada bhuaipe. Bha boireannach ann a' sin agus gille aice. Fhios agad, aon ghille do theaghlach, tha mi 'mìneagadh. Ach co dhiubh, bha an nighean, tha fhios—nighean na banndraich, nighean a' rìgh—bha 'ad cho mór aig a' chéile, 's cha deanadh an darna té dhiubh sian gun an té eile còmhla rith', dhòigh 's nach bitheadh an fhearg oirre. Ach co dhiubh, dh'fhàs 'ad mór. Sguir 'ad a dhol dha 'n sgoil. Bhiodh 'ad a' deanadh trupan dha 'n [oifis ?] dha 'n na àitichean mar sin. Àitichean mór a bh' aca fhéin.
Agus...ach...an gille, bha e...thuirt e ri mhàthair, "Nach uabhasach," thuirt esan "cho brèagha 's a tha nighean na banndraich seach nighean a' rìgh."
"O nam bitheadh an nighean agamas" thuirt ise, 's e banndrach a bh' innte-se "nam bitheadh an nighean agamas air an dreasadh" thuirt ise, "Bha i pìos na bu bhreagha na tha i".
"Uill, chan eil an t-aodach" thuirt esan, "a tha 'deanadh a bhreagha ud idir. Ma tha i fhéin brèagha," thuirt esan "tha seann aodach cho math dhi ri aodach ùr" thuirt esan. "Tha fhios aca uile gur i as brèagha na nighean a' rìgh."
"O" thuirt a' mhàthair, "chan abair [?] sin fo rud, an cuala tu riamh? 'S e rìgh [a thighinn?] is dh'fhaodadh e ar cur ás a' seo" thuirt ise "cha bhith [e theid agad as an éid?]." O cha rachadh nighean a' rìgh a dh'àite sam bith gun ise còmhla rith'.
Uill, bha 'ad ag obair mar sin ach bha prairies aca a-muigh, fhios agad, pàircean ann is gàraichean is rudan mar sin. Bha nighean na banndraich, bha pìos aice-se, bha pìos aig nighean a' rìgh. Bhiodh 'ad ag obair air thobhadh is air piocadh às a' sin a h-uile latha is cha robh sian—o, na h-uile sian a chuireadh nighean na banndraich bha e 'fàs co dhiubh. Bha e cho brèagha, is bha e 'fàs cho brèagha.
Bheireadh i dhi, "Carson nach 'fàs" thuirt esan—thuirt an gille. 'S e i fhéin, "chan eil gin dhiubh seo a dh'fhàs cho brèagha ris an nì. Carson nach fàs a h-uile sian a chuireas i mar sin? Bhiodh e nas brèagha na [?]—bha càch a' cur nach bitheadh?"
Uill, "O cha gabh sian ort" thuirt a' bhanndrach. Och bha 'ad ag obair air cluich ach dar a thàinig an t-àm na gàraichean [fhaighinn?], bha e aig nighean na banndraich rud—bheiridh i do fheadhainn eil' i airson help, fhios agad, airson fear a chaidh—[shàir/share?] i uile, uile gu léir 'ad. Nighean a' rìgh, thug ise dheth innse nach do dh'fhàs dad sam bi aice fhéin.
"Uill, tha sin ait" thuirt nighean a' rìgh, "gur e—tha sinn a' cur 's a' buain còmhla" thuirt ise, "bidh [serbhant'?] agam" thuirt ise, thuirt nighean a' rìgh, "'sa th' agadsa ach chan eil e leth cho math. Dé as ciall do dha sin?"
"O tha mi fhìn ann a' seo" thuirt ise a' coimhead na bheil ann do nigheanan. 'S e mise gin as brèagha dhiubh," thuirt nighean na banndraich airson taidhm. "Sin mar a bhios a h-uile sian a tha mi a' cur, [fhios agad?], gu bheil e fàs, fhios agad, g' 'eil e cho brèagha 's a tha e".
"Uill, dh'fhaodadh sin a bhith."
Uill, chaidh i—thoisich 'ad, is chuir 'ad, is thoisich 'ad air buain is bhuain 'ad, cha do chuala sibh a' leithid. A h-uile sian cho brèagha, is fìrichean a' sin nach do dh'ith 'ad riamh a' leithid airson na té bhreagha, an nighean. Agus bha aon bhràthair aca. Aon ghille aice, triùir nigheanan còmhla, aig an athair 's am màthair. Thuirt am màthair mun do dh'eug i ris na h-ìgheanan an aire gum biodh 'ad math dha 'n ghille is gun cumadh 'ad aodach glan is gun cumadh 'ad e fhéin glan is a h-uile rud nach biodh an t-acras orra, gum biodh gu leòr do bhiadh aca riamh mun dàinig gum bi sibh math dha 'n ghille. Chan eil agaibh ach an aon bhràthair. Tha sibhse triùir.
O bha càcha brèagha gu leòr ach bha an té a b'òige, bha i mach asda uile gu léir leis cho brèagha 's a bha i agus bha i na ban-sgoilear.
Ach co dhiubh, bha sin alrìght. Bha i 'cumail sgoileadh anns an taigh-sgoile aca fhéin. Cha bhiodh aice ach riuth a-nuas dh'ionnsaigh an taighe a ghabhail a dìnneir. Bhiodh an fheadhainn a bha 'staigh, na h-ìgheanan, peathraichean, bhiodh a dìnnear deiseil dhi 's a h-uile sian. Cha robh a' bhan-sgoilear a' deanadh sian dar a gheobhadh i pàigheadh, bha i 'toirt share dha bràthair is dha na h-ìgheanan eile. Cha robh i fhéin a' cumail sian.
Uill, bha an ùine ag obrachadh mar sin co dhiubh, ach bha 'ad sin oidhche is ghabh iad a suipear uile. 'S e a té a bu shine dhe na nigheanan, 's i a rinn a t-suipear an oidhche seo agus 's e oidhche mu seach a bhiodh 'ad a' deanadh a' bhidhe. Rinn 'ad an t-suipear is ghlan i na soithichean is thug i leatha sèithear is shuidh i aig an uinneag mar sin. "Uill," thuirt i fhéin, i ag éirìgh a na seasamh 's i a' tionndail ri bràthair, 's e Iain a bh' air a bràthair, "Uill, Iain" thuirt ise, "fhios agad gu dé nì chan eil fhios? Tha mi coma" thuirt ise, "ged a be tarbh a thigeadh gam iarraigh dha àite". Cha robh gillean a' tighinn a choimhead oirre idir, tha fhios. Bha 'ad cho brèagha, mas fhìor. Agus bha an té òg a' cumail sgoile. Ach a Mhoire Mhàthair, an ceann treis a thòisich, bha 'ad a' faireachdain ràiceil is bùrail is culaidh-eagail is thug 'ad sùil a-mach is culaidh-eagail do thairbh a' tighinn air a' ghallop às a' choillidh bho suas os cionn an taighe agus—an cuala tu roimhe i? An cuala tu i?
[John Shaw:] Cha chuala. Cha chuala.
[PS:]Nuas a ghabh e dh'ionnsaigh an taigh is bha e na sheasamh is cha robh e 'coimhead air duine ach air an té a dh'òrdaich e, tha fhios agad. Nan òrdaicheadh tu sian sam bith mun àm ud, uill, bha e sin car [còmhl' ?] riut, fhios agad, agus bha e dona dhut òrdachadh [gur e?] Dia a [chuir air/th' annad?]. Thàinig an tarbh mu dheireadh, bha e 'coimhead astaigh air na h-uinneag. Cha robh e 'coimhead air duine ach air an té bhòidheach agus, "Chan ann mar seo a tha 'ad a' falbh idir" thuirt—" 's e an té as sine a dh'fheumas tu a ghabhail." Agus bha coltas gu feumadh an té a bu shine falbh. An té a dh'òrdaich e.
Stob e adhaircean na cuid aodaich is a-mach a thug e air a' ghallop dha 'n choillidh. Leig ise sgiamhail is i ag éigheachd. Cha b'urrainn do—cha b' urrainn dhaibh a cuideachadh. Uill, chaidh e a' [racket?] sin seachad co dhiubh is ghabh 'ad biadh is chaidil 'ad an córr dhen oidhche, sàmhach, socair a bh'ann. Cha robh soidhn' air an té a bu shine dhiubh latha 'r na mhàireach. Bha 'ad—o bha 'ad muladach as a deaghaidh ach cha robh 'ad—cha robh 'ad airson a' gabhail oirre.
An ceann ùine an uair sin, ma dh'fhaoidhte gu robh dà mhìos na a' leithid sin. 'S e an ath té chaidh—bu shine—'s i a chaidh a dh'obair air a' bhiadh. Agus leithid eile, thug i leatha séithear is shuidh i aig an uinneig. "Uill," thuirt ise, "Iain," thuirt ise, "tha mi fhìn" thuirt ise, "coma ged a b'e madadh-alladh a thigeadh dha 'n àite."
Ìos, Ìos chaidh toiseachadh air [tùirs', tùirs'?] is cha robh fhios aca fo Dhia gu dé a bh' ann. Tha fhios agad dé tha siud, mar gum biodh comhartaich, fhios agad.
Co dheth is co dhiubh, chaidh am madadh-alladh fhaicinn a' tighinn do chulaidh eagail, do mhadadh-alladh mór a' tighinn is e [tùirs?]. Rinn e dh'fhuireach mu choinneamh na h-uinneige is "Càit a bheil an té a dh'òrdaich mise?" thuirt am madadh-alladh, thuirt e [?]. Thuirt a bràthair, "Dh'fhairich mi fhìn gun dean ise meas" thuirt esan.
"Uell, chan eil ann ach a' rud a tha fhios aca gu bheil 'ad a' deanadh [?]." Ach bha coltas air gum bitheadh 'ad [draghail?] mu dheidhinn an ùine aice, tha fhios. Seach na h-uinneagan a bhristeadh is an taigh a chur as a' chéile air a bràthair. "Cuir a-mach a nighean sin dhomhsa," thuirt esan, "tha mi ga iarraigh". Rug e oirre, air theas-meadhan oirre le bheul is a-mach a thug e dha 'n choillidh, a' rathad a ghabh an tarbh. Uill, cha robh an córr soidhn' 'dol leis.
Bha aon té eile ann, agus an té a bu bhreagha a bha i sin 'cumail sgoile ach "fhios agad gu dé a' mhàireach" thuirt esan, "a tha 'dol a dh'éirìgh dhuinn? Chan eil 'dol a bhith seo ach mi fhìn is tu fhéin. Is cha tig duine gad iarraigh. Tha thu cho bòidheach. Cha tig duine gad iarraigh" thuirt esan. "Bidh 'ad coma do thoirt air falbh." Agus uill, tha sin alrìght. Ach eadar na huile rud a bh' ann, bhuail [a' fit?] i fhèin.
