O hiù ra bho hil o ro ho
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF001i05 O HIÙ RA BHO HIL O RO HO
Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis
Séist: O hiù ra bho hil o ro ho
Tha sgeul ùr a' tighinn dha'n bhaile,
Chan e sgeul a bh' ann ach naidheachd,
Chan e sgeul a bh' ann ach naidheachd,
Gun do réitich mo chiad leannan,
O ma réitich cha bu mhath leam,
'S i na bha nam blàth-shùil meallach,
'S i na bha nam blàth-shùil meallach,
'S i na dh' aois an dreachd mo leannan,
'S i na dh' aois an dreachd mo leannan,
Taobh [?] a bhannan,
Taobh [?] a bhannan,
Faileadh an t-sùbh-chraobh dha d' anail,
Faileadh an t-sùbh-chraobh dha d' anail,
'S òg thug mi fhìn dhut gealladh,
'S òg thug mi fhìn dhut gealladh,
'San lagan uaine a' buain an darraich,
'San lagan uaine a' buain an darraich,
Chì mi, chì mi, chì mi thallad,
Chì mi, chì mi, chì mi thallad,
Chì mi na féidh air air a' bhearradh,
Chì mi na féidh air air a' bhearradh,
'S an gìomanach donn ga leanaid,
'S an gìomanach donn ga leanaid,
Le gunna caol, 's le d' bhreacan bhallach,
Le gunna caol, 's le d' bhreacan ballach,
Dh'fhàg thu an damh donn gun anail,
Dh'fhàg thu an damh donn gun anail,
Dìreadh bheann 's tèarnadh ghleannan,
Dìreadh bheann 's a' tèarnadh ghleannan,
Bidh do mhìolchoin sgìth ga leanailt,
Bidh do mhìolchoin sgìth ga leanailt,
Bidh do ghillean sgìth ga tharraing,
Bidh do ghillean sgìth ga tharraing,
Chì mi, chì mi, chì mi thallad,
Chì mi, chì mi, chì mi thallad,
Chì mi na féidh air air a' bhearradh,
Notes (fieldnotes):
Copy from recording made c. 1974.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 234