Dar a ghabh 'ad a suipear is a ghlan i na soitichean is sguab esan an taigh. Is dhubh e a' stobh is bha na huile sian cho slick. Thàinig fireannach mór. Bha e air a dhreasadh glé mhath ach cha robh e uabhasach brèagha idir. Agus cha robh i searbh riamh an nighean seo na bu mhoth'. 'S e nighean a rìgh a bh'ann. Ach bha coltas air an [?] gu robh e dol a bhith na phìos [?]. Cha robh ach a nighean a shlick a shlaodadh amach. Thog e rith' leatha is cha robh córr [seo ro?] aige. I fhéin is an té bhòidheach aige fhéin is aige fhéin mar—"Nach mi a thug an guess math mar a bha sinn 'dol a bhith thuirt e [?]. Bheir a' cheart aire nach dean thusa a' leithid siud," thuirt e ri phiuthar, an té bhòidheach.
"Uill, tha mise réidh a' cumail sgoil" thuirt ise, "tha mise 'dol a dh'fhuireach còmhla riut fhéin."
"Uill, fuirichidh mi fhìn is tu fhéin" thuirt esan, "ann a' seo".
"O [?] m' fhàgail ann ach bha baile mór rud beag an taobh shìos dheth, stóraichean is na h-uile sian sin far am biodh 'ad a' dol a dh'iarraigh na gnàth. Sin an sealladh is chitheadh 'ad [dha 'n t-sìd'?], cho brèagha 'sa bha i. Is cha robh gillean idir a' dol suas a choimhead oirre na sian.
Ach gun deachaidh innse mar a dh'fhalbh càch, fhios agad, gun d' thug an tarbh leis an té a dh'órdaich is gun d' thug am madadh-alladh—gun dàinig e is gun d'thug e leis an té eile. Agus "'S e mis'", thuirt ise, "'nad—uill, bheir an aire dhut fhéin" thuirt esan, "nach dean thu a' leithid siud, madadh-alladh na tarbh na a' leithid sin. Tha thusa tuillidh is bòidheach" thuirt esan, "airson droch rud sam bith a dh'éirìgh dhut". Ghabh 'ad a' suipear co dhiubh is ghlan i na soithichean is sguab esan an taigh is dhubh e a' stobh. O chuir e air dòigh na huile sian. [?] [?]
Co dhiubh, thug i leath' séithear 's shuidh i aig an uinneig, is bha rathad mór a rachadh shìos, [pìosan beag?], is bha 'ad a' coiseachd air n-ais is air n-adhart is chuala e rud uabhasach. Ach thionndaich i ris-san. Thuirt i, "Nan tigeadh gille àrd, is falt cùrlach, bàn air", thuirt is' "'s an deise a bhiodh air air a leithid dath an fhuilt a bhith cho brèagha dìreach 's a gabhadh a chuir 'ad ris. 'S ann e fhéin a bhith ceart cho brèagha rium fhìn," thuirt is'.
"Uill", thuirt a bràthair, "S e sin as fheàrr," thuirt esan "na beathaichean" thuirt esan "a thig 'gad iarraigh".
Bha 'ad ag obair air bruidhinn, i fhéin is a bràthair, is dh'fhairich 'ad gnogadh aig an doras. dh'éirich ise is dh'dhosgail i an doras. Bha an gille a bha seo aig an dorast. O bha e brèagha is falt cùrlach, bàn air, is an deise car air a dhath sin is a h-uile sian a' coimhead cho brèagha.
"Uell", thuirt ise "tha mi an uiread seo bhliadhnachan is chan fhaca mi gille riamh" thuirt i, "tighinn dh'ionnsaigh an taigh cho brèagha riut".
"Uell" thuirt esan, "tha fhios agad carson a thànaig mi?"
"Uell, chan eil" thuirt i. "Chan eil".
"Tha mi leam fhìn" thuirt esan, "a' fuireach. Tha mi a' coimhead airson bean is chaidh mo [?] ann a' seo gu bheil thusa 'coimhead airson duine agus mise a' coimhead airson bean seach eil cho math dhomh fios dhut fhéin a' pòsadh" thuirt esan.
Thuirt ise, an té brèagha gu leòr "Uell," thuirt ise, "chan fhaca mi gin riamh cho brèagha riut" thuirt i.
"Uell, chan fhaca mise gin dhiubh riamh cho bhreagha riutsa" thuirt ise.
Och phòs 'ad ann am mionaid, fhios agad, ministear na beathaichean air choireiginn 'ad is phòs 'ad. dh'fhalbh 'ad.
"Iain" thuirt ise, "dar a bhios tu ris a' lite a' nochd, cuir uiste 's a phoit airson lite dhomh". 'Se lite a bhiodh aca ahuile h-oidhch'.
"Carson a nì mi lite dhut is chan fhaic mise gu brath thu?"
"Gabhaidh mise mo shuipear còmhla riut anochd" thuirt ise.
"Chan fhaic mise gu brath thu" thuirt esan, "ma dh'fhalbhas ach airson Dia, na falbh còmhla ri tarbh na ri beathach mar sin. Bha 'ad a' g [?] na a' leithid sin cat fiadhaich, fhios agad, gun ith 'ad is gum marbh 'ad."
"Cuir thusa an t-uiste 'sa phoit" thuirt esan, "dhomhsa cuideachd airson lite dhomhsa cuideachd" thuirt ise.
"Cuiridh" thuirt esan, "Nì mise an lit' agad a' nochd nach itheadh tu gu brath."
"Ithidh mise còmhla riut i" thuirt ise, "Bidh mise mo shuipear còmhla riut" thuirt ise, "Agus tha mi nisd ga innse dhut, bheir a' cheart aran [?] gun deanadh ni.
Ach thàinig an t-am is gun do thoisich 'ad air a' lite. 'Se esan a bheir ise air a' lite. Chaidh a' lite dheanadh is chaidh a lite, thog i lite is chaidh e dh'iarraigh dar a thàinig i astaigh. Bha gille a bha seo slick a dh'órdaich i, deise bhreagha ghlas air, falt cùrlach, bàn air. Bha e 'coimhead uabhasach uile slick.
"Tha thu" thuirt esan, "ag obair air an t-suipear."
"Tha" thuirt ise.
"Uell, carson?" thuirt esan, "Tha thu 'falbh còmhla riumas."
"Chan eil a' seo ach mi fhìn is mo bhràthair" thuirt ise, agus cha robh sian air an t-saoghal nach robh fhios aice air. Ach cha robh fhios aig duine gu robh i mar sin.
O bha i cho slick, bha i cho bòidheach agus…
"Uell, tha thu fhéin brèagha" thuirt esan, "tha dreas ort" thuirt esan, "dreasa nach bu chóir a bhith ort idir" thuirt esan, "leis cho brèagha 's a tha i".
"Uell, ma tha mi fhìn brèagha, nach eil an dreasa taghte?"
"Uell, nach eil fhios agad nach eil sian do fheum ann an aodach brèagha dar a tha thu fhéin brèagha."
"Agus dar a bhios tu cho brèagha sin seann aodach ort" thuirt esan, "sin rud a bu toil leamas."
'Uell cuiridh mise orm m'aodach cosg" thuirt ise.
dh'fhalbh ise is fhuair i lite is thug i dha is "uell, tha a' lit' ud math" thuirt esan. "tha a' lite ud math". Chaidh e na sheasadh a huile [?] ni thu gu bheil e math tha thu fhéin cho brèagha." thuirt esan.
Uell, uell, bha sin alrìght. Chórd e ris.
Ach thuirt ise, "tha mi 'dol a dh'innse nisd an fhìrinn" thuirt i, "Feumaidh tu m' fhàgail a' nochd" thuirt ise, "còmhla ri 'm bhràthair agus thig thu gam [?] a' màireach.
"Uell, a nisd, nì mise sin dé tha toil agad a dheanadh ach tha mise dreasadh deiseil airson a dhol dhachaidh. Théid mise ann aig an taigh gam éibh [?] Agus tha mi 'dol dhachaidh ga innseadh dhaibh gun d' fhuair rud cho brèagha 's a tha thu, cho slick 's a tha thu agus na huile sian a bhith deiseil fhios agad do [?].
"O chan eil cùram nach bi na huile sian deiseil" thuirt ise. "Bidh mise deiseil cuideachd. Ach tha mi 'creidsinn gun téid mis' air chall air feadh na coille. Cha robh mi riamh" thuirt ise, "mach 's a choillidh."
"Nì mi fhin rud air a' sin". Chuir e làmh na phòc' is thug e loidhne as a' phoc' agus clobh- dubhain, clobh-dubhain ceangail ris a' loidhne.
"Thig thusa mach aseo" thuirt esan, "tha mise 'dol a' stobadh na dubhan ann a seo agus dar a bhios tusa deiseil air falbh 's a' mhadainn, lean a' loidhne. Cum do làmh air a' loidhne".
An cuala tu roimhe i?
Iain: Cha chuala.
"Agus dar a ruigeas tu" thuirt esan, "ceann eile na loidhne," chuir e làmh na phòca agus thug e cnagan do mhaid' as. "Buail an cnagan na do ceann eile a' loidhne. Fosgailidh an doras air a' chreag, anns a' chreag mhor a th' ann asin a bhios e. Thig astaigh ann asin. Agus faodaidh tu biadh a thoirt leat" thuirt esan, "ma shaoileas tu gum bi an t-acras ort."
Bha meas eagallach aice air coin agus cha robh cù aca fhéin idir is cha robh aca ach na dithist dhiubh. Bha na triùir eile, dh'fhalbh 'ad is cha do thill 'ad.
Uell, dh'fhalbh..."Alrìght" thuirt e, "bidh 'ad amach gu corner an taigh. Stob esan na dubhain ann an oisein an taigh agus "leanaidh tusa loidhne a tha seo. Cuir do làmh air a' loidhne" thuirt esan, "'S lean a' loidhne asin gus an tig ceann eile dhe 'n loidhne. S buail an cnagan a tha sin" thuirt esan, "air ceann eile na loidhne, is fosgailidh doras" thuirt e. "Putaidh sin astaigh asin" thuirt esan "cha tig sian air na huile sian a' sgiathadh [?] air an t-saoghail" thuirt esan, "staigh e mar sin."
Uell, seo mar a bh' ann. Thoisich ise is chuir i putan ann a léine na ghille 's na còtaichean aige agus rinn i poidhle do garg as agus o chuir i air dòigh poidhle do rudan math asin. Bha i deiseil airson falbh 's a mhadainn.
"B' fheàrr leamsa a dh'fhalbh seach esan a thighinn" ach dar a bha i deiseil airson falbh is na huile sian, dh'fhalbh i. dh'fhàg i beannachd aige. "Cuir mi uiste air na lit' agamsa cheana cuideachd." thuirt ise, "Tha mise 'dol a ghabhail mo shuipear còmhla riut anochd fhathast."
"Cha thill thu gu brath na gu sìorraidh" thuirt esan, "Cha thill thu gu bratha."
"Uell, anisd, tha thusa anns an inntinn sin ach chan eil mise. Dhiult mise poidhle dhiubh. [?] Agus cha robh sian a bh' air an t-saoghal nach robh fhios aice-se air. Cha do ghabh mi riamh ann. Cha tigeadh sian riumsa gu brath ann mar sin." thuirt ise.
"Uell, dar a bha na huile sian ré 's a' mhadainn, uell anisd , tha mise 'falbh" thuirt ise. "Dar a bhios tusa 'dol a chur uiste na lite, cuir an t-uisge na lite agamas air cuideachd. Tha mise 'dol a ghabhail mo shuipear còmhla riut anochd...fhathast" thuirt i ris.
"Uell" thuirt esan, "chan fhaic mise gu brath thu [?] thàinig [?]" Cha robh ann ach na dithist. Bha na triùir eile, dh'fhalbh 'ad is cha do thill 'ad riamh is bha 'ad 'dol a thighinn dar a phòsadh 'ad, dol dha na h-ultan [?] mhór. Cha do thill 'ad riamh. 'S ann air marcrachd [?] a bha a' coirc' na cup.
Uell, dar a thàinig an t-am aice gum b' fheudar dhi falbh, dh'fhalbh i agus bha i 'cumail roimhpe is greim aice aig ceann na loidhn'. Cha do dh'fhairich i cho fada is bha i ullamh. Thug i, nuair a thàinig i gu ceann eile na loidhn', bha creag mhór asin a' cumail ceann taigh' fhios agad. Cho brèagha air a chur air dòigh is [?] dà ghille [?], chum i [?] mar an dhean e an cnagan a bha seo aig ceann na loidhne is gu fosgladh an doras. Rinn i sin is dh'fhosgail an doras as a' chreig.
O bha àite soillseadh [?] nach fhaca i riamh, riamh, riamh a' leithid. Cho brèagha 's a bha e. Chaidh i staigh. Bha doras eile roimhpe ann asin. dh'fhosgail i an doras sin, bha cù mór ann asin. Cù mór dubh anns a' cheangail air slabhraidh. Cha do ghabh an cù sian aig a' faca is cha do ghabh ise sian. Chaidh i astaigh ann a rùm eile is bha poidhle mhór asiud do chnàmhaich do fheòil. dh'fhalbh i is thilg i dà chnap do fheòil a dh'ionnsaigh a' choin fhios agad. Bha an t-eagal oirre gu robh an t-acras air, o shluig e sin 's a mhionaid!
Ach co dhiubh, dh'fhalbh i is bha dorast eile mu coinneamh. dh'fhosgail i a' fear seo. Bha cù mór dubh eile air a' cheangail air slabhraidh is a huile rud. dh'fhosgail i na trì dorsan a bha [?] agus bha cù mór dubh air a' cheangail air slabhraidh. Bha 'ad cho caol ri seangan. Ach co dhiubh, chum i roimhpe astaigh is bha cidsin asin nach faca riamh, riamh a' leithid, stobh brèagha, stobh brèagha. Poitean do fheòil is do bhuntàta is dhen a huile sian.
An cuala tu i seo?
Iain: Cha chuala.
Agus chum i roimhpe. Bha dining room ann asiud is bòrd is chan fhac' ise a' leithid do theaghlaichean [?] riamh do shoithichean cho brèagha. 'S am biadh air a' bhòrd sin. Bhuail an t-acras i dìreach anns a' mhionaid. Thug i leatha seithir is shuidh i aig a' bhòrd is dh'ith i a leòr. Thug i [?] dha 'n chù agus bha an cù mar gum biodh e 'deanadh toileach rith' ach cha deachaidh i ga comhair gu robh i 'tilgeil greim thuige. Agus uell, bha i ag obair mar sin agus dh'fhalbh i seo. Uell, tha mi 'dol a choimhead feuch dé an t- àite. 'Se rìgh a bu tinn' oirre is cha robh aig a' rìgh ach an aon nighean is bha 'ad nan companaich cho mór.
Bha uinneag bheag anns a' bhalla. Chrom i, bha i 'coimhead amach tron uinneag. Bha na huile sian cho brèagha s gun deanadh i, fhios agad, [?] ud 's na huile sian, flùrs, agus thuirt i "frithidh mi tacan..."
(changes tape)
...Bhiodh 'ad gan deanadh 'ad 'sa bheirt, tha fhios agad dé tha sin?
Iain: Tha
Agus O bha e mór. Bha an fheòil, bha i poidhle dhi, air a' poidhle 's a sgoil[?] Thug i dhi am pìos a bu mhoth' is bu tough air a dh'ithe. Chuir i sin anns an t-searbhadair. O chuir i poidhle do dh'aran ann. Chuir i sin ann. Cheangail i suas na huile sian. Lìon i an searbhadair cho làn agus gun cumadh e ahuile sian. dh'fhalbh i is chuir i air a gairdeann asin, agus thog i aodach, a' sgiort aice, seach [?] sam bi, bha na huile sian cho brèagha. dh'fhalbh i mach air na dorsan posta [?] . Dhùnadh i fhéin na dorsan leis a' chnagan a bha seo bu lugha ach cha do bhuail i gin dhiubh. Dar a thàinig i mach an doras, bha na triùir dhiubh nan suaint cadal amuigh aig an dorast nan sìneadh. Bha 'ad dìreach gus a bhith marbh. Bha 'ad an deaghaidh biadh ithe is bha 'ad cho làn. Cha robh fhios cuine chaidil 'ad. Shìn 'ad 'ad fhéin ris a' ghréin' is chaidil 'ad. Bha 'ad dìreach lag, an deaghaidh a' fàs lag leis an acras, leis huile rud a bh' ann.
Ach [?] fhios chuir i fhéin air dòigh gu daing[?]. Rug i air a thigeadh [?] Thog i suas a h-iochair [?] beagan na b' àirde is rinn i ceum seachad orra mar sin mar gun deanadh, trì ceumanan seachad air an fheadhainn a bha nan cadal. B' fhaid [?] i sin a nunn gus an do shuidh i làmh riutha asin gus an d'fhuair i à seo [?]. Amach a thug i na ruith. Bha i 'dol air pìos dhe 'n rathad air an deachaidh i staigh ach [?] an dùil riuth [?] Cha robh dùil aice gun tigeadh i is àsan a'ruith a' call a misneach air a thailleabh sin idir. Ach thug i seo 's b'fheudar dhi stad is respite a gabhail, bha a' rud a thug i leatha, bha e cho trom. Bha fhios aice taghte math gun rachadh na coin a' leigeil amach as a deaghaidh.
Ach a' fear a bha an deise shoillear air, se a' chiad fhear a thàinig dorast staigh dar a chaidh [?]. Leum e air a chois. Dhùisg e càcha, thuirt e "dh'fhairich mi earball dreas boireannaich a' dol seachad air m' aodann" thuirt e.
"Uell, nach tig thu staigh is nach coimhead thu far an d' thàinig i" thuirt esan. Leum e is ghabh e staigh, shiubhail e na huile bìd [?] na h-eòin" thuirt 'ad sin. "Cha creid mi cho gorach 's gun tigeadh, 's gun d' thuirt 'ad, saoilidh sinn a tha mi fhìn gu bhith marbh" thuirt 'ad fhéin, "agus cha téid againn air seasamh leis an olc[?]" thuirt 'ad, "mur an caidil sinn."
Uell, thionndaich 'ad air am beul fodhp' is chaidil 'ad nan suain arithist. Ise deanadh a best a' dol ron choillidh is 'feuchainn gun deanadh i rathad air a shamhail [?] sin air a dhol dhachaidh. Bha i 'cumail roimhpe is i nach robh fhios is i na ruith, is i na ruith.
Ach co dheth is co dhiubh, dhùisg e arithist. "Uell dh'fhairich mi earball dreas' boireannaich a' dol seachad air m' aodann air an trup seo" thuirt esan.
"Uell, nach tig thu staigh is nach coimhead thu. dh'fhàs 'ad crosta. Agus dh'ionnsaich 'ad an trìeamh trup, chuir i air an cùisean mar sin.
"Uell," thuirt esan, "ma thàinig i," thuirt esan, "cha bhith i fada gus am biodh na coin oirre" thuirt e, thuirt esan, a' fear sin, "dh'fhalbh i is dh'fhuasgail i na trì coin."
O bha ise deanadh a best a' ruith. Bha i 'smaoineach ruith gàbhaidh luath gus a' faca i na coin a' tighinn. Tha fhios, dh'fhalbh ise is leig i searbhdair a bha seo. Thug i trì pìosan dha 'n fheòil a bha [?], na cnàmhan 's na huile sian a bh' ann. Chan fhàgadh 'ad pronnag an àite am biodh 'ad ag ithe. Dh'ith is bha ise 'deanadh a best a' ruith, bha i 'deanadh a best a' ruith. Ach dar a bha àsan ré ag ithe sin, amach a thu 'ad as a deaghaidh arithist [?][?][?]
O fhuair ise supply eile dhaibh sa bha seo. Bha e tough air na fiaclan aca, na coin, ach dh'ith 'ad e. Cha do dh'fhàg 'ad aon phronnag fhéin. Bha 'ad, uell,...
"Chan fhada gus am bi mi fhìn aca" thuirt ise. Ach bha i 'cumail roimhpe is thuirt i rith' fhéin,
"Tha mi 'deanadh amach gu bheil mi anns a' choillidh ud a nì [?]" thuirt i seo rith' fhéin. Thàinig na coin. dh'fhosgail i searbhadair. "Chan eil ann ach seo" thuirt ise, "dar a dh innse mise arithist, bheiribh an aire nach bean thu dhomh dha na coin cho [?]". Agus dh'imilicheadh 'ad na casan aice 's na làmhan aice ach cha ruith ach 'ad feum fhios agad cuine dh'itheadh 'ad i fhéin[?]
Uell, dh'ith i sin, ach bha trì dha na chiad dithist dhiubh, dh'ith 'ad gach cnàmh is gach rud eile a bh' ann. Bha 'ad cho làn. Cha b' urrainn dhaibh an córr a dh'ith'. Bha allta beag ann a ghabh 'ad dh'ionnsaidh an uillt'. Cha mhór nach do [?] a dh'òl deoch asin. Bha aon fhear dhiubh ann a' fuireach làmh rith' agus bha cnàimh na rudeigin aige. Bhiodh e criomadh 's a criomadh sin ach dar a thàinig an t-àm airson 'falbh: "Tillidh sibhse dhachaidh", thuirt i. "Sin e gu leòr do bhiadh air neo [?] bidh 'ad a smaoineach gun do dh'innse mise na tigeadh anall seo tuillidh" thuirt ise ris na coin. Bha na coin is 'ad ag imilicheadh na làmhan is na casan aice. '
"Cha chreid mi", thuirt ise, "nach eil sibh am brath [?] a bhith agam". Ach thill a dhà dhiubh dhachaidh is lean a' fear seo i, an cù bòidheach a bha seo. Cha mhór nach ann geal a bha e. Seo an cù a bh' aig a' ghille. Lean e i fhéin.
Uell, lean an cù dhachaidh. Cha deachaidh i àite 's am bi dar a thàinig i a rathad as am biodh an gille a' tarraing a' chù. Uell, dar a fhuair i air a' sin bha i 'smaoineach gun do dh'fhàs i pìos na bu treasa is na b' òige is bha i cho toilichte. Agus cha robh i mionaid gus an dàinig a fradharc dha 'n taigh. Bha solast ann. Bha solast ann. Esan an deaghaidh lite a dheanadh 's a' togail, smùid aiste, trì truinnsearan mór, trì bobhlaichean do bhainne, aran air a' bhòrd is chaidh ise staigh. O rug e dà bhobhla is cha mhór nach do dh'ith e leis an toileachadh a rinn e riuth'.
"Nach d' thuirt mi " thuirt ise, 'gum bithinn aig mo shuipear còmhla riut?"
"Thuirt" thuirt esan.
"Uell, bha fhios 'am fhìn gum biodh ach cha robh fhios agamas. Shiubhail mise poidhle ach cha do ghluais thusa riamh bhon taigh." thuirt ise.
"Agus shin agad mar a th' ann" thuirt esan, "ach thuirt thu."
Ach bha ise is bha i na suidh aig...thug i seithir a nunn gu uinneag bheag a bh' ann mar siud agus bha i coimhead amach air an uinneag. Có chunnaic i 'tighinn ach an tarbh is am madadh-alladh. Bha 'ad nan tairbh.'Se na gillean a bha seo. Agus nighean a' rìgh aca air air a' laimh. Thug i sùil mu chuairt. Chunnaic i hatch bho casan. Thog i a' hatch. 'S leum i sìos is dhùin i a' hatch mar a bha i roimhe agus dar a leum i sìos, dé an ceann an do sheas i ach ceann nighean a' rìgh, girlfriend aice fhéin. A' làmh.... "gheobh mi a' màireach i" thuirt…
"Taidh a làmh!" Bha 'ad 'dol a dheanadh, 'dol ga [?] 'dol ga [?] Bha 'ad air a' tàinneachan [?] a' làmh cho brèagha agus gheobh sinn latha eile i" thuirt àsan, an tarbh beag, caraigean [?] ri h-ìgheanan. Tha mi fhìn gu bhith stàirbhte is tha mi gu bhith marbh" thuirt e, thuirt esan ris a' chadal. "Feumaidh sinn a bhith air ar cois" thuirt esan, "dh'fhaoidhte fad na h-oidhche a' nochd is saoilidh [?] sinn tacan beag do chadal is do rest fhaighinn. Seo na taobh na rop air a' rud a bh' ann.
Agus alrìght, dh'fhalbh 'ad is chaidh 'ad amach. dh'ith 'ad gu leòr do bhiadh is bha na coin a' siud is cha d' fhuair 'ad sian. dh'fhalbh ise is thuirt i" rithe fhéin. Tha e ceart a cho math dhomh 'togail rith'."
dh'fhalbh i is a' searbhdair a bha seo aig a' làmhan do fheòil is do cnàmhan is do dh'aran is do bhuntàt' is dha na huile sian a ghabh a cur ann is chuir i dheth gun téid i as is dh'fhalbh i. O mu uair as a dheaghaidh sin, dhùisg a' fear soilleir a bha seo. Thàinig e ga h-iarraidh.
Thuirt esan, "Cha chreid mi nach dàinig i. Tha mi 'smaoineach gun do dh'fhairich mi earball dreas' boireannaich a' dol seachad air m' aodann."
"Is nach tig thu staigh is nach coimhead thu" thuirt a' fear a bu shine a bha car rough. Agus tha mi gar dùsg gun tig idir. Chan eil gnothach againne air sian. Ach tha seansa gu robh àsan a' feitheamh, an fheadhainn [?] a' tighinn dhaibh fhéin. Uell, ghabh e staigh is shiubhail e is "Cha dàinig i idir" thuirt esan, "ach tha seansa gu bheil direach i, tha i deiseil airson tighinn na rudeigin".
"Uell, chan eil agad ach sìneadh is rest gus an tig i, ma thig i. Dùin an dorast los nach faigheadh i amach."
Uell bha sin alrìght. Ach bha esan, an gille aig an taigh leis fhéin, a' caoineadh leis fhéin, a' cuimhne air an té a bha 'dol a bhith aig an taigh, cù [?] beag a bh' ann oirre, cù beag thusa a bh' aic' air. Chaidh i air fo gheasaibh. Thug e leis supply. Bha sin ga cumail 'son an ath thrup. Chaidh i mach dh'ionnsaigh an doras. Bha 'ad leis fhéin, is 'ad nan coin thuirt i. Sgioblaich i a h-aodach gu snog oirre is rinn i trì ceumanan seachad. Fhuair i back a nunn ann asin gus an d' fhuair i staigh dha 'n choillidh is na puisean [?] eadarra as an taigh. Amach a thug i.
O cha b' fhada gus an deachaidh i fhéin air a h-aineol. Cha robh rathad, cha robh rud eile ann. Cha robh i ach a' diveadh a' siud 's a huile h-àite, a' leumadh, fhios agad, bha i 'deanadh [?]. Fear dhe na coin, cha rachadh 'ad as a deaghaidh, fear a' leum a' siud 's a' leum a' seo. Feuch a' faigheadh i 'ad. Rachadh an cù bàn a bha seo. 'S ann leis a' ghille a bha e. Bha e air glas [?] Bha e...'S ann leis a' ghille a bha 'n cù.
Ìos, thug i sùil is bha na coin a' tighinn, na trì coin a' tighinn. [?] [?] Thug i...dh'fhosgail i a' searbhadair. Thug i trì cnàmhan mór. Cha robh fhios dé a bh' ann. Bha 'ad eadar a bhith bruich is ri bhith amh is a huile sian na bh' ann. Bha àsan cho dona leis an acras. Laigh 'ad is thug 'ad leò cnàimh air fear dhiubh seo gus an do dh'ith 'ad. O bha na huile pronnag. Thilg i sin, pìosan do dh'aran cruaidh. Bha fhios aice gu faigheadh 'ad tag [?] leis asin. Dar a bha 'ad ré ag ithe sin, thòisich 'ad air coimhead air na rudan a' faigheadh 'ad [?] Bha lub mór ann is dh'fhalbh 'ad anull. Cha mhór nach do dh'òl 'ad na bha 'sa lub, an t-uisge, leis am pathadh a bh' orra.
Dh'fhalbh ise. Thug i sùil as a deaghaidh is bha 'ad a' tighinn arithist. dh'fhalbh i is dh'fhosgail i searbhdair arithist is thug i dhaibh dòs eile. dh'ith 'ad sin ach thàinig e dh'ionnsaigh an dòs fa dheireadh dhi.
"Uell, dé tha mi 'dol a dheanadh dar a bheir mi seo dhuibh?" thuirt ise. "Chan eil an córr agam is cha bheir mi dhaibh ach gheobh mi rud" thuirt ise.
"Thig sibh còmhla rium fhìn" thuirt esan, "is gheobh sibh biadh gu leòr." Ach dh'fhalbh an cù mór bàn. Bha i 'deanadh taobh dhi-se on 's ann leis a' ghille aice a bha e. Bha i 'toirt dha am barrachd. Bha na trì coin cho làn 's gun [?]...cha b' urrainn dhaibh gluasad.
"Uell anisd" thuirt ise, "chan eil an córr agam is rinn mi dhuibh" thuirt ise, "mur an tig sibh dhachaidh còmhla rium fhìn. Cuir thu dhachaidh mi co dhiubh" thuirt ise. "Dar a bhios sibh dona leis an acras arithist, thig sibh dh'ionnsaigh an t-àite bheir mise [?] gu leòr a dh'ithe sibh. Cuid dhe na coin bidh i dìobradh i fhéin [?].
Uell, thug i làn pan do dh'aran is dha na huile sian, is do dh'aran is do bhainne. Bha esan a' sruthadh amach leis cho làn 's a bha e. Uell, theirig dhomhsa" thuirt ise, "Ach cha chreid mi gu bheil an t-acras dona le sin idir" thuirt i.
Uell, bha àsan, 'ad fhéin a' coimhead cho math 'sa bha na coin. Leum 'ad air an cois.
"Thigibh sibhse anisd dhachaidh is duine sam bi a bhios an t-acras air, thigibh dh'ionnsaigh an àit' agam" thuirt ise, "is bheir mi gu leòr ri ithe." Cha mharbh 'ad sibhse an diugh mi" thuirt ise, "Marbhaidh 'ad mise."
Uell, bha 'ad 'dol ga geàird [?], fhios agad, mar biadh[?] 'ad. Bha 'ad [?]. Uell, thòisich ise air falbh. Cuir air a' rathad dhachaidh mi" thuirt ise ris na coin. dh'fhalbh àsan pìos air thòiseach [?] is bha i 'tighinn, bha i 'tighinn.
Co dheth is co dhiubh, càit an dàinig i mach air a' rathad bheag aig bràthair a' tarraing a' lodaidh [?], an taigh dìreach sìos pìosan beag air a' sin. dh'fhàg i beannachd aig na coin is [?] i ri coin. Thug i a' chnàimh searbhadair. Bha poidhle do phronnagan is do cnàmhan is na huile sian. Bha àsan as deaghaidh na huile pronnag ithe. Shìn 'ad na luirgean aicese a' leum a' sin 's a' leum a' seo.
Co dheth is co dhiubh, cha robh an córr ann ri ithe. "Falbh sibhse dhachaidh is bheir mise leam a' fear seo" thuirt ise, "an cù bàn" na daoine ris a' chù bhàn, dh'fhalbh 'ad, is an cù bàn ri taobh. Thill na dithist eile dhachaidh is bha coltas orra gu robh 'ad ri bustadh. Dar a thàinig 'ad, bha an fheadhainn a bha staigh a' feitheamh gus an tigeadh 'ad. "Tha 'ad seo a' tighinn" thuirt ise. Thuirt na fireannaich ri chéile is 'ad staigh, chaidh 'ad astaigh, "Ìos, Ìos, uell tha seansa gun d' fhuair 'ad feusta do fheòil" thuirt 'ad "cho làn 's a tha e."
Thug 'ad dhaibh deoch na rudeigin a biodh 'ad a' toirt dhaibh dar a thigeadh 'ad mar siud. dh'fhalbh 'ad is bha staidhir ann is siud far am biodh 'ad a' cadal is a' dol gu bhobhla [?] staigh. Chuir i staigh ann asin 'ad. Bha 'ad nan suainnt chadal ann am mionaid.
Thàinig an naidheachd an ath latha aig àit' a' rìgh gu robh, gun deachaidh nighean a rìgh a ghoid gun deachaidh i mach air na prairies a' coimhead air nighean na banndraich. 'S i an té bhòidheach a bh' ann agus nach d' fhuair 'ad soidhne. Cha robh fhios a Dhia, Dhia dé bh' ann is bha sluagh, sluagh a' trusadh mu chuairt a' siubhail feuch a' faiceadh 'ad té, sian sam bi mu chuairt a dheanadh a' rìgh. "A' faca tusa sian?" "Chan fhaca."
"Bha mise mi fhìn" thuirt ise, "buaidh" thuirt ise "a' gabhail a' cur mi fhìn agus a nighean agad an cas. Cha ghabh is brèagha" thuirt ise. Chuir an rìgh feadhainn amach dha 'n phrairie sin is bhuan na huile sian a bh' ann. Chuir 'ad anuas gu àite a' rìgh 'ad. Bha an t-uabhas ann. Ach bha ise 'deanadh a best air ruith air feadh na coille is thug i sùil is bha na trì choin a' tighinn air a lorg. dh'fhalbh i 'sa mhionaid is leig i am bundle a bh' aice na làmh is thug i trì pìosan mór do fheòil eile dar a chaidh 'ad ann ach chan eil am bundle a bh' ann a' siud agus thug ise a' searbhadair is thòisich 'ad air sin ithe. Thòisich 'ad air sin ithe. Dar a rachadh e [?] bha 'ad [?] do dheoch mu chuairt. Bha na coin a' fàs làn is bha 'ad a' fàs mór.
Co dheth is co dhiubh, shabhail 'ad a' rud a bh' ann do bhiadh, searbhadair feòil . "Ithibh na huile pioc dhe sin" thuirt àsan, a' tòiseach an t-acras gu leòr agus tiugainnibh còmhla riumas sìos asin dh'ionnsaigh an taigh. "Chan eil aig an taigh ach mo bhràthair" thuirt i. dh'fhalbh na dithist is chan fhaca mise riamh càit an deach 'ad. Cha do thill 'ad co dhiubh" thuirt i. Uell, dh'fhalbh 'ad co dhiubh is chaidh na dithist dhe na coin làmh ri chéile.
Iain: Gabh mo leisgeul.
*Recording changes*
dh'fhalbh dithist dhe na coin is thill 'ad dhachaidh is lean an cù soilleir a bha seo an nighean. O bha i ri taobh is cha robh soidhn' air na coin a' tighinn is ràinig na coin dhachaidh. Bha 'ad cho làn is gun eudar a bhith eiginn cha b' urrainn dhaibh gluasad. Bha an fheadhainn a bh' aig an taigh cho toilichte airson cho làn 's a bha 'ad gun do mharbh 'ad ise is gun do dh'ith 'ad.
"Mar a dh'ith 'ad" thuirt ise "gus nach biodh pronnag air na cnàmhan aca ri fhaighinn" thuirt ise, "na ma bhios, thig i beò." Bha seo 's a bhuidseachd aca ach tha seo alrìght. Cha robh gin dar a ràinig ise dhachaidh is an cù seo aice, uell shiod bu bhràthair a dh'ith [?]. Bha pan mór aice sin. Lìon e do bhainne is do dh'aran is do fheòil is dha na huile sian a dhà dhiubh sin. Thug 'ad sin dha na coin. dh'ith an cù bàn. Thug i leò dha is a huile sian.
"O" ars ise ris dhachaidh, thuirt ise an dà chù a' falbh dhachaidh agus "fuirichidh a' fear seo còmhla rium fhìn" thuirt ise, "is bidh sinn aig an taigh tràth a' màireach."
Amach a thug an dà chù mhór, mach a thug 'ad dhachaidh is o bruathadh [?] amach leis cho làn 'sa bha 'ad. Bha ise 'smaoineach gun do rinn 'ad fortan a bha uabhasach. Gheibheadh àsan fear a dh'fhalbh esan còmhla riuth' ach bha sin alrìght. Cha deachaidh 'ad ach criomag bheag dar a chunnaic i solast an taigh'. Bha a bràthair an deaghaidh lite a dheanadh is an deaghaidh lit' aice-se a dheanadh mar a gheall e dhi. Bha 'n dà lite air a' bhórd, 's smùid asta. Uachdar brèagha ann am bobhl' a bha sin. Bha trì mairt aca agus ghabh 'ad seachd leòr is rinn e bobhla mór do bhainne, uachdar is bainne is chuir 'ad aran phronn na aran srac [?] ann asin as [?] suas a rinn e furasta dhaibh ithe. dh'ith 'ad a' seachd leòr a bha sin is dh'òl 'ad am bainne is thug e gu leòr dha 'n chù bhàn a dh'fhuirich còmhla ris fhéin.
Uell, bha sin alrìght. Thòisich 'ad air spaideil 's a mhadainn is bha 'ad airson 'faighinn amach... bha fhios aig a' chù bhàn gu robh toil aca 'ad a' dol dhachaidh is thuirt e rithse. Bha e 'deanadh shaonachan[?] rithse. Thuigeadh esan a huile sian a bheir ise ris a' chù bhàn. 'S ann leis a' ghille aice fhéin a bha an cù bàn. Uell, dh'fhalbh i is dh'fhosgail i an doras. Leig i mach na trì.
"Thigibh sibhse dhachaidh anis" thuirt i. "Na tigibh aseo tuilildh."
Uell, bha seo alrìght. dh'fhalbh is amach a thug e ron [?] an córr seo a' dol dhachaidh dh'ionnsaidh na coin. dh'fhalbh 'ad is thug 'ad dhachaidh, bha an gille coimhead cho luath 's a bha 'ad. Cha bhiodh 'ad sin fada ruith dhachaidh. "Cha bhith", thuirt ise, "cha bhith. Tha mise toilicht' gun do chuir 'ad air a' rathad mi fhìn dhachaidh."
"Uell, bha a huile [?] cù bàn nach do ghabh am meas ort a thug mise gu leòr dha ithe" thuirt ise "dhaibh uile is bidh 'ad a' smaoineach gun do mharbh 'ad mi fhìn leigeil na coin as mo dheaghaidh airson [?] is mo mharbhadh. Fuireach [?] gun do dh'fhuirich mi.
Uell, alrìght. dh'fhairich na coin dhachaidh is theab bàs air a dhol gorach leis cho làn 's a bha na coin is cho math 's a bha na coin s ann 'sa ghrian [?] a' fear bàn"a thuirt an gille soilleir a bha seo. "Cha tig e, cha tig a fear bàn an cù agams'" thuirt e "cho fad 's a gheibh e pronnag" thuirt esan. Dhomhsa faighinn gin dhiubh. Bidh e 'g ithe nam pronnagan is na huile sian a th' ann. Dar a thàinig àsan 's a robh a córr seo, bha e 'g iarraigh orra falbh. Bha 'ad gan cuir air falbh air is chan ann [?]. dh'fhàs 'ad mosach riutha fhéin is leig 'ad leò. O bha 'ad eagallach. [?] sibh 'ad ach thàinig esan a staigh. dh'fhosgail i bonn na staidhir, dorast ann. Thigibh sibhse staigh ann a seo. Tha e coltach ris an àite as a bheil sibh a' cadal aig an taigh" thuirt ise is an aghaidh [?]. dh'éirich 'ad. Chaidh an dithist dhiubh astaigh dha 'n staidhir is dh'fhuirich a' fear eile còmhla rithse.
"Tiugainn thusa còmhla riumas" thuirt ise, "is cuiridh tu dhachaidh."
O bha i ri taobh ann am mionaid. Tha rud ùr [ ?] astaigh an uair sin. Bha a bràthair astaigh is an deaghaidh lite a thogail 's a huile sian. Có thàinig astaigh ach is'. Theab e h-ithe leis an toileachadh a rinn e rith'.
Thill na dithist eile dhachaidh, an dà chù eile dhachaidh is bha 'ad cho làn cha b' urrainn dhaibh cha mhór gluasad na thog ise dhaibh do fheòil is dha na cnàmhan is dh'ith 'ad na huile sian do [?] sin. Thuirt an duine a bh' aig an taigh "Thig 'ad" thuirt esan, "dar a dh'fhàs 'ad rested an deaghaidh ithe, chan fhàg 'ad pioc dhe aodach nach cuir 'ad ann an àite is chan fhàg 'ad bròg is chan fhàg 'ad rud bile [?] nach cuir 'ad ann an àite agus ma tig 'ad. O bha 'ad cho ionnsaichte na coin, fhios agad. Uell, co dheth is co dhiubh, có air a thàinig 'ad ach a' rathad [?] a bràthair a' tarraing tuideachan [?] connaidh.
Mach a thog i 's e ag éigheachd 's a' sgiamail leis cho toilichte 's a bha e. Bha esan an deaghaidh lite a thogail is smùid aiste. Có nochd dha 'n doras. Thàinig ise dh'ionnsaidh an doras. "Có a bh' ann nach d' thuirt mi riut? An do rinn thu lite?"
"Rinn" thuirt esan. "S mi a rinn."
"Uell, suidhidh sinn is ithidh sinn i"
Thàinig àsan dh'ionnaigh an dorais, na coin. dh'fhosgail ise an doras is thug i staigh 'ad. Lìon i pàn mór a bh' ann asiud do bhainne. O ghabh 'ad am bainne. Bha 'ad gu bhith marbh leis a' phathadh. dh'òl 'ad na huile boinne bainne a bh' ann asin. Bha brù orra a bha eagallach. dh'fhosgail, bha 'ad airson a' faighinn mach. dh'fhosgail 'ad an doras."
"Uell, thig thu dhachaidh anist" thuirt ise. "'S tric a' fear seo còmhla rium fhìn is bheir e dhachaidh a' màireach mi."
Bha seo mar gum biodh e gan cluinnteil is gun fhios aige dé bha 'ad ag ràdhainn. Ach dh'òl 'ad sgior [?] do bhainne. Cha b' urrainn dhaibh an córr òl na ith'. Thog 'ad rith' dhachaidh is dh'fhuirich an cù bàn còmhla rithse. Fhuair i air rop astaigh a bh' aig a bràthair is cheangail i an cù bàn is cheangail i 'sa bhonn-staidhir e. Ghabh i fhéin biadh is ghabh an gille biadh, lite a ghealladh e, lite aig a [?].
Ràinig àsan dìreach air an taigh aca fhein ge bi càit' a robh e ann am bruaich air choireigin anns a' choillidh. Chaidh 'ad seachad air dà fhàdal [?] is b' fheudar dhaibh fuireach ann asin treis a dh'òl tuillidh arithist. Seansa gu robh do bh' ann saillte is gu robh am pathadh dha 'n tolladh.
dh'òl 'ad is dh'òl 'ad is dh'òl 'ad an t-uiste is chraith i searbhadair thuca na huile pronnag a bh' air bha 'ad ruith an deaghaidh sin ga thogail, ga ith', gabhail na bh' ann do deoch is na huile rud. Bha 'ad gu bhith bustadh leis cho làn 's a bha 'ad.
"Togaibh leibh dhachaidh. Cha ruig 'ad leas pioc a thoirt leibh dar a théid sibh dhachaidh" thuirt an nighean. "Uair sam bi a bhios an t-acras oirbh, thig sibh anall còmhla rium is bheir mise dhuibh gu leòr a dh'òl is a dh'ithe. Cha bhith an t-acras oirbh idir".
Rinn 'ad seo ach cha do dh'fhalbh an cù bàn idir. dh'fhuirich an cù bàn còmhla rith' fhéin.
"Leig leis an fhear seo" thuirt ise "leigibh leis a' chù bhàn, théid e còmhla rium fhìn dhachaidh tràth 's a mhadainn" thuirt ise, "Thog na dithist eile rith' dhachaidh. Fàgaidh sinn na dithist a bh' aig an taigh."
Ràinig 'ad dhachaidh is cha mhór gum b' urrainn dhaibh gluasad, laigh is shìn 'ad, càit an robh an cù bàn. Cha d' thuirt gin dha glag [?] do chomhfhuirt an dràsd' 's a rithist. dh'fhalbh àsan. Cha do thill 'ad.
"Cha thill 'ad tuillidh." thuirt i sin, "ad dhachaidh is ceanglaidh aig an taigh 'ad. Bidh 'ad ann a' sin gus am bi 'ad stairbhte arithist" thuirt ise, "Tha mi an dòchas gun tig 'ad is gun toir mi dhaibh gu leòr ri ithe" thuirt ise.
O thug i dhaibh do cnàmhan is do fheòil is do dh'aran cruaidh. Bha e eagallach 's bha e mar sin. Cha do dhealaich 'ad air greim dhe sin gus an do dh'ith 'ad is do thòisich 'ad air sgrìobadh le spòg. Feuch a' faigheadh 'ad gin eile do phronnagan is mar a bha 'ad a' faighinn, bha 'ad gan ithe.
Co dhiubh, dh'fhalbh ise is leigidh sinn amach 'ad seo," thuirt i ris a' chù bhàn. "Tha mise 'dol a dh'iarraigh oirbh a dhol dhachaidh. Fuirich thusa còmhla riumas agus bheir thu dhachaidh a' màireach mi dha 'n àit' agad fhéin".
Thàinig e anall is laigh e is fhuair i is dh'éirich i is fhuair i rop. Thug i leath' rop is cheangail i an cù bàn astaigh bhon staidhir is cha ghluaiseadh e. Cha ghluais e as a seo. "Ma gheobh 'ad thu ann a seo, marbhaidh 'ad thu. Marbhaidh 'ad na dithist againn agus bheir an aire nach dean thu fuaim." O bha esan airson falbh cho fàillidh. Ghabh e staigh fon staidhir is laidh e ann asin. Bha srann aige ann a sin mar gum biodh aig bodach mhór.
"Cha ghluais e tuillidh" thuirt esan.
"Cha ghluais" thuirt an nighean. "Tha e na chadal asin" thuirt ise, "gu madainn gus am bi e 'falbh 'sa mhadainn. Sin a dh'iarr mi air, is e a nì e cuideachd" thuirt ise.
Lìon e pan mór do bhainne is do dh'aran chruaidh a bh' ann is bha e bogadh cho brèagha is thigeadh 'ad tarsaing is cha b' urrainn dhaibh leigeil air is bheireadh e treis 'g obair air ithe, is o Ìos bha e 'fas cho mor is cho garbh.
Co dheth is co dhiubh, dh'òl e na huile boinne bainne a bh' ann na trì ach an cù bàn a bha 'fuireach teann oirrese. Bha ise 'gleidheadh rud dha 'n chù bhàn falbhadh càch ach dh'fhosgail i an t-aran is…
"Togaibh sibhse dhi dhachaidh anist" thuirt esan, "Cha ruigeadh 'ad leas biadh a thoirt dhaibh anochd. Bidh 'ad a' smaoineach gun do mharbh sinn a' falbh mar a thogras sib' fhéin dar a bhios an t-acras oirbh arithist, thig sibh a choimhead orra. Thachair [?] a bha seo na bruidhinn ris a' chù ach bha sin alrìght. dh'fhosgail i bonn na staidhir. Bha àite chomainn [?] ann a sin, bobhstair ann. Ghabh e staigh is laigh e ann asin. "Laidh ann asin is caidil e gu madainn arithist feuch nach dean thu pioc do noise."
O ann am mionaid bha srann aig a' chù nach cualas riamh a' leithid. Bha e cho sgìth is bha e dona leis an acras. dh'fhosgail is' an doras is thuirt i ri càch, "Tha àsan a thogail rith' anisd dhachaidh gu robh an cù bàn a' fuireach còmhla rithse. Rachadh e dhachaidh còmhla rith' a' màireach."
Uell, bha sin alrìght. dh'fhalbh is dh'fhosgail i an doras is leig i mach an [?] is cha robh an córr aseo. Bha ise a' smaoineach nach robh sian na bhroinn leis cho aotrom 's a bha e 'falbh ach cho toilichte dar nach leigeadh 'ad leas biadh na sian a thoirt dha. Dar a ràinig an fheadainn a bh' aig an taigh, bha 'ad a' deanadh deiseil airson 'falbh a choimhead airson na h-ìghean. Ràinig an dà chù is 'ad coltach gu robh 'ad 'dol a bhustadh.
"Uell, cha ruig sibh leas falbh tha i dìreach am broinn an dà chù seo. Ma tha cnàmhan na sian ann, dh'fhuirich an cù bàn aige sin gus an cuireadh 'ad iarraigh sin" thuirt ise. "Tha an cù bàn bochd san ceangail a staigh fon staidhir."
Ghlas 'ad na doras suas. 'Se baile mór a bh' ann a siud. 'S ann far a robh rìgh a' fuireach. "Uell, thuirt an gille, "Tha naidheachd mhór" thuirt esan, "aseo an diugh."
"Dé tha sin?"
"Nighean a' rìgh air a goid" thuirt esan. "Bha i mach a' coimhead air a ghabhail. Thàinig crop [?] air na rudeigin is ghoid 'ad i, is chan fhacas air ach slug [?] e 'siubhail agus a' rìgh, cumadh[?] 'ad b'e rud a chitheadh 'ad as a' chadal. Cha do fhighte[?] dha gu falbhadh 'ad air a sin air a shiubhail air a son. Agus nuair a chaidh 'ad gan gille air robh nighean, robh phiuthair aig an taigh is thuirt i nach robh gun do dh'fhalbh ise cuideachd a choimhead air a son an dé 's nach do thill i fhéin. Rug as gur e nighean a rìgh cuideachd.
Ach bha ise staigh is dh'ith i seachd leòr. Lìon i searbhadairean mhór a bha seo do dh'fheòil is do chnàmhan is dha na huile sian agus chuir eiginn a bh' aice a bha able 's ann air eiginn a thogadh i. Ach amach a thug i agus bha i 'cumail roimhp'. Cha d' thug i greim dha na coin ach thàinig àsan dhachaidh. Cha robh soidhne bho na coin asiud is 'ad a' bìgeil. Bha i nis ann is chan fhaigheadh na coin as a deaghaidh.
"Dé tha sinn a' dol a dheanadh? Bheil thu airson a' toirt am boss, a' fear a thàinig na h-airm. Ceann cùrlach, dubh air, [?] poidhle dhe na tress aig an ceann aca mar siud, 'ad crostadh.
Chaidh fear dhiubh ann an riochd an tairbh agus chaidh fear dhiubh ann an riochd a' mhadadh-alladh. Chaidh a' fear òg riochd na deise ghlas air is na huile sian a bha [?]. Bha an cù glas. Bha na huile sian a thachair mar sin. Thug ise sùil is chunnaic i na trì coin a' tighinn as a deaghaidh. Thug i cnàmhan mhór a bh'ann. Bha 'ad cho dona leis an acras. Cha robh 'ad ach gan [?] dol sios dha 'n cagnadh a' rud eile gus an d' fhuair 'ad beagan na b' fheàrr. Thug i dhaibh an uair sin deoch. Bha sgornan aca alrìght an uair sin. Bha 'ad ag éirìgh air ithe is na cnàmhan, is bha 'ad nan laigh' is greim aca air na cnàmhan le spòg. Cha d' thug i sian dha na coin [?].
"Uell" thuirt ise, "thug mise dhaibh na dh'ith 'ad agus cha robh math dhomh fuasgladh. dh'ith 'ad gu leòr co dhiubh." thuirt esan, "Chan eil an t-acras orra. dh'òl 'ad gu leòr do dheoch. Chan eil am pathadh orra."
"Faodaidh tu" thuirt esan, "an leigeil amach. Théid 'ad dhachaidh."
Rinneadh sin ann is bha an t-acras orra.
"Cha tig tuillidh" thuirt an nighean, "mar seo. Tha mise 'dol a chumail a' chloinn mhathain [?]
Uell, alrìght. Mach a thug an dà chù eile, mach a thug 'ad dhachaidh. Cha robh an córr seo orra. Cha robh an córr aicese a bheireadh i dhaibh ach na bh' aig a bràthair do bhiadh ach mhiogs rudeigin dhaibh astaigh seo dar a dhùisgeas 'ad bidh an t-acras orra. Bha esan ag obair air geàrradh feòil na rud air choireigin is bha e 'geàrradh phìos is a' tilgeil chnàmhan is rudan [?] is bha 'ad ga shluigeadh siud far a faigheadh 'ad greim. Bha sin alrìght. Bha 'ad ann asin.
"Feumaidh mise" thuirt ise, "falbh. Feuch a' faigh mi rathad a' faigh mi dhachaidh as a seo mun tig an oidhche. Tha mo bhràthair nas fheàrr asin. Feumaidh mi a bhith falbh" thuirt i, "dha na coin is thigibh sibhse dhachaidh."
Lean an cù bàn dhachaidh is', an cù aig a thill aice fhéin. Thug i fhéin areir [?]. Bha dà chù eile, fear dhiubh leis a' robair, fhios agad, murtair. Bha 'ad leis an tarbh is am madadh-alladh. Dithist fhireannach a bha sin. Bha e mar sin, dh'fhalbh 'ad. Chaidh esan, chaidh ise mach.
"Togaidh sibh rith' dhachaidh. Bidh an cù bàn a' dol còmhla rium fhìn dhachaidh a' màireach. Fuirich thusa socair. Feuch nach dean thu gort na sian na marbhaidh 'ad thu, marbhaidh 'ad mis'. Bidh thusa stàirbhte ma dh'fhàgas 'ad beò thu [?] 'ad." "Bidh sinn glé shéimh."
Chaidh na coin eile a' leigeil dhachaidh is bha àsan, an fheadhainn a bh' aig an taigh, a' deanadh deiseil airson 'ad a dh'fhalbh còmhla riù. dh'fhalbh a choimhead air a son. Dar a thàinig 'ad dhachaidh, bha 'ad cho làn. Shìn 'ad 'ad fhéin. Sìos taobh a' stobh. Thug 'ad treis dha 'n cadal ann asin is dh'éirich 'ad air an cois. Bha 'ad a' spaidsearrachd is thug esan, an gille, lìon e pàn mór a bh' ann asin do bhainne is aran. Chuir e aran am bogadh ann is thug e sin dhaibh is dh'ith 'ad sin. O bha 'ad cuimseach math làn, still dh'itheadh 'ad. Bha fhios aca gum biodh treis mu faigheadh 'ad an córr. dh'fhuirich an cù bàn còmhla rith' fhéin na loisg . Bha e cho làn.
Thuirt ise riù, "Togaibh sibhse rith' dhachaidh agus théid sibh a' cadal fon leab' agaib' fhéin is bithibh cho socaireach 's as urrainn dhaibh."
"Falbhaibh a' màireach." thuirt esan, "Cha ruig sibh leas falbh [?] latha. Bidh mise, bidh feust agam dhuibh an uair sin, na dinnear agam dhuibh deiseil."
Amach a thug na coin dhachaidh dha 'n àit' aca fhéin anns a' chreig a bha seo. Esan an deaghaidh am [?], a' fear soilleir an deaghaidh am [?] a dhol gu [?] a' chreig. Bha pìosan asiud 'sa seo.
dh'fhalbh na coin dhachaidh. Nuair a rainig 'ad dhachaidh, thilg 'ad 'ad fhéin air an ùrlar is cha b' urrainn dhaibh gluasad. O bha 'ad cho làn nach d' thuirt mi riut" thuirt esan, "gu feumadh a' fear bàn air falbh cho fad 's a ri pronnag [?]. Chan fhaca a' fear bàn na thuirt esan, uell cha do ghabh an nighean sian nuair a thàinig i, dh'innseadh i dha bràthair mar a bh' ann.
Uell, bha ceairle astaigh fon staidhir a thuirt an gille. "Bheir mise pàn do bhainne dha is bheir sin dha staigh ann asin ged a thigeadh àsan choimhead astaigh air na h-uinneagan, bha sluagh shuas mar tha aig àit' a' rìgh is 'ad a' coimhead dé tha 'dol air n-adhart" thuirt àsan. "Nach deachaidh nighean a' rìgh a goid a raoir cuideachd, feasgar an dé. Chaidh i mach suas a choimhead air a' ghàrradh is cha do thill i is dh'fhalbh 'ad a' coimhead air a son is bha i gone. Cha robh soidhne....Cha d' fhuair 'ad [?] Bha sluagh an t-saoghail mu chuairt oirre. Cha leigeadh an t-eagal leò sin anuas aseo eagal 's gu bheil 'ad. Tha 'ad ag ràdhainn riumas gun do dh'fhalbh an nighean, do phiuthairsa cuideachd is cha do thill.
"Uell, thill mis'" thuirt ise, "Bha mi oidhche air falbh ach thill mi" thuirt ise, "chaidh mi air chall air a' rathad bheag, ach thill mi" thuirt ise. "Is dh'fhalbh nighean a' rìgh bho seo, an girlfriend aice fhéin".
"Uell, 'se is cha do thill i".
"Uell, cha ruig i leas tighinn a chunnaic mise fear [?] is innsidh mi dhaibh."
Bha an uiread aseo dar a [?] amach airson ma bi có a dh'innseadh history dhaibh air an nighean bhon rìgh. Shuidh an gille.
"Uell" thuirt an nighean, " an girlfriend agamsa a bha sin is bha sinn riamh còmhla. Cha leig sibh leam, thuirt ise, "a' chiad speech" thuirt ise, "a dheanadh mun nì airson as mo chadal a chunnaic mi e."
"Chan eil sin gu deimhinn" thuirt a' rìgh, "ma chunnaic tu as do chadal e. Théid sinn a choimhead asin."
Uell, alrìght is chaidh àite fhaighinn is chaidh an nighean thoirt sìos tha i cur suas air stand ann a sin. Chaidh a màthair 's a h-athair còmhla rith' is 'se an nighean a' rìgh a bh' ann.
"Uell," thuirt ise, "'s ann as mo chadal a chunnaic mi seo araoir."
"Alrìght" thuirt a' rìgh, "innis e is tu a rinn e a' chiad speech is dh'fhaoidhte gu bheil luck math oirre."
dh'innis i dh'ionnsaidh an t-àite as an deach i, nach robh soidhne oirrese an uair sin. Bha tàinneachan [?] oirre a bha uabhasach. Bhiodh i 'toirt tàinneachan [?] uicese cuideachd.
Ach co dhiubh, thàinig 'ad. Bha 'ad shuas air na stands. Bha màthair air an darna taobh is bha h-athair air a taobh eile dhi. Bha rìghean mór eile mun cuairt a' tòiseach[?] duine cha robh gunna is cha robh revolvers cha robh sgian is cha robh sian aca. dh'fheuch 'ad am poca is cha robh sian [?] a huile sian a bha sin [?].
Uell, chaidh na benchachan ann mu chuairt mar siud, cha deach sian sin, duine sam bi a dh'fheuchainn feuchainn ri teicheadh as a sin, fhios agad, staigh a dhol amach. Bha 'ad ri losgadh air. Uell, cha robh duine sam bi airson sin a dheanadh. Bha 'ad 'dol a bhith marbh co dhiubh. Fuirichidh 'ad socair.
Uell, co dhiubh, dh'fhalbh 'ad. Bha sluagh asin nach faca sibh riamh a leithid, daoine beartach is mairteachan [?] is boireannaich is nigheanan òg is nigheanan slick, feadhainn nach do [?] ach pòsadh is gum b'e seo a' chiad latha cha robh ach tuf gu leòr a' faicinn a bhith marbh feadhainn, 'ad fhéin a' feitheamh na mionaidean airson 'ad fhéin a bhith air am marbhadh is nach do rinn 'ad sian.
Uell, dar a dh'innis 'ad 's a' chiad rùm as an deach sinn astaigh, bha cù mór dubh an ceagail air slabhraidh.
"Chaidh mi staigh" thuirt ise, "bha rùm air is bha cù mór dubh eile an ceangail air slabhraidh. Chaidh mi staigh air trì dorast" thuirt ise, "is bha cù mór eile an ceangail air slabhraidh is tha e soilleir siud" thuirt i rith' fhéin, "siud" thuirt ise, "an cù aig a' ghille agam. Thàinig dithist eile. An tarbh is am madadh-alladh a bh' unnaibh. Uell, alrìght. Leig 'ad 'ad sin loose. Thog 'ad, dh'éirich i a' toirt dhaibh gus nach b' urrainn dhaibh an córr ith'. Mach a thog 'ad dhachaidh dar a ràinig 'ad dhachaidh bha àsan is brù mhór orra. Cha do dh'ith 'ad ach am bainne, a huile seòrsa pronnag do dh'fheòil is dh'aran is dha na huile sian mar sin. Cha robh cail aca do shian ithe dar a ràinig 'ad dhachaidh."
"Cha d' thàinig an cù agamas idir" thuirt a' fear soilleir "dh'fhuirich e" thuirt esan, "fad greis greim gun bhitch ud ann" thuirt esan, "agus ise is i a' falach staigh agus thog e rith' is thug e lobht' air a robh mór a bh'ann air a' lobht' is cha tigeadh duine na chomhair. Bha an cù bàn 's a cheangail fon staidhir is cha ghluaiseadh e airson na [?]. Tha fhios aca gu rachadh e mharbh 'sa mhionaid. Cha do ghluais 'ad air [?] na rud eile.
"Uell anisd" thuirt a' rìgh, "duine sam bi a tha toil aige an uiread seo do mhillt seo dol a [?] . Tha mi coma ged a be rud a chitheadh e 'sa chadal. Chitheadh e air an nighean, feumaidh sibh innis.
"Uell" thuirt an nighean aig a' bhanndraich...O bha i cho bòidheach ri sian a bha riamh air an t-saoghail.
"'Se mi fhìn is nighean na banndraich is tha i fhéin air chall" thuirt a' rìgh. "Tha an nighean agamas air chall" thuirt ise. "Tha sinn a' feuchainn a' faigh sinn e gus a b'e rud a chì sibh as ur cadal" thuirt a' rìgh innse.
Uell, thàinig ';ad is bha 'ad a' feitheamh na h-oidhche 'se bha 'ad a' siubhail. "Uell" thuirt e, "thàinig an nighean aig a' bhanndraich is o i cho bòidheach, i cho bòidheach, dreasa a thug nighean a rìgh asin à Spàinne. Chaidh i nunn far a robh rìgh.
"Dìrich suas ann asin" thuirt a' rìgh. "Suidh air a' bhogsa sin asin. Bha àite brèagha ann airson i shuidh.
"Chan eil ann" thuirt ise, "ach a' rud a chunnaic mi as mo chadal araoir" thuirt i "mur am bithinn gun dh'innsinn 'ad 'dol 's gu falbh sibh air a' rathad."
O bha rìgh 's a bhanrìghinn, bha 'ad cho toilichte. Bha àsan brath an nighean fhaighinn. "Uell, gheobh sibh i" thuirt nighean na banndraich, "girlfriend dhise" thuirt ise, "ach bidh i marbh."
"Mo thogair!"
"Ach bha 'ad ga faighinn is a' tiodhlachadh, fhios agad, an àite math."
dh'fhalbh 'ad is thog an nighean rith' dhachaidh is cheangail i an cù astaigh fon staidhir. Thug i pàn mór do bhainne, is do dh'aran, is do dh'fheòil is dha na huile sian dha los nach leigeadh e leas bhith bìgeil airson rud a dh'itheadh e. Rinn i sin.
Uell, bha sin alrìght. dh'ith esan, an cù, a leòr, cha gabhadh a dhol [?]. Thuirt i ris an dithist eile, "Tha àsan a thogail rith' dhachaidh agus gun 'ad a thighinnn còmhla ris na coin eile ged a thilleadh 'ad gun esan a thighinn idir, gum marbhadh 'ad."
Bha na coin air an ionnsachadh cho math 's bha 'ad cho eòlach oirrese. Bhiodh a faicinn a huile latha a' toirt dhaibh biadh is cha robh fhios aca fo Dhia có bha ga bhiadh. Cha robh e lively airson falbh as deaghaidh duine. Cha robh acras air. Thàinig seo gum b' fheudar dha a' rìgh còmhla rith' a' gabhail. Bha na huile sian air a chur air dòigh cho brèagha is duine sam bi a ghluaiseadh dar a bha 'ad astaigh ann aseo na suidh, bha e ri loisgeadh air. Duine sam bi a bha ri luath is bha ri eang[?] mharbhadh [?] rudeigin a rinn i fhìn is bha 'ad mar sin.
Có thàinig astaigh ach na triùir a bha seo, an tarbh 's a mhadadh-alladh agus an gille a bha an deise ghlas air is bha e cho slick. Thàinig an triùir seo astaigh is chum 'ad anunn is chum 'ad sìos. Bha doras eile far a faigheadh 'ad amach ann asin. Bha dà chòt mhór ann asin is ghlas 'ad na dorsan. Ghlas 'ad na h-uinneagan is cha robh dòigh gluasad is bha dithist air an cùlaibh is cum aca nan gluaiseadh 'ad is faodadh 'ad losgadh orra.
Shuidh 'ad dìreach taobh an dorais na [?] doras fhosgladh, bha àsan 'dol a theicheadh amach [?]. Seo am plàn' a bh' aca. Ach shuidh 'ad dìreach ann asin, mas e triùir dhiubh a bha sin taobh an doraist. Chaidh ise suas 'dol 's gu faiceadh i 'ad.
Thuirt i ris a' rìgh "Cuiribh sibhse mise suas ann asiud. Leigibh leam" thuirt ise, "a' chiad speech a dheanadh. Chan eil ann ach rud a chunnaic mi as mo chadal" thuirt ise.
"Tha sin alrìght" thuirt a' rìgh, "tha fhios 'am gu bheil e ceart" thuirt e, "airson comhail bha sibh shìos 's a huile sian mar sin. Chan eil doubt nach eil, nach bi e ceart gu be dé chì thu as do chadal."
Ach dh'éirich i suas. Thàinig a màthair is chaidh i air a t-aghaidh is chaidh a h-athair air an taobh eile. Bha na cops mhór làidir asin is thàinig 'ad is có thàinig astaigh fo dheireadh is ise watchadh an doras ach na triùir a bha seo. A' fear a thàinig na tharbh is a' fear a thàinig na mhadadh-alladh, is dé bha 'san fhear eile? Cat fiadhaich na rud air choireigin mar sin. Bha 'ad nan gillean an uair sin. Thàinig 'ad astaigh is choisich 'ad sìos air beulaibh na huile gin dhiubh. Bha rùm dìreach air na triùir dhiubh aig an dorast agus thuirt an cop riu gu robh dìreach àite math suidh asiud. Shuidh 'ad ann asin, na triùir dhiubh, phuiseadh? 'ad a chéile. Thòisich ise air deanadh seirm air na rud a chunnaic i na cadal nach bithear, rud a chaidh i fhéin roimh'.
"Uell" thuirt ...phuiseadh an darna fear a' fear eile an dràsd' is a rithist. Bha 'ad a' fainneachaid[?] gu robh 'ad dìreach an taigh na galla gu robh 'ad gu bhith gone. Thuirt i gun tachair[?] i dhachaidh air araoir 's a chaidh i cadal. Tha 'ad air a bhith sian" thuirt ise "ach a' leaba bhuail dar a bha 'ad na shuain chadal is chunnaic mi gun do dh'fhalbh mi fhìn is Màireag ('se a bh' air nighean aig a' rìgh) gun do dh'fhalbh sinn suas dha 'n phàirce mhór."
"Cha breith ormas" thuirt ise, "an tòiseach, O mharbhadh mise ann am mionaid" thuirt is' "ach thog 'ad a nighean agaibhse sìos dhachaidh" thuirt ise.
"Dé am bàs a bhiodh asin dhi?"
"Tha" thuirt fear dhiubh, "teine math, cumamaid a casan anns an teine gus a ròsail 'ad dhi." Cuimhnich am bàs a bha sin. Ach tha sin tuillidh is fad. "Uell, gabhaidh sinn dòigh eile na casan a gheàrradh dhi." Bha sin tuillidh is fad. Fhuair 'ad, 'se cuisle a gheàrr 'ad dhi. Chan fhacas a' leithid do dh'fhuil riamh. Bha an fhuil bhuaipe airson na [?].
An nighean bhochd, bha i marbh co dhiubh. "Shin a' rud a chunnaic mise araoir as mo chadal" thuirt ise, "Seallaidh mi dhuibh an t-àite" thuirt ise, "as a faca mi 'ad cuideachd agus bheiribh an aire dha na dorsan is dha na h-uinneagan nach téid duine mach. Bheir i dhi nuas. Thàinig i air an ùrlar. Chaidh i sìos far a robh àsan dh'ionnsaidh an dorais. Seo agad na triùir a rinn e" thuirt is'. Cha do rinn ach chaidh a' rìgh is chaidh 'ad seo briathras an ceangail suas.
"Airson [?] dham chreidsinn" thuirt ise, "an cù a bha còmhla rith" thuirt i, "'s ann leam fhìn a bha 'ad ga thoirt [?] ach cha bhithinnsa aig a [?]. Bha 'ad 'dol gam mharbhadh is a' leithid" thuirt ise, "Sheo agaibh na triùir a rinn e is mharbh na nigheanan eile. Sheo agad an tarbh, na fear falt mór dubh air, cùrlach dubh, is tha na tairbh a riamh bhuaithe sin tha 'ad an t'fhalt [?] mór dubh cùrlach orra.
Is sheo agaibh na madadh-alladh is a' chat fiadhaich. Bha àsan nam buidseach aca, fhios agad. Bhiodh 'ad seo aca, poidhle dhiubh aca, 'dol dhachaidh far na danns', ach cha d' fhuair 'ad gin dhiubh agus chaidh 'ad sin a cheangail suas, chaidh an glasadh suas. Chaidh 'ad a' coimhead mar sin. Bha an cnagan a bha seo, thug esan dhise. Leig i amach an cù. Fairicheadh an cù a mhàthair aice fhéin" thuirt ise. "[?] Thug mi gu leòr dha 'n chù. Bha e cho làn cha mhór gum b' urrainn dha gluasad. Thòisich e air, thig e tarrsaing air an fhear ghlas leis bu leis an cù. Leum e suas. Chuir e spògan mu amhaich, fhios agad. dh'fhalbh e leis an fhear sin dìreach.
"O" thuirt i ris, "na goirtich a' fear sin idir le casan" thuirt ise, "[?] leig e sìos air an ùrlar. Rug àsan air is chuir e na handcuffs air is cheangail e suas, cheangail e rop mu amhach, [?] a chuir as a staigh air n-ais. Cha robh sian ach gun deachaidh [?] chan fhacas a' leithid do shealladh ór is airgead riamh 's a bha staigh ann asin. Thòisich 'ad air a thoirt amach is dh'fhosgail 'ad, bhuail ise doras na rud air choireigin a chìtheadh i gu, dh'fhosgail i toll mhór sin is cha robh sian ach drungaichean ór is airgead is làn dha na huile sian. Rinn an t-àite a bha sin. Rinn e cho beartach an t-àite bha sin. Rinn e na rìghean cho beartach 's gu bheil a' bheartach sin a' ruith orra mun cuairt fhathast. Poidhle dhe gun fhosgladh agus sin an dòigh a thòisich na rìghean a bhith 'fàs beartach le sian.
Fhuair 'ad dhachaidh ach bha an nighean marbh. Fhuair 'ad an nighean marbh ach cha d' fhuair i am bàs a bha àsan 'dol a thoirt dhi, na casan, air bonnaibh a casan a' cumail 's an teine gus a rosaileadh 'ad dhi. Bha ise ag éigheach dhiubh "a' losg thu oirbh [?]?" "Tha sin tuillidh is furasta." Nach robh i uabhasach. Cha robh math dhut sian òrdachadh dhut fhéin. Bha e dìreach air do bheulaibh mar sin. Gun dìth a chur eadaraibh ann an ainm a Dhia, cha tigeadh sian ann asiud dar a chaidh, chuidicheadh Dia thu. Cha do chuimhnich àsan air asiud. Bha esan gone. Chaidh a' chreig a' bhlastadh na pìosan.
Uell, thog mise sia ceud sgeulachd as a leabhar a bha siud is cha deachaidh mi roimh'. Is chaidh an taigh againn na theine is dar a fhuair mi staigh thug mi leam dh'ionnsaigh na sgeilp as a robh e. Bha cuideigin eile ga leughadh is cha do chuir e air n-ais idir as an àit' aige fhéin na cuireadh bha e ac'. Ach cha d' fhuair mi idir e. Bha mi truagh airson na leabhair, na bu truaigh na bha mi airson na creig.
Iain: 'S ann as a' leabhar a fhuair sibh a' sgeulachd an tòiseach, an ann?
Uh-huh.
Iain: Tha mi 'tuigsinn.
Bha an creagan a bha seo aicese agus fhuair i bogsa is biodachan is [?] nach robh eolas aig an fheadhainn seo idir roimh'. Cha toir e air tomhas air lìonadh nan tùir [?] a bha sin, do dh'fhùdar 's do phiollachan is do huile sian gus an do chuir 'ad am moinisg [?] beag biodach i. Cha robh àite as a' stadadh i nach rachadh 'ad pioc dhe a chomhair uiste. Bha i [?] suas, bha i 'deanamh drochaid. O iasg, iasg, iasg, cha cuala tu riamh a leithid. A Mhoire mhàthair, bha sgeul[?] oirre siud. Uell, bhiodh ad shuas againne dar a bha 'ad shuas air a' bhaile shuas. Bhiodh 'ad a' falbh aig trì uairean 'sa mhadainn. Shaoileadh tu gur e ann a [?] froilig a bh' ann.
Iain: A bheil cuimhn' agad a nist gu dé thachair do nighean na banndraich?
Có? An nighean? O chaidh i sin a' breith orra tràth is i fhéin a mhabhadh, ach Ìos, Ìos 's ann airson seo a bha 'ad. Bha toil aca an t-airgead fhaighinn, fhios agad. Bha a' mhallachd aig an airgead is cearbach duine as aonais. Ach shin agad mar a bhios e.
Iain: 'S ann, dìreach. Agus an e sin crìoch na sgeulachd?
'Se. 'Se